An t-seachdain sa chaidh bha mi a’ bruidhinn mun lioncs agus mar a tha fianais ann gun robh e beò ann am Breatainn anns a’ chiad mhìle bliadhna às
dèidh Chrìosda. Tha e coltach gur e call nan coilltean a chuir às don lioncs anns an dùthaich seo. Bidh lioncsaichean ag ithe fèidh – earbaichean mar
as trice. Nuair a dh’fhalbh na coilltean, air sgàth mac an duine (rud a thòisich ann an Linn Ùr na Cloiche), dh’fhalbh na h-earbaichean leotha.
Ge-tà, anns an fhicheadamh linn, chaidh mòran choilltean a chur ann an Alba. A bheil sin a’ ciallachadh gu bheil an àrainneachd a-nise freagarrach
airson an lioncs? Uill, tha e coltach gur e freagairt na ceiste sin – tha. Ann an Alba, tha còrr is fichead mìle cilemeatair ceàrnagach de choille
fhreagarrach, a’ chuid as motha dhith air a’ Ghàidhealtachd. Thathar a’ tomhas gum b’ urrainn ceithir cheud lioncs a bhith beò innte. Eadhon ann an
droch gheamhradh, thathar a’ dèanamh dheth gum biodh an àireamh sin mòr gu leòr airson dèanamh cinnteach gum maireadh an lioncs beò anns an ùine fhada.
Tha an lioncs a’ toirt buaidh air an àrainneachd. Bidh e a’ lughdachadh na th’ ann de dh’earbaichean (agus fèidh Sika). Tha sin a’ leigeil le craobhan
òga fàs. Dh’fhaodadh lioncsaichean a bhith glè mhath do choilltearachd agus do nàdarrachd na h-àrainneachd.
Am biodh an lioncs a’ cur ainmhidhean Albannach ann an cunnart? Uill, anns a’ chiad dol a-mach cha bhi iad a’ toirt ionnsaigh air daoine. Tha iad a’
cumail air falbh bho dhaoine mar as fheàrr as urrainn dhaibh. Rinneadh rannsachadh thar bhliadhnaichean air lioncsaichean anns an Eilbheis. A-mach à
sia ceud beathach a mharbh iad, cha robh ann ach aon chapall-coille. Bha trithead ’s a seachd sionnaich ann, ge-tà. Bhiodh an lioncs gu ìre a’ cumail
smachd air sionnaich. Agus dè mu dheidhinn a’ chait fhiadhaich? Uill, tha na h-eòlaichean ag innse dhuinn nach bi iad a’ farpais an aghaidh a chèile
airson biadh. Bho àm gu àm, bidh lioncs a’ marbhadh cat fiadhaich. Ach thathar dhen bheachd gum biodh e na bu choltaiche gum marbhadh iad cat taighe –
an rud as motha a tha a’ cur a’ chait fhiadhaich ann an cunnart ann an Alba.
Agus dè mu dheidhinn caoraich? ’S e Nirribhidh an aon dùthaich anns an Roinn Eòrpa anns a bheil lioncsaichean a’ marbhadh mòran chaorach – eadar còig
is deich mìle gach bliadhna. Ach, ’s e as coireach ri sin gum bi na caoraich a’ falbh do na coilltean gun chìobaireachd. Far a bheil caoraich anns a’
mhonadh fhosgailte no ann am pàircean, mar a bhitheadh ann an Alba, chan eil an suidheachadh faisg air a bhith cho dona.
Anns an Eilbheis, leis gu bheil iad a’ tuigsinn mar a tha an lioncs a’ sealg, tha na tuathanaich air a bhith an sàs ann an cìobaireachd nas
èifeachdaiche. Agus chithear sin anns na figearan. O chionn deich bliadhna chaill tuathanaich na h-Eilbheis faisg air dà cheud caora sa bhliadhna. O chionn ceithir bliadhna chaill iad
dìreach còig-deug.
Anns na Beanntan Harz anns a’ Ghearmailt thathar a’ cleachdadh ìomhaigh an lioncs gu mòr airson luchd-turais a thàladh ann. Dh’fhaodadh an aon rud tachairt
ann an Alba. ’S e mac an duine a chuir às don lioncs anns an dùthaich seo. Nach bu chòir do mhac an duine a bhith co-dhiù a’ beachdachadh air a thoirt air
ais?