Bha mi a’ coimhead an latha eile air mapa eileagtronaigeach de dh’Alba air làrach-lìn Leabharlann Nàiseanta na h-Alba. Chaidh am mapa a dhèanamh eadar
seachd ceud deug, ceathrad ’s a seachd (1747) agus seachd ceud deug, caogad ’s a còig (1755) le Uilleam Roy. Thogadh Roy ann an Siorrachd Lannraig. Bha
e anns an arm Hanobhèirianach aig àm Ar-a-mach nan Seumasach. Nuair a bha an t-ar-a-mach seachad, chuir ceannardan an riaghaltais romhpa cairt-dùthcha
math a bhith aca de dh’Alba. B’ e sin a’ chiad mhapa a bha stèidhichte air na prionnsabalan tomhais-fearainn as aithne dhuinn an-diugh. Cha robh
loidhnichean co-àirde air ach bha rudan anns na h-àiteachan ceart, gu h-àraidh na bailtean.
Bha ùidh mhòr aig Roy ann an gnothaichean cogaidh. Rinn e tòrr rannsachaidh air na seann champaichean Ròmanach ann an ceann a deas na h-Alba. Mar sin,
bha mi airson faighinn a-mach an robh àite clàraichte aige ann am Bràigh Mhàrr. ’S e an t-àite Càrn na Cuimhne. Ann am Beurla
uaireannan ’s e Carnaqueen a chanas daoine, no The Cairn of Remembrance. Tha e ri taobh Uisge Dè ann an seann Ghàidhealtachd
Siorrachd Obar Dheathain.
Bha mi air gu leòr a chluinntinn mu Chàrn na Cuimhne oir tha e rudeigin ainmeil ann am beul-aithris. Ach, o chionn ghoirid, fhuair mi an cothrom a dhol
a choimhead air. Feumaidh tu coiseachd pìos mòr ri taobh na h-aibhne mus ruig thu an càrn.
A rèir beul-aithris, mus rachadh Clann ’ic Fhearchair gu cath, bhiodh fir na fine a’ coinneachadh aig a’ chàrn. Bhiodh a h-uile duine a bha a’ dol a
shabaid a’ togail clach às an abhainn. Chuireadh e a chlach air a’ chàrn. Nuair a thigeadh na saighdearan dhachaigh an dèidh a’ chatha, bhiodh iad a’
togail clach bhon chàrn is a tilleadh don abhainn. Bhiodh fios an uair sin cia mheud duine a chaidh a mharbhadh. B’ e sin àireamh nan clach a bh’ air
fhàgail air a’ chàrn.
Chan eil fhios dè cho sean ’s a bha an cleachdadh. Tha cuid dhen bheachd gun do thòisich e o chionn fhad an t-saoghail is gur e muinntir na sgìre air
fad a bha an sàs ann is chan e Clann ’ic Fhearchair a-mhàin. Agus cuin a thàinig e gu ceann? Uill, tha cuid ag ràdh gur ann ri linn Mhontròis a sguir
e. Bha sin ceud bliadhna mus robh Uilleam Roy a’ clàradh Alba. Chan eil fhios a’m le cinnt a bheil sin fìor gus nach eil.
Gu mì-fhortanach, chan eil Càrn na Cuimhne air mapa Roy. Tha rudan eile faisg air làimh air a’ mhapa, agus tha cuid dhiubh dìreach mar a tha iad
an-diugh – mar eisimpleir Ballachlaggan (no Bail’ a Chlaiginn) agus Tullochcoy (no Tulach Gaoithe). Ach chan eil sgeul air
Càrn na Cuimhne.
Ach an e “Càrn na Cuimhne” a bu chòir a bhith air? Anns an leabhar aca, The Place Names of Upper Deeside, tha Adhamh MacBhàtair agus
Ealasaid NicAilein ag ràdh gur e Càrn na Coinneimh a bh’ air bho thùs oir ’s ann aig a’ chàrn a bhiodh na saighdearan a’ coinneachadh
aig àm catha. Mus rachadh iad a shabaid bhiodh iad ag èigheachd ainm a’ chùirn. Ge-tà, a rèir aithris, ’s e “Càrn na Cuimhne!” a dh’èigheadh iad seach
“Càrn na Coinneimh!” Nach biodh e math a dhol air ais ann an eachdraidh is èisteachd ris na chanadh na daoine ann an dha-rìribh?