Tha mi cinnteach gun cuala sibh mu Chatrìona Uaibhreach, Ban-ìmpire na Ruis. ’S dòcha gu bheil sibh nas eòlaiche oirre mar Catherine the Great
. Bha i os cionn na Ruis aig deireadh an ochdamh linn deug. Bha i cumhachdach agus tha e coltach gun robh i air leth measail air na fir, ma tha sibh
gam thuigsinn.
Thathar ag ràdh gun robh i measail air lusan cuideachd agus, anns an leabhar aice Seeds of Blood and Beauty: Scottish Plant Explorers, tha Ann
Lindsay ag ràdh gun d’ fhuair an Gàidheal, Iain Friseal, cùmhnant bho Chatrìona airson lusan a chruinneachadh dhi ann an Ameireagaidh.
Chan e a-mhàin gun tug Friseal lusan Ameireaganach don Ruis (agus a Bhreatainn) ach thug e cuideachd lusan Ruiseanach a dh’Ameireagaidh. Am measg sin
bha an siridh ris an canar Tartarian Cherry – air a bheil daoine gu math measail anns na Stàitean Aonaichte fhathast. Nuair a bha e thall –
ann an Tennessee, Kentucky is Ohio – lorg e Rhododendron catawbiense. Thug e sin dhachaigh leis a Bhreatainn – agus bha fèill mhòr air.
Air an turas sin bha Iain còmhla ri a mhac, air an robh Iain cuideachd. Air an rathad dhachaigh, chaidh iad a Chiùba. Ach bha Ciùba ann an làmhan na
Spàinne agus bha an Spàinn agus Breatainn ri cogadh an aghaidh a chèile. Cha robh na Frisealaich airson leigeil a-mach gur e Breatannaich a bh’ annta.
Fhuair iad grèim air ceadan-siubhail fuadain Ameireaganach. Ach chaidh cùisean ceàrr orra bhon toiseach.
Chaidh an long aca air sgeir agus, fad sia latha, chùm iad grèim air sprùilleach na luinge. Thog long Spàinneach iad. Ach, anns an tubaist, chaill iad
na ceadan-siubhail Ameireaganach aca, agus cha b’ urrainn dhaibh dearbhadh gun robh iad “Ameireaganach”. Dh’innis iad eachdraidh bhreugach do
theachdaire Ameireaganach ann an Ciùba. Ghabh esan rithe mar an fhìrinn agus chaidh leigeil leotha cumail a' dol gu Havana.
Fhad ’s a bha Iain air taobh thall a’ chuain, dh’atharraich cùisean gu mòr anns an Ruis. Bha a’ Bhan-ìmpire Catrìona fon fhòid. Bha Friseal an dùil gun
robh an t-Ìmpire ùr – Pòl – mac Catrìona – ag iarraidh nan lusan aige. Ach cha robh Pòl air an rìgh-chathair fada. Bha e air a mhurt ann an ochd ceud
deug ’s a h-aon (1801). B’ e an t-Ìmpire ùr an gille aige, Alasdair. Cha robh Alasdair deònach airgead a thoirt do Fhriseal airson na chruinnich e de
lusan. Chuir Friseal seachad mìosan anns an Ruis, feuch airgead fhaighinn bho na h-ùghdarrasan. Aig a’ cheann thall, fhuair e glè bheag agus dh’fhuiling a shlàinte gu mòr.
Aig aois caogad ’s a seachd, bha Iain Friseal ann an staing a thaobh airgead. Bhiodh aige ri dhol air ais a dh’Ameireagaidh aon turas eile, airson lusan
ùra a chruinneachadh a bhiodh e a’ reic. Nuair a bha e thall, thuit e far each. Cha tàinig piseach air a shlàinte agus chaochail e beagan mhìosan às dèidh
sin ann an ochd ceud deug is aon-deug (1811) ann an Lunnainn.