Thòisich An t-Urr Alexander Pope mar mhinistear ann am Meaghrath ann an Gallaibh ann an seachd ceud deug, trithead ’s a ceithir (1734).
Bha e anns an dreuchd sin fad ceathrad ’s a h-ochd bliadhna.
Mar a bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh, ’s e duine foghainteach làidir a bh’ ann. Bhiodh e a’ toirt bata leis airson daoine a “bhrosnachadh”
a dh’ionnsaigh na h-eaglaise. ’S e “am bàillidh” a chanadh e ris a’ bhata.
Bha fear anns an sgìre aig an robh baile fearainn. Bha boireannach a’ fuireach aige agus bha dithis chloinne aca, ach cha robh iad pòsta. Latha a bha seo,
nochd e mu choinneamh Seisean na h-Eaglaise. Thuirt Mgr Pope ris gun robh e na pheacach. Dh’iarr am ministear air a pheacaidhean aideachadh anns an eaglais
air an ath Shàbaid. Agus dh’iarr e air gealltainn gun cuireadh e e fhèin fo lagh is ùghdarras na h-Eaglaise.
“Mus dèan mi càil dhen t-seòrsa,” thuirt an duine, “faodaidh sibh m’ fhiacail mu dheireadh a spìonadh às mo bheul.”
“Chì sinn,” thuirt am ministear.
Dh’aontaich an Seisean gun rachadh triùir de na h-èildearan as làidire gu taigh an tuathanaich madainn na Sàbaid. Bheireadh iad air dhol don Eaglais.
Nuair a thàinig madainn na Sàbaid, rinneadh sin. Chuir na h-èildearan an tuathanach fo smachd. Chuingealaich iad e le ròpan, agus thug iad air dhol don
eaglais.
Nuair a ràinig iad an eaglais, dh’iarr Mgr Pope air na h-èildearan an tuathanach a cheangal ri being. Aig deireadh an t-searmoin thuirt e ris an duine bhon
chùbaid, “Thuirt thu gum faodamaid an fhiacail mu dheireadh a spìonadh às do bheul mus biodh tu far a bheil thu. Ach, a bhleigeird bhochd, càite a bheil
thu a-nis?!” ’S e ministear cruaidh a bh’ ann.
Bha Alexander Pope fada an aghaidh deoch làidir. Latha a bha seo, thàinig an tè a bha a’ ruith an taigh-sheinnse thuige. Bha sianar choigreach a-staigh
aice. Bha iad air cus òl agus bha iad a-nise a’ sabaid. Bha an t-eagal oirre gun dèanadh iad sgrios.
Dh’iarr am ministear oirre àradh a chur ri balla an taighe agus cuinneagan a lìonadh le uisge. Chaidh e suas air a’ mhullach leis na cuinneagan, thug e air
falbh gu leòr dhen tughadh agus dhòirt e an t-uisge air na drongairean a bha fodha. Thàinig na drongairean a-mach, deiseil airson sabaid leis. Ach bha am
ministear a’ feitheamh riutha air an talamh, agus “am bàillidh” na làimh. Cha robh aon duine aca deònach aghaidh a thoirt air a’ mhinistear agus theich
iad.
Tha stòiridh eile ann cuideachd mu thuras a bha feadhainn ag òl ann am bothan faisg air an eaglais air an t-Sàbaid. Dh’iarr Mgr Pope orra sgaoileadh ach
dhiùlt iad. Bha dusan neach anns a’ ghràisg agus thilg fear dhiubh botal a dh’ionnsaigh ceann a’ mhinisteir. Thug am ministear slaic mhòr leis a’ bhàillidh
air ceann an fhir eile agus thuit e don talamh. Rinn e an aon rud air ceathrar no còignear eile mus do sgaoil iad.
Tha e coltach gun do thagh Mgr Pope èildearan a rèir cho làidir ’s a bha iad, chan ann a rèir cho diadhaidh ’s a bha iad! ’S e sin,
co-dhiù, an cliù aige. Ach dh’fhàg e dìleab Ghàidhlig Ghallach a tha inntinneach. Bheir sinn sùil air sin an ath sheachdain.