An cuala sibh riamh mun Urramach Alexander Pope? Bha e na mhinistear ann am Meaghrath ann an Gallaibh anns an ochdamh linn deug. Bha Gàidhlig aige – gu
dearbh, ’s e coitheanal Gàidhlig a bh’ aige.
Chan eil mi cinnteach dè chanadh muinntir an àite ris ann an Gàidhlig. Tha ainm athar air a chlàradh ann am Beurla mar Hector Paip agus Hector Pope. Ach,
leis nach eil mi cinnteach mu dheidhinn sin, canaidh mi Alexander Pope. Ach tha aon rud cinnteach – nuair a thathar a’ bruidhinn air dualchas Gàidhlig
Ghallaibh chan urrainn Mgr Pope fhàgail an dàrna taobh.
Thogadh e ann an Loth ann an Cataibh. Bha athair na mhinistear anns an Eaglais Easbaigich. Ach chaidh Alexander a-null gu Eaglais na h-Alba. Rinn e ceum
ann an diadhachd ann an Obar Dheathain. A bharrachd air a’ Ghàidhlig, bha comas aige anns na cànanan clasaigeach.
’S e duine foghainteach làidir a bh’ ann agus bhiodh e a’ seasamh ùghdarrais le bata a chumadh e na dhòrn. Bhiodh e a’ cleachdadh a’ bhata air muinntir a’
choitheanail airson am “brosnachadh” a dh’ionnsaigh na h-eaglaise. Nam faiceadh e daoine ri spòrs no dibhearsain air an t-Sàbaid, rachadh e a-mach leis a’
bhata airson an iomain don eaglais. Bha ainm aige air a’ bhata – “am bàillidh”.
Seo stòiridh a chaidh a chlàradh mu dheidhinn, ged nach urrainn dhomh dearbhadh co-dhiù tha e fìor gus nach eil. Bha fear dom b’ ainm
Dòmhnall air iomall na sgìre a bha a’ diùltadh a-muigh no mach a dhol don eaglais. Bha am ministear air fios a chur thuige gu tric, ag iarraidh air dhol
don mhansa. Ach dhiùlt Dòmhnall. Mar sin, chuir Mgr Pope roimhe dhol a chèilidh air Dòmhnall.
Latha a bha seo, chaidh am ministear gu taigh Dhòmhnaill. Ràinig e an taigh anmoch feasgar agus cha do dh’inns e do Dhòmhnall cò e. Bhiodh na Gàidheil a’
toirt cuid na h-oidhche do dhuine sam bith air an robh feum, agus fhuair am ministear fàilte is furan.
Chuir an dithis am feasgar seachad còmhla ann an deagh shunnd, le seanchas gu leòr. Thàinig an t-àm airson a dhol a laighe agus thuirt Mgr
Pope, “Feumaidh tu ùrnaigh a ghabhail, a Dhòmhnaill.”
“Cha dèan mi sin,” fhreagair Dòmhnall.
“Feumaidh tu,” thuirt Mgr Pope. “Bheir mi ort a dhèanamh, agus air do ghlùinean.”
“Huh,” arsa Dòmhnall. “Cha b’ urrainn do eadhon Mgr Pope, am ministear, toirt orm ùrnaigh a ghabhail, làidir ’s ged a tha e.”
“Is mise Mgr Pope,” thuirt am ministear. “Agus leis gur e peacach rag-mhuinealach a th’ annad, tha mi a’ toirt òrdugh dhut dhol air do ghlùinean no bidh
thu a’ gabhail aithreachas.”
Bha Dòmhnall feargach. Sheas e an aghaidh a’ mhinisteir. Rinn an dithis sabaid len dùirn. Agus ’s e Mgr Pope a thug buaidh. Ghèill Dòmhnall dha agus ghabh
e ùrnaigh.
Thàinig atharrachadh air Dòmhnall air an oidhche sin. Thòisich e air a dhol don eaglais is dh’èirich e gu bhith na èildear. Thathar ag ràdh gun robh spèis
mhòr aige don mhinistear agus aig a’ mhinistear dhasan.