FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An t-Suain

Mar a bha mi ag ràdh an t-seachdain sa chaidh,

Audio is playing in pop-over.

An t-Suain

Mar a bha mi ag ràdh an t-seachdain sa chaidh, bha mi ann an dùthaich nan Sàmi, ann an ceann a tuath na Suain, aig àm na Càisge am-bliadhna. Bha mi a’ sgitheadh tro dhùthaich anns am bi cuid de Shàmi fhathast a’ cumail fèidh-shneachda. Chunnaic mi dà fhiadh a-mhàin. Ach chunnaic mi grunn dhaoine Sàmi air sgutairean-sneachda. Tha dùil a’m gun robh iad a’ coimhead airson fèidh.

Chaidh mi seachad air bailtean anns na beanntan – far nach eil rathad-carbaid sam bith a’ dol – anns am bi Sàmi a’ fuireach aig amannan. Bha taighean ann agus teantaichean anns am bithear a’ smocadh na feòla. Bidh daoine a’ faighinn chun nam bailtean sin sa gheamhradh air sgutairean-sneachda. Tha sin furasta. Chan eil e cho furasta as t-samhradh nuair nach eil sneachd ann.

Air an latha mu dheireadh dhen turas sgithidh agam, thachair mi ri tè Shàmi inntinneach. ’S e Lisa an t-ainm a th’ oirre agus, nuair a thachair mi rithe, bha i a’ còcaireachd reindeerburgers! Bha iad blasta cuideachd! Tha taigh-bìdh snog aig an teaghlach aice ri taobh loch – a bha fhathast reòite nuair a bha mise ann. Bha bratach nan Sàmi aca shuas os cionn an dorais.

Bha còmhradh laghach agam le Lisa mu dheidhinn nan Sàmi. Tha deagh Bheurla is Suaineis aice, ach ’s e Sàmais a bhios i a’ bruidhinn san dachaigh. Dh’innis i dhomh mu shuidheachadh an cànain. Tha ceangal làidir aice don àrainneachd. Ach chaidh dìmeas mòr a dhèanamh oirre san ùine a dh’fhalbh. Bha i air a cumail a-mach à foghlam fad dheicheadan. Dh’inns Lisa dhomh gun robh e eadhon an aghaidh an lagh a bhith ga bruidhinn suas chun nan caogadan dhen fhicheadamh linn.

Tha cùisean air atharrachadh – gu ìre. Tha corra sgoil aca a-nise a tha a’ teagasg tro mheadhan na Sàmais agus tha nàdar de phàrlamaid aca ann am baile Khiruna. Ach ’s e dìreach a’ bheag-chuid de Shàmi aig a bheil an cànan an-diugh, eadhon ann an Nirribhidh far a bheil iad nas pailte. Bidh cuid dhen fheadhainn aig a bheil Sàmais a’ bruidhinn Suaineis rin cloinn, seach Sàmais. Agus tha cuid de Shuainich fhathast a’ dèanamh dìmeas air na Sàmi agus air an cànan is cultar. Thuirt mi ri Lisa gum biodh i a’ faireachdainn gun robh i aig an taigh ann an Alba!

“Tha thu à Alba?” thuirt i. “Tha sin inntinneach.”

“An robh thu ann?” dh’fhaighnich mi.

“Cha robh,” fhreagair i, “ach ’s e uncail m’ athar a thug fèidh-shneachda a dh’Alba iomadh bliadhna air ais.”

“Tha thu a’ ciallachadh Mikel Utzi,” thuirt mi, oir bha mi air cluinntinn mu dheidhinn, ged nach robh mi eòlach air. ’S e Sàmi a bh’ ann, às an t-Suain, agus thug e fèidh-shneachda don Mhonadh Ruadh ann an naoi ceud deug, caogad ’s a dhà (1952). Tha an treud ann fhathast. “An dearbh dhuine,” fhreagair i, “an dearbh dhuine.”

Dh’èigh mi air bana-charaid às an Aghaidh Mhòir a bha cuide rium. “Trobhad seo,” thuirt mi rithe. “Feumaidh tu coinneachadh ris a’ bhoireannach seo.” Tha mo bhana-charaid pòsta aig fear a bha ag obair do Mhikel Utzi aig toiseach nan seasgadan. B’ e an obair aige buachailleachd nam fiadh-sneachda anns a’ Mhonadh Ruadh. Thug mi an dithis bhoireannach còmhla agus, mar a bhiodh dùil, bha còmhradh laghach aca mu fhèidh is sneachd is beanntan.

Litir 567 Litir 567 Litir 569 Litir 569

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!