Nuair a tha i air a togail aig àm spàirne, thig na sìthichean is bheir iad taic do na daoine leis a bheil i. Tachraidh sin, ge-tà, dìreach trì tursan. Às
dèidh sin, chan obraich i tuilleadh. Cò air a tha mi a-mach? Rudeigin anns an Eilean Sgitheanach. Rudeigin ainmeil a bha, agus a tha, le Clann ’ic Leòid.
Clann ’ic Leòid Dhùn Bheagain.
Tha mi cinnteach, ma tha sibh eòlach air eachdraidh an Eilein Sgitheanaich, gum bi fios agaibh gu bheil mi a’ bruidhinn mun Bhrataich Shìth – The Fairy Flag. Tha a’ bhratach seo air a dèanamh de shìoda. Tha i air a cumail ann an Caisteal Dhùn Bheagain. Tha i uabhasach sean. Agus
uabhasach prìseil.
A rèir stòiridh à beul-aithris, bha Leòdach air choreigin air eilthireachd don Tìr Naoimh. Bha e an sàs ann an Cogaidhean na Croise. Latha
a bha seo, bha ar gaisgeach a’ dol tarsainn abhainn nuair a thug sìthiche ionnsaigh air. Bha strì mhòr ann eadar an dithis. Ach rinn
MacLeòid a’ chùis air an t-sìthiche. Mar thoradh air a bhuaidh, thug an sìthiche duais do MhacLeòid. ’S e a bh’ ann bogsa fiodha anns an robh bogsaichean
na bu lugha, an ath fhear na bu lugha na ’m fear roimhe. Bha iad car coltach ris na liùdhagan ainmeil Ruiseanach air am bi sibh eòlach.
Dh’fhosgail MacLeòid bogsa às dèidh bogsa. Dh’fhosgail e am bogsa mu dheireadh. Na bhroinn bha ceàrnag de shìoda buidhe. ’S e bratach a bh’ ann – A’
Bhratach Shìth. Agus bha dualchas na cois. Nan togadh neach a’ bhratach, nochdadh sluagh mòr de ghaisgich armaichte airson taic a thoirt
dha.
Ach bha rabhadh na cois cuideachd. Nan robh i air a togail taobh a-staigh latha is bliadhna bhon latha sin, chan fhàsadh bàrr sam bith air an fhearann aig
a’ ghaisgeach Leòdach airson latha is bliadhna eile. Tron ùine sin, cha bhiodh uain aig caoraich, no laoigh aig crodh, no leanabh aig teaghlach air an
fhearann sin.
Thill MacLeòid don Eilean Sgitheanach agus thug e am bogsa don cheann-chinnidh aige. Thug an ceann-cinnidh am bogsa do a bhean. Agus thachair e dìreach mar
a chaidh innse ro làimh. Nochd arm shìthichean. Ach cha do dh’fhàs bàrr. Agus cha do rugadh uan, laogh no leanabh – airson latha is bliadhna.
Chan eil fhios cò às a thàinig a’ bhratach bho thùs. Tha beachd ann gum buineadh i o shean do Rìgh Nirribhidh – Harald Hardradr. Thathar a’ smaoineachadh
gun tàinig an sìoda, às an deach a’ bhratach a thogail, às an Ear-mheadhanach. Agus, na òige, bha Harald ag obair do dh’Ìmpire Chonstantinople. Bha a’
bhratach a’ barantachadh buaidh ann an cath. Chan eil mi cinnteach, ge-tà, an robh i aig Harald aig Blàr Drochaid Stamford anns a’ bhliadhna mìle, seasgad
’s a sia (1066). Chaill Harald an sin do dh’arm nan Sasannach.
Anns an arm aige air an latha sin bha fear Goraidh Cròbhan, a tha ainmeil ann an eachdraidh nan Gàidheal. Dh’èirich Goraidh gu bhith na cheannard air
rìoghachd a bha a’ gabhail a-steach Eilean Mhanainn agus pàirtean de dh’Alba is Èirinn. An d’ fhuair esan a’ Bhratach Shìth bho Harald? Agus an d’ fhuair
a’ chiad Leòdach i bho Ghoraidh? Cò aige a tha fios. Bheir sinn sùil a bharrachd air a’ Bhrataich Shìth an ath-sheachdain.