Dubh, geal is dearg. Trì dathan a bhiodh gu math aithnichte do na seann Ghàidheil, agus iad ri innse stòiridhean. Dè tha mi a’ ciallachadh le sin? Uill,
bidh sibh eòlach air uirsgeul Deirdre, tha mi cinnteach. Deirdre agus Clann Uisnich. ’S e an sgeulachd seo tè ainmeil ann an dualchas nan Gàidheal, an dà
chuid ann an Alba is Èirinn. Tha i co-cheangailte gu làidir ri trì àiteachan ann an Alba – taobh Loch Nis, Gleann Nibheis agus Gleann Eite.
Anns an stòiridh tha Rìgh Uladh, Conachar, ag iarraidh Deirdre a phòsadh. Ach tha i a’ gabhail trom-ghaol air Naois agus tha i a’ falbh a dh’Alba cuide ris
fhèin agus a dhithis bhràithrean, Aillean agus Àrdan.
’S e am fear a tha ag aithris coltas Naois do Dheirdre an toiseach sealgair a tha a’ faighinn a-steach don bhothan aice am measg nam beann. Seo na chanas e
ri Deirdre mu dheidhinn Naois agus a leithid... “lì an fhithich air an gruag, an cneas mar eala nan tonn, an leac mar fhuil an laoigh bhric dheirg, agus an
lùth agus an leum mar bhradan a’ bhoinne-bhrais agus mar fhiadh a’ bhearraidh bhric....” Lì an fhithich – sin dubh. Cneas mar eala nan tonn – geal. Leac
mar fhuil an laoigh bhric dheirg – ’s e sin dearg. Dubh, geal is dearg.
An latha eile, lorg mi dreach eile de dh’uirsgeul Deirdre à Alba. Anns an dreach seo, bha Conachar agus Deirdre a’ dol a phòsadh. Bha an geamhradh ann agus
bha sneachd air an talamh. Mar thoradh air a’ phòsadh, mharbhadh laogh. ’S ann an uair sin a thòisich cùisean air a dhol ceàrr. Mharbhadh an laogh air an
t-sneachd. Thàinig fuil às. Tharraing an fhuil fitheach.
Bha Deirdre a’ coimhead a-mach air uinneag. Chunnaic i an sneachd air an talamh. Chunnaic i fitheach. Bha am fitheach ag òl na fala. Thuirt i ri Conachar,
“Nach bu mhaiseach an duine aig am biodh cneas cho geal ris an t-sneachd, a ghruaidh cho dearg ris an fhuil agus fhalt cho dubh ris an fhitheach.”
Fhreagair an Rìgh gun robh clann peathar aige agus gun robh fear dhiubh air an robh gach buadh a dh’ainmich i. Thuirt Deirdre nach rachadh
i gu leabaidh gus am faiceadh i an duine sin.
Mar sin chuir Conachar fios air mac a pheathar, fear an robh Snaois mar ainm. Thàinig e fhèin agus a dhà bhràthair, Aillean agus Àrdan.
Nuair a chunnaic Deirdre Snaois, bha a cridhe air a lìonadh le gaol dha. Dh’fhàg i an Rìgh agus chaidh i cuide ri Snaois agus a bhràithrean. Fhuair iad
long agus sheòl iad gu ruige a’ Bheinn Àrd.
Dubh, geal is dearg. Chì sibh mar a nochd na dathan sin anns an dreach seo de dh’uirsgeul Deirdre.
Ach bha cuid de luchd-aithris a’ cur dubh don sgeul turas eile. Nuair a chaidh Deirdre agus Snaois – no Naois – air tìr air a’ Bheinn Àird, bha an
Gille Dubh a’ feitheamh orra. Tha cuid dhen bheachd gun robh sin air a’ Gharbh Eileach, tuath air Diùra. Dh’fhalbh Naois agus a bhràithrean a Lochlann.
Fhad ’s a bha iad air falbh, laigh an Gille Dubh le Deirdre. An turas seo chan eil dubh math, agus chan eil sgeul air geal no dearg.