Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mu Iain Friseal a bha ainmeil airson lusan a chruinneachadh thall thairis. Rugadh e ann an seachd ceud
deug is caogad (1750). Ceithir bliadhna às dèidh sin rugadh Gàidheal eile a bha gu bhith ainmeil airson obair dhen aon seòrsa. B’ esan Gilleasbaig
Mèinnearach – Archibald Menzies. Bha e à sgìre Obar Pheallaidh ann an Siorrachd Pheairt.
Bha athair Ghilleasbaig na ghàirnealair ann an Caisteal nam Mèinnearach. ’S ann le Sir Raibeart Mèinnearach a bha an caisteal. B’ esan a thug an learag
a-steach a dh’Alba – craobh a tha pailt an-diugh. Bha lusan is craobhan de dh’iomadh seòrsa anns na gàrraidhean aige.
Nuair a bha e timcheall air fichead bliadhna a dh’aois, fhuair e obair ann an Dùn Èideann anns an Lios Luibheach Rìoghail. Nuair a bha e ceithir air
fhichead, fhuair Gilleasbaig cothrom dhol timcheall na Gàidhealtachd airson lusan a chruinneachadh. Lorg e lusan ùra a chaidh a chur ris an leabhar le
Lightfoot – Flora Scotica.
Rinn Gilleasbaig cùrsa lus-eòlais le ceannard an Liosa Luibhich – am Proifeasair Hope. An dèidh sin, rinn e cùrsa dotaireachd. An ceann greis fhuair e
obair anns a’ Chabhlach Rìoghail. Cha b’ fhada gus an robh e anns na h-Innseachan an Iar, a’ sabaid an aghaidh nam Frangach. Chaidh e an uair sin a
dh’Ameireagaidh a Tuath agus thòisich e air lusan a chruinneachadh.
Sgrìobh Mèinnearach gu tric don lus-eòlaiche ainmeil, Sir Iòsaph Banks, ann an Lunnainn. Agus thug Banks taic dha. Fhuair an t-Albannach dreuchd air
bòrd long a bha a’ dol timcheall Cape Horn gu ruige an Cuan Sèimh. Thàinig e dhachaigh le cruinneachadh iongantach de lusan is sìl a chuir e
gu Banks agus don Lios Luibheach Rìoghail ann an Dùn Èideann. An uair sin rinn e deiseil airson turas-mara mòr eile – an triop seo le fear a bha a’ dol
a dh’fhàgail ainm air fear de phrìomh bhailtean Chanada – Seòras Vancouver.
Air an turas seo, a mhair trì bliadhna, chuir Gilleasbaig ùine seachad air tìr ann an Astràilia, Tahiti, Hawaii agus taobh an iar Ameireagaidh a Tuath,
far an do chruinnich e mòran lusan a dh’fhàsadh cumanta ann an gàrraidhean Bhreatainn. Agus chruinnich e, a rèir choltais, sìl de chraobh a tha air
leth annasach. Bidh sibh uile eòlach oirre oir tha i a’ fàs ann an gàrraidhean air feadh Bhreatainn. Innsidh mi dhuibh ann am mionaid dè a’ chraobh a
th’ ann.
Chuir Gilleasbaig seachad a’ chuid mhòr dhen chòrr de a bheatha ann an Lunnainn agus na h-Innseachan an Iar. Thug e buaidh mhòr air na bh’ ann de lusan
à thall thairis a bha a’ fàs anns an Roinn Eòrpa. Agus tha mòran lusan air an ainmeachadh às a dhèidh, leithid an genus Menziesia, agus Arbutus menziesii, Chimaphila menziesii, Nemophila menziesii, Penstemon menziesii, Tolmiea menziesii
agus Nothofagus menziesii.
Agus a’ chraobh ainmeil a thug e dhuinn? Uill, air an turas le Vancouver, bha Gilleasbaig aig cuirm ann an Chile còmhla ri Riaghladair na dùthcha, Ambrosio
O’ Higgins. Air bòrd na dìnnearach, bha truinnsear de chnothan ruadha – le cumadh corraig orra – nach fhaca e riamh roimhe. Chuir e feadhainn na phòcaid
agus thug e dhachaigh iad. ’S e sìl a bh’ annta de Araucaria araucana, craobh ris an canar ann am Beurla – the monkey puzzle tree. An robh fios agaibh gur e Gàidheal a thug a’ chraobh sin a Bhreatainn?