Bha An t-Urr Alexander Pope na mhinistear ann am Meaghrath ann an Gallaibh anns an ochdamh linn deug. Anns a’ bhliadhna seachd ceud deug, trithead ’s a
naoi (1739) no mar sin, chruinnich e beul-aithris Ghàidhlig ann an Gallaibh. Ann am bliadhna nuair a tha am Mòd Nàiseanta gu bhith ann an Gallaibh,
saoilidh mi nach dèan e cron sam bith sùil a thoirt air an obair aige.
Am measg na chruinnich e bha Duan Diarmaid. Seo na sgrìobh e fhèin mu dheidhinn:
Tha bodach anns an sgìre seo a bheir dheth a bhonaid gach turas a ghabhas e “Duan Diarmaid”. Fhuair mi a-steach don taigh agam e, thug mi botal leann
dha agus dh’iarr mi air “Duan Diarmaid” a ghabhail. Às dèidh còmhradh beag, thuirt e gun dèanadh e sin airson ministear a pharaiste a thoileachadh ach
thug e a bhonaid dheth. Dh’iarr mi air stad agus a bhonaid a chur air. Ach thug e leisgeul air choreigin.
Cho luath ’s a thòisich e air seinn, dh’èirich mi agus chuir mi a bhonaid air a-rithist. Rinn e guidheachan agus dhiùlt e an tuilleadh a ghabhail mura
leiginn leis a cheann fhàgail gun cheann-bheart. Thug mi a shaorsa dha agus sheinn e gu foghainteach. An uair sin dh’fhaighnich mi dheth gu dè an
t-adhbhar a bh’ aige [a bhith a’ seinn gun cheann-bheart]; thuirt e rium gur e urram don ghaisgeach a bu choireach [a’ ciallachadh Diarmaid].
Dh’fhaighnich mi dheth an robh e dhen bheachd gun robh spiorad a’ ghaisgich an làthair; thuirt e nach robh ach gun robh e iomchaidh dhaibhsan a bha na
shliochd a bhith a’ toirt urram do a chuimhne.
Tha ochdad ’s a còig loidhnichean anns an duan. Chan eil e furasta a leughadh oir cha do sgrìobh Mgr Pope a’ Ghàidhlig leis an t-siostam litreachaidh a th’
againn an-diugh. Tha an duan a-mach air mar a mharbh Diarmad an torc nimhe airson dearbhadh do Fhionn MacCumhail gun robh e airidh air Gràinne a bhith aige
mar bhean-chèile.
’S aithne dhomh trì àiteachan ann an Alba far a bheilear ag ràdh gun do mharbh Diarmad an torc – Gleann Sìdh, Tòrr an Tuirc faisg air an Òban agus Beinn
Laghail ann an Dùthaich MhicAoidh. De na trì àiteachan sin, ’s e Beinn Laghail as fhaisge air Meaghrath ann an Gallaibh. Gu dearbh, chithear a’ bheinn à
Meaghrath air latha soilleir. Ach gu h-inntinneach tha an duan a chruinnich Mgr Pope ann an Gallaibh a’ gabhail àite ann an Gleann Sìdh, seach ann an
Dùthaich MhicAoidh.
Am measg na chruinnich e tha sgeulachdan na Fèinne a tha a’ toirt a-steach Fionn, Oisean, Oscar, Caoilte is Conlaoch – na laoich air a bheil sinn eòlach
bho sgìrean eile. Ach tha stòiridh aige nach fhaca mi ann an àite sam bith eile – Duan Learmoin. Tha Oisean, mac Fhinn, a’ caoidh mar a chaill
rìoghachd athar gu dubh aig làmhan nan Lochlannach.
B’ e Learmon fear cumhachdach a bh’ ann an co-bhanntachd le Fionn. Ach nuair a nochd cabhlach mòr à Lochlann, cha robh Learmon deònach cath a chur. Lagaich sin na Gàidheil agus thug na Lochlannaich buaidh orra. Saoil an robh an sgeulachd sin na chomharra air rudeigin a
thachair ann an eachdraidh nan Gàidheal – eadhon ann an Gallaibh – o chionn fhada?