Ann an Siorrachd Pheairt, faisg air Àth Maol Ruibhe, tha Gleann Cuaich. Anns a’ ghleann tha loch air a bheil Loch Fraochaidh. Ciamar a
fhuair an loch ainm? A bheil e co-cheangailte ris an lus – fraoch? Uill, ’s dòcha nach eil, co-dhiù a rèir beul-aithris.
Tuigidh sibh gur e ainm boireann a th’ ann an Heather. Ach, ann am beul-aithris, ’s e ainm fireann a th’ ann am Fraoch. Cha bhiodh e iomchaidh Fraoch a
bhith air boireannach mar ainm oir tha am facal cuideachd a’ ciallachadh “fearg”! Anns an stòiridh thraidiseanta seo ’s e Fraoch ainm fir. Tha mi a’ dol a
dh’innse dhuibh Mar a Fhuair Loch Fraochaidh Ainm.
Bha boireannach uaireigin a’ fuireach anns an sgìre. ’S e Maoidh an t-ainm a bh’ oirre. Ghabh i trom ghaol air Fraoch – Fraoch Mac Maothaich, am fear a bu
mhaisiche san Fhèinn. Bha nighean aig Maoidh. ’S e Aoirlinn an t-ainm a bh’ oirre. Bha i air leth maiseach. Thug Fraoch a ghràdh do dh’Aoirlinn agus phòs
iad. Bha Maoidh feargach. Chuir i roimhpe cur às do Fhraoch.
Dh’fhàs Maoidh tinn. Thuirt i nach robh ann ach aon nì a bhiodh na leigheas dhi. Seo mar a dh’aithris i a’ chùis: “Fon ghrèin chan eil leigheas, mo
thruaighe, ach caorann an Eilein Fhuair, ’s gun duine ga bhuain ach Fraoch.”
B’ e an t-Eilean Fuar eilean bòidheach anns an loch. Anns an eilean bha craobh-chaorainn a’ fàs. Ach cha b’ urrainn do dhuine dhol faisg air a’ chraoibh
oir bha biast mhòr a’ fuireach aig a bonn.
Ach bha Fraoch misneachail is gaisgeanta. Shnàimh e a-mach don eilean. Lorg e a’ chraobh-chaorainn. Aig a bonn bha a’ bhiast – ach bha i na cadal. Shràic
Fraoch geugan far na craoibhe agus dh’fhalbh e leotha. Thug e do Mhaoidh iad.
Cha robh dùil aig Maoidh gun tilleadh Fraoch. Bha i an dòchas gun cuireadh a’ bhiast às dha. Nuair a chunnaic i an geug caorainn, cha robh i taingeil idir.
Thuirt i ri Fraoch nach robh i sàsaichte leis a’ gheug. Bha i ag iarraidh na craoibhe gu lèir.
Thill Fraoch don eilean. Bha a’ bhiast na suain aig bonn na craoibhe. Spìon Fraoch a’ chraobh-chaorainn às an talamh. Agus dh’fhalbh e leatha. Ach dhùisg
a’ bhiast. Thug i ionnsaigh air Fraoch. Cha robh sgian aig Fraoch. Ghleac e fhèin is a’ bhiast gus an do thuit iad marbh air a’ chladach.
Chaidh Aoirlinn don loch. Nuair a chunnaic i Fraoch marbh, thuit i na neul air an fheur. Nuair a thàinig i thuige, seo na thuirt i:
’S duibhe na fitheach bàrr d’ fhuilt,
’S gile na ’n gruth caoin do chneas,
’S deirge na ’n caorann do dhà ghruaidh,
’S truagh nach robh sgian aig Fraoch.
Togamaid a-nise an cuan Fhraoich,
Corp an laoich an caisil-chrò;
O ’s truagh nach ann an còmhrag laoch
A thuit Fraoch mun d’ phronn mi deòir.
Nuair a chuala Maoidh mu bhàs Fhraoich, fhuair i ùrachadh na cridhe. Dh’fhàg a dosgainn i. Agus chaidh ainm a’ ghaisgich a thoirt don loch, ris an canar
Loch Fraochaidh chun an latha an-diugh.