FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Sandaidh Dòmhnallach

Bha Sandaidh Dòmhnallach na gheamair air oighreachd an Dail Mhòir

Audio is playing in pop-over.

Sandaidh Dòmhnallach

Bha Sandaidh Dòmhnallach na gheamair air oighreachd an Dail Mhòir anns a’ Mhonadh Ruadh tràth san fhicheadamh linn. Sin an oighreachd ris an canar Mar Lodge ann am Beurla. Bha far-ainm aig Sandaidh – am Brogach. Thàinig e gu ìre – cha robh e na bhrogach tuilleadh – agus bha e fhathast gun a’ mhuir fhaicinn. Latha a bha seo, choisich e tron Làirig Ghrù – astar mòr a th’ ann – gu ruige an Aghaidh Mhòr airson a dhol air an trèana. Bha e a’ falbh a dh’Inbhir Nis. Carson? Airson a’ mhuir fhaicinn! Thathar ag ràdh nach do shaoil e cus dhith!

Thathar ag aithris gun do lorg Sandaidh rudeigin anns a’ mhonadh goirid às dèidh don Chogadh Mhòr a thighinn gu ceann. Bha e dhen bheachd gur e a boma a bh’ ann – co-cheangailte ris a’ chogadh ann an dòigh air choreigin. Thug e an rud dhachaigh leis. Latha a bha seo uaireigin às dèidh sin, bha Sandaidh a’ sealg anns a’ mhonadh cuide ri Prionnsa na Cuimrigh agus sheall e am “boma” don phrionnsa. Thug am prionnsa leis e, agus chuir e e gu Ministreachd an Adhair. Dh’aithnich iadsan an rud sa bhad. Chan e boma a bh’ ann ach lasair-bhoillsg no flare.

Cha robh fios aig muinntir na Ministreachd an toiseach cò às a thàinig an lasair-bhoillsg. Bha e Gearmailteach, ceart gu leòr, ach cuimhnichibh gu bheil sinn a’ bruidhinn air a’ Chiad Chogadh an seo. Cha robh an Luftwaffe a’ toirt ionnsaigh air Alba mar a bha anns an Dàrna Cogadh. Ach bha cuimhne aig muinntir a’ Mhonaidh Ruaidh air itealan Gearmailteach a bh’ air a bhith air sgèith os an cionn anns a’ Chèitean naoi ceud deug is sia-deug (1916). Chan e plèana a bh’ ann ach bàt’-adhair dhen t-seòrsa ris an canar Zeppelin.

Cha b’ e sin a’ chiad turas a bha Zeppelin L20 air a bhith os cionn Bhreatainn. Aig deireadh an Fhaoillich naoi ceud deug is sia-deug, bha i air seachd bomaichean fichead a leigeil air Burton-on-Trent ann an Sasainn.

Aig toiseach a’ Chèitein bha i air ais os cionn Bhreatainn. An turas seo bha i a’ dèanamh air Alba. Bha i ag amas air an drochaid-rèile thar Linne Foirthe a sgrios. Ach bha droch shìde ann. Chaill i Linne Foirthe agus lean i oirre gu tuath. Chuala daoine ann am baile beag Inbhir Eidh i ann am meadhan na h-oidhche. Bha solas air ann am fear de na taighean. Bha an t-eagal air muinntir an àite gun robh na Gearmailtich a’ dol a leigeil boma air a’ bhaile. Ach bha iad ag amas air targaid na bu mhotha na Inbhir Eidh! Lean am bàt’-adhair oirre thairis air Beinn MacDuibh, thairis air a’ Mhonadh Liath agus mu dheireadh thairis air Linne Mhoireibh.

Bha Zeppelin L20 a-nise gann de chonnadh. Bha an caiptean, Kapitänleutnant Stabbert, ag iarraidh a thilleadh don Ghearmailt no a laighe sa mhuir gu siar air an Danmhairg. Ach cha robh connadh gu leòr aige airson sin. Mar sin, rinn i air Nirribhidh. Ach bha tubaist aice ann an Nirribhidh agus chaidh an t-itealan a sgrios. Chuireadh an criutha don phrìosan mar phrìosanaich-chogaidh. Cha chuireadh Zeppelin L20 dragh air muinntir a’ Mhonaidh Ruaidh – no duine sam bith eile – tuilleadh.

Litir 570 Litir 570 Litir 572 Litir 572

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!