An cuala sibh riamh mun rud ris an canar Seachd Cadalaichean an t-Saoghail? Ann am Beurla canaidh iad The Seven Sleepers of the Earth.
Seachd Cadalaichean an t-Saoghail. Thàinig an gnothach gu m’ aire o chionn ghoirid ann an leabhar mun Mhonadh Ruadh anns a bheil seann
sgrìobhaidhean aig an eòlaiche-nàdair, Seton Gordon. Bha bodach a bha seo na stalcaire anns a’ mhonadh. Latha a bha seo bha e cuide ri Gordon agus
dh’fhaighnich e dheth gu dè bha anns na Seachd Cadalaichean.
Gu mì-fhortanach chan eil an còmhradh gu lèir air a chlàradh agus cha do rinn Gordon liosta de na Seachd Cadalaichean. ’S e an aon fhear a chaidh
ainmeachadh eun beag ris an canar a’ bhrù-gheal. ’S e wheatear no stonechacker a chanas daoine ris ann am Beurla. Ach ’s dòcha
gun robhar a’ ciallachadh a’ chlacharain no stonechat.
Bha am bodach Gàidhealach dhen bheachd gun robh a’ bhrù-gheal a’ cur seachad a’ gheamhraidh le bhith a’ faighinn cadal na feòraig no cadal a’ gheamhraidh. Thuirt e ri Gordon gum fac’ e an t-eun seo a’ tighinn a-mach à toll anns an talamh as t-earrach. Feumaidh gun robh
an t-eun dìreach a’ dùsgadh às dèidh a’ gheamhraidh.
Uill, cha robh Gordon ag aontachadh ris idir. Bha fianais làidir ann, sgrìobh e, gum bi a’ bhrù-gheal a’ geamhrachadh ann an tìrean cèin agus a’ tilleadh a
Bhreatainn as t-earrach. Chan e “cadalaiche” a th’ ann idir.
Bha mi airson faighinn a-mach dè na creutairean eile a bh’ air an tomhas anns an t-seann aimsir mar Sheachd Cadalaichean an t-Saoghail. Rinn mi beagan
rannsachaidh air a’ chuspair. Ma tha sibh eòlach air fèilltean nan Eaglaisean Crìosdail, ’s dòcha gum bi fios agaibh gun robh Fèill nan Seachd Cadalaichean
ann aig an àm seo dhen bhliadhna – air an t-seachdamh latha fichead (27) dhen Iuchar.
Bha an fhèill sin stèidhichte air tachartas ann an Ephesus, a tha an-diugh san Tuirc, timcheall na bliadhna 250 AC. Bha seachdnar fhear òga ann an Ephesus
a bha nan Crìosdaidhean. Dhiùlt iad adhradh a dhèanamh do dh’ìomhaigh mar a dh’iarr an t-Ìmpire orra. Theich iad gu uamh anns na beanntan. Ach dh’òrdaich
an t-Ìmpire beul na h-uamha a dhùnadh, agus na fir na broinn.
Bha dùil gun robh an seachdnar air bàs fhaighinn. Ach anns a’ bhliadhna ceithir cheud, seachdad ’s a naoi (479) AC, bhris tuathanach a-steach don uaimh.
Fhuair e a-mach nach robh na fir marbh. Bha iad dìreach air a bhith nan cadal. Nuair a chaidh iad a dh’Ephesus chunnaic iad gun robh Crìosdachd air a bhith
buadhach agus bha iad air leth toilichte. Chomharraich an Eaglais an gnothach mar mhìorbhail.
Cha d’ fhuair mi a-mach a bheil ceangal sam bith ann eadar an traidisean Crìosdail agus na bha bodach a’ Mhonaidh Ruaidh a’ ciallachadh. Bha esan a’
bruidhinn air seachd creutairean a tha a’ cur seachad a’ gheamhraidh nan cadal mus èirich iad às ùr as t-earrach. Ach carson a thathar a’ tomhas gu bheil
seachd ann? Chan eil mi cinnteach.
Co-dhiù, fhuair mi fiosrachadh mun chùis co-cheangailte ri cànan a tha gu math dlùth ris an tè againn fhèin – Gàidhlig Eilean Mhanainn. Agus innsidh mi
dhuibh dè th’ anns na Seachd Cadalaichean Manainneach an ath-sheachdain.