FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Bodach Dubh na Mòr-bheinne

’S e am Bràigh Mòr am baile as fhaisge air

Audio is playing in pop-over.

Bodach Dubh na Mòr-bheinne

’S e am Bràigh Mòr am baile as fhaisge air a’ bheinn as àirde ann an Gallaibh – a’ Mhòr-bheinn. Aig 706 meatair os cionn na mara, chan eil a’ bheinn cho àrd sin. Ach tha cumadh brèagha oirre. Co-dhiù, ’s e baile croitearachd a bh’ anns a’ Bhràigh Mhòr, anns an robh sluagh rudeigin mòr a’ fuireach anns an t-seann aimsir. Agus bhiodh na daoine ag innse sgeulachdan do chèile, mar a bhitheadh air feadh na Gàidhealtachd. Tha mi airson tè dhiubh innse dhuibh an-dràsta – Bodach Dubh na Mòr-bheinne.

O chionn fhada nochd coigreach, le falt dubh, anns an sgìre. Bha droch bhliadhna air a bhith ann. Cha do dh’fhàs am bàrr gu math. Cha robh mòran bìdh aig na daoine. Agus chaidh an coigreach bho dhoras gu doras, a’ sireadh biadh. Ge-tà, cha do rinn e obair sam bith airson a chuid bìdh. Chùm muinntir a’ Bhràigh Mhòir coinneamh agus cho-dhùin iad nach robh iad a’ dol a thoirt biadh don choigreach tuilleadh.

An ath latha, chaidh an srainnsear gu taigh agus dh’iarr e biadh. Chaidh a dhiùltadh. Dh’fhalbh e don ath thaigh agus dh’iarr e biadh. Chaidh a dhiùltadh a-rithist. Thachair sin anns a h-uile taigh. Dh’fhàs an coigreach feargach. Bha aon mhuileann anns an sgìre. Chaidh an coigreach – a bha gu math làidir – don mhuileann. Thog e a’ chlach uachdarach, chuir e air a ghualainn i, agus choisich e air falbh a dh’ionnsaigh na Mòr-bheinne. Às aonais na cloiche, chan obraicheadh am muileann. Agus chan fhaigheadh muinntir an àite min-choirce.

Chan fhacas an coigreach a-rithist ach thòisich crodh is caoraich a bhith a’ dol à fianais. Chùm muinntir an àite faire. Airson beagan làithean chan fhaca iad dad. An uair sin chunnaic iad an coigreach. Bha e air fàs mòr mòr. ’S e famhair a bh’ ann. Bha bogha is saighdean aige. Loisg e an damh as fheàrr sa mhonadh le saighead. Chuir e an damh air a ghualainn agus chaidh e dh’ionnsaigh na Mòr-bheinne. Dh’fhalbh na fir às a dhèidh ach thàinig ceò tiugh a-nuas orra agus chaidh am Bodach Dubh à sealladh.

Mar a chaidh an ùine seachad, bha muinntir an àite a’ call rudan prìseil bho na taighean aca. Chan fhaca duine am mèirleach. Ach bha iad deimhinne gur e am Bodach Dubh a bu choireach. Chunnaic iad grunn tursan e ach, gach turas a rachadh iad an tòir air, bhiodh e a’ ruith a dh’ionnsaigh na Mòr-bheinne agus thigeadh an ceò a-nuas orra.

Chuala na daoine mu bhoireannach ann an Cataibh aig an robh bràthair a bha a’ fuireach air a’ Mhòr-bheinn. Lorg iad am boireannach. Dh’aidich i gum b’ i piuthar a’ Bhodaich Dhuibh. Dh’inns i dhaibh mar a bhriseadh iad cumhachd a’ Bhodaich air a’ cheò air a’ Mhòr-bheinn. Bha aon latha sa bhliadhna nuair nach robh an cumhachd sin aige. B’ e sin an seachdamh latha dhen t-seachdamh mìos.

Air an t-siathamh latha dhen Iuchar, chruinnich na fir faisg air a’ Mhòr-bheinn. An ath mhadainn, air an t-seachdamh latha, nochd am Bodach Dubh. Bha e ag iomain crodh. Leum na fir a-mach. Dh’fhalbh am Bodach aig peilear a bheatha a dh’ionnsaigh na Mòr-bheinne. Dh’èigh e faclan neònach ann an Gàidhlig, feuch an ceò a thoirt a-nuas air a’ bheinn. Ach cha tàinig an ceò an turas seo. Agus chunnaic na daoine am Bodach, agus e a’ dol à sealladh tro fhosgladh air cliathaich na beinne. Agus dè thachair an uair sin? A uill, gheibh sibh sin a-mach an ath-sheachdain!

Litir 548 Litir 548 Litir 550 Litir 550

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!