FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An Lioncs (1)

Cuin a bha an lioncs beò mu dheireadh ann an

Audio is playing in pop-over.

An Lioncs (1)

Cuin a bha an lioncs beò mu dheireadh ann an Alba? Bidh sibh eòlach air an lioncs, tha mi cinnteach – cat mòr fiadhaich a tha a’ fuireach anns na coilltean ann am mòran àiteachan ann an Àisia agus san Roinn Eòrpa. Bha e uaireigin beò ann an Alba. Ach cuin – agus carson – a dh’fhalbh e mu dheireadh thall?

Uill, chan eil fios le cinnt. Gu o chionn ghoirid bhathar dhen bheachd gun deach an lioncs à bith ann an Alba anns na linntean ro-eachdraidheil, na mìltean bhliadhnaichean air ais. Ach tha e coltach nach eil sin fìor. Bha iad ann am Breatainn ri linn nan Gàidheal.

Agus carson a tha a’ cheist seo cudromach? Tha a chionn ’s mura robh an àrainneachd freagarrach air an son nach biodh adhbhar ann an toirt air ais a Bhreatainn. Ach mas e mac an duine a chuir às dhaibh, dh’fhaodadh mac an duine an toirt air ais.

Tha sreath uamhan ann an Asainte faisg air Innis nan Damh. Tha iad ri taobh allt ris an canar Allt nan Uamh. Chaidh claigeann lioncs a lorg ann an tè de na h-uamhan ann an naoi ceud deug, fichead ’s a seachd (1927). Aig an àm ud, bha na h-eòlaichean dhen bheachd gun robh an claigeann ceithir mìle bliadhna a dh’aois. Bha iad dhen bheachd gun deach an lioncs à bith mun àm sin ann am Breatainn air sàillibh ’s gun do dh’fhàs an aimsir na bu fhliche. Mar sin, cha bhiodh e ceart eadhon a’ smaoineachadh mu dheidhinn a thoirt air ais a Bhreatainn. ’S e bàs nàdarrach a fhuair an cat fiadhaich sin.

Uill, chan eil an sgeul cho sìmplidh sin. Nuair a rinneadh tomhas ceart air aois a’ chlaiginn, le bhith a’ cleachdadh teicneòlas rèidio-charboin, fhuaireadh a-mach nach robh e cho sean sin idir. Bha e dìreach mìle is ochd ceud bliadhna a dh’aois. Bha sin fada às dèidh don aimsir ann am Breatainn fàs na bu fhliche.

Agus, a bharrachd air sin, chaidh cnàmh lioncs a lorg ann an Siorrachd Iorg ann an Sasainn. Chaidh aois a sgrùdadh agus fhuaireadh a-mach gun d’ fhuair am beathach bàs eadar a’ bhliadhna ceithir cheud, fichead ’s a còig (425) agus sia ceud (600) AC.

Agus tha seann dàn ann am Breatannais – no seann Chuimris – à sgìre a tha an-diugh ann an ceann a tuath Shasainn a thathar a’ smaoineachadh a tha ag ainmeachadh an lioncs.

Ged as e lioncs a chanas sinn ris a’ chreutair sin an-diugh – ainm a thàinig bhon Bheurla – anns an t-seann Ghàidhlig, ’s e lug no lugh a chanadh na daoine. Ann an seann fhaclair Èireannach tha an abairt lug-léimnech; tha e a’ ciallachadh “lynx-like leaping”. Bha na Gàidheil eòlach air na beathaichean sin o shean.

Às dèidh na bliadhna dà cheud dheug (1200) chan eil sgeul air an fhacal lugh ann an làmh-sgrìobhainnean Gàidhlig. Chan eil seann sgeulachdan againn dhen lugh no lioncs mar a th’ againn dhen torc. ’S iomadh stòiridh a th’ againn de thuirc nimhe ged a chaidh iadsan à bith ann an Alba o chionn ceudan bhliadhnaichean.

Ach tha aithris ann am Beurla gun robh “lions” uaireigin pailt ann an ceann a tuath na h-Alba. ’S e a’ Chuimris air “lion” llew – facal a tha càirdeach do lugh ann an Gàidhlig agus, is cinnteach, do leo ann an Laideann. Nam biodh “lions” ann an Alba, dè bhiodh annta ach lioncsaichean?

Litir 556 Litir 556 Litir 558 Litir 558

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!