Bha mi a’ bruidhinn an t-seachdain sa chaidh mu Sheachd Cadalaichean an t-Saoghail no The Seven Sleepers of the Earth – creutairean a
bhathar a’ smaoineachadh a chuireadh seachad an geamhradh ann an Alba, seach a bhith a’ falbh a dhùthaich chèin. Tha fhios gun robh Gàidheil na h-Alba
eòlach orra ach cha d’ fhuair mi liosta dhiubh ann an Gàidhlig. Ge-tà, fhuair ann an cànan a tha gu math dlùth ris an tè againn fhèin – Gaelg no
Gàidhlig Eilean Mhanainn. Ach, mar a chì sibh, tha barrachd na seachd ann oir, ged a bha daoine ag aontachadh nach robh ann ach seachd, cha robh iad ag
aontachadh dè bh’ annta!
Seo na Seachd Cadalaichean ann am beul-aithris Mhanainneach (ged a tha mi a’ cur ainmean Albannach orra): an ialtag, a’ chuthag, an clacharan, an
gobhlan-gaoithe, an t-seilcheag, an dallag, an dealan-dè, an seillean agus an dearc-luachrach. Tha mi an dòchas gun do thuig sibh na h-ainmean sin uile: an
ialtag (no bat), a’ chuthag (no cuckoo), an clacharan (no stonechat), an gobhlan-gaoithe (no swallow), an t-seilcheag
(no snail), an dallag (no dormouse), an dealan-dè (no butterfly), an seillean (no bee) agus an dearc-luachrach (no lizard).
’S e sin liosta gu math inntinneach, nach e – ged a tha eagal orm gun robh na seann daoine ceàrr mun chuthaig, clacharan is gobhlan-gaoithe. Bidh iadsan a’
falbh air sgèith don leth-chruinne mu dheas anns a’ gheamhradh. Thèid iad à fianais ach cha tèid iad a chadal. Agus tha cearcall-beatha aig an dealan-dè a
tha a’ fàgail nach bi a leithid a’ nochdadh anns a’ gheamhradh.
Ann an cànanan Eòrpach eile, thathar a’ dèanamh ceangal eadar an àireamh seachd agus cadal. Mar eisimpleir ann an Suaineis tha sjusovare
(“seachd-cadalaiche”) a’ ciallachadh cuideigin a tha a’ faighinn cadal trom airson ùine ro mhòr. Tha faclan coltach ri sin ann an Gearmailtis is Ungairis
cuideachd. Thathar a’ smaoineachadh gun tàinig sin bhon traidisean Chrìosdail co-cheangailte ri Seachd Cadalaichean Ephesus a dh’ainmich mi an t-seachdain
sa chaidh.
Mus fhàg mi an àireamh seachd, an cuala sibh riamh an abairt Sìde nan Seachd Sian ? Tha sin a’ ciallachadh sìde no aimsir a tha
fìor dhona. Nise, tha am facal sian a’ ciallachadh “stoirm”. Ach chan eil mi an dùil gu bheil an abairt seo a’ ciallachadh the weather of the seven storms. Tha sian cuideachd a’ ciallachadh element. Tha mi an dùil gu bheil Sìde nan Seachd Sian a’ ciallachadh the weather of the seven elements – a h-uile seòrsa aimsir a dh’fhaodadh a bhith ann, còmhla.
Ach dè tha anns na seachd siantan no dè bh’ annta anns an t-seann aimsir? Uill, a rèir Dwelly, seo iad: teine, èadhar, talamh, uisge, deigh, gaoth agus
dealanaich. Teine, èadhar, talamh, uisge, deigh, gaoth agus dealanaich. Na seachd siantan, co-dhiù ann am beachd nan seann Ghàidheal.
Agus a rèir choltais chanadh neach ri neach eile, nam biodh e a’ dèanamh mallachd air: “Deireadh nan Seachd Sian Ort!” Tha mi an dùil gum
biodh sin a’ ciallachadh gun tigeadh beatha an duine eile gu crìch ann an dòigh uabhasach.
Bheir sinn sùil a bharrachd air an àireamh seachd an ath-sheachdain ach tha mi airson tòimhseachan a thoirt dhuibh an-dràsta. Dè th’ ann an Oidhche nan Seachd Suipearan. Oidhche nan Seachd Suipearan. Innsidh mi dhuibh anns an ath Litir.