An t-seachdain sa chaidh bha mi ag innse dhuibh mun Bhrataich Shìth – no Fairy Flag – ann an Caisteal Dhùn Bheagain anns an Eilean Sgitheanach.
Bhathar ag ràdh – nuair a bhiodh i air a togail aig àm spàirne, gun tigeadh feachd mhòr shìthichean. Bhiodh na sìthichean a’ toirt taic do na daoine leis
an robh a’ bhratach.
Ge-tà, bha cùmhnant an cois sin. Bhiodh e a’ tachairt dìreach trì tursan. Às dèidh sin, chan obraicheadh draoidheachd na brataich tuilleadh. No, nas miosa
na sin, thachradh sgrios. Thuirt Coinneach Odhar, am fiosaiche, a rèir choltais, gum faigheadh an ceathramh Tormod – an ceann-cinnidh – bàs ann an tubaist;
gun gabhadh Caimbeulach sealbh air na stacan air a bheil “Maighdeannan MhicLeòid”; gum biodh àl aig galla sionnaich ann an tùr ann an Caisteal Dhùn
Bheagain; agus gum biodh a’ Bhratach Shìth air a toirt a-mach airson an treas turais. Nuair a thachradh a h-uile càil a bha sin, thuirt e, dh’fhalbhadh
glòir nan Leòdach.
Ach cia mheud turas a thogadh a’ bhratach? Chan eil sin soilleir. Agus chan eil e soilleir – ged a bha i an làthair aig batail no dhà, an robh i air a
toirt a-mach is air a sealltainn do na saighdearan. A rèir beul-aithris, bha i an cois nan Leòdach aig Blàr Bàgh na Fala ann am Muile timcheall na bliadhna
ceithir cheud deug is ochdad (1480). Bha na Leòdaich a’ toirt taic do Eòin, Tighearna nan Eilean, ann an cogadh an aghaidh a mhic, Aonghas Òg. Feumaidh
nach deach a’ bhratach a thogail air an latha sin oir chaill Eòin.
Cuin, ma-thà, le cinnt a chaidh a’ Bhratach Shìth a thoirt a-mach às a’ bhogsa sa bheil i, is a thogail air beulaibh dhaoine? ’S dòcha aig cathannan eadar
na fineachan anns an Eilean Sgitheanach. Cathannan leithid ann an Gleann Sligeachan aig deireadh a’ cheathraimh linn deug, Gleann Dail anns a’ chòigeamh
linn deug, no san Trùmpan no Bhatairnis anns an t-siathamh linn deug.
Anns an Trùmpan, chuir feachd de Dhòmhnallaich Chlann Raghnaill à Uibhist teine ri eaglais nuair a bha coitheanal Leòdach na broinn. Rinn iad sgrios agus
chaidh mnathan is clann gu leòr a mharbhadh. Ach mus d’ fhuair muinntir Chlann Raghnaill air falbh, thàinig feachd Leòdach à Dùn Bheagain. Cha robh mòran
dhiubh ann ach thug iad leotha a’ Bhratach Shìth. Sa mhionaid a chaidh a’ bhratach a thogail, bha coltas ann gun robh na ceudan ghaisgeach aig na Leòdaich.
Rinn iad a’ chùis air na Dòmhnallaich. ’S e glè bheag de na Dòmhnallaich a rinn dol-às.
Tha cuid ag ràdh
nach deach a’ Bhratach Shìth a thoirt a-mach ach dà thuras thuige seo. Ge-tà, tha aithris ann gun deach a toirt a-mach ann an dìomhaireachd airson
treas turais
ann an seachd ceud deug, naochad ’s a naoi (1799). Goirid às dèidh sin, fhuair an ceathramh Tormod ann an sreath a bha na cheann-cinnidh bàs aig muir;
cheannaich Caimbeulach Maighdeannan MhicLeòid; rugadh àl do ghalla sionnaich a bha na peata do dh’fhear MacIlleathain a bha a’ fuireach
ann an tùr ann an Caisteal Dhùn Bheagain; agus shearg mòran dhen chumhachd is glòir a bh’ aig Clann ’ic Leòid o shean. Ach thuirt Coinneach Odhar aon rud
eile – gun tilleadh an glòir dhaibh nuair a dh’èireadh ceann-cinnidh ùr air an robh Iain Breac. ’S dòcha gu bheilear a’ feitheamh ris fhathast.