Tha dà bhaile bheag ann an Gallaibh air a bheil Baile a’ Chlaidh – the township of the cemetery. Tha aon Bhaile a’ Chlaidh faisg air
Dùn Bheithe. Tha e rudeigin ainmeil oir lorg airceòlaichean seann rudan inntinneach ann.
Ach tha mi airson stòiridh innse dhuibh a tha a’ tighinn bhon Bhaile a’ Chlaidh eile. Tha sin anns a’ mhonadh letheach-slighe eadar Dùn Bheithe agus
Bhatan. Tha an stòiridh a’ tighinn bho bheul-aithris Ghàidhlig na sgìre, agus ’s e an t-ainm a th’ air “Bana-bhuidseach Bhaile a’ Chlaidh”.
Bha boireannach uaireigin air an robh Am Fitheach mar far-ainm. Nise, do na seann daoine, bhiodh fitheach a’ riochdachadh droch rudan. Chanadh
iad “Bàs an Fhithich Ort!” mar mhallachd. Bhathar a’ creidsinn gum biodh fithich òga a’ marbhadh nan seann fhitheach. Co-dhiù, cha robh deagh bheachd
aig muinntir an àite air an t-seann bhoireannach.
Bha i a’ fuireach ann am bothag faisg air Baile a’ Chlaidh. Bha muinntir an àite gu mòr an urra ri math na bà aig an àm ud. Agus cha robh cùisean a’
dol gu math do chuid. Cha robh mòran bainne no càise aca. Ge-tà, bha gu leòr de na dhà aig teaghlaichean aig an robh càirdeas math don Fhitheach. Bha
an fheadhainn nach robh a’ dèanamh gu math dhen bheachd gu robh am Fitheach air an cur fo dhroch gheasaibh.
Latha a bha seo, air Latha na Bealltainne, thàinig boireannach à Meaghrath a chèilidh air a’ bhana-bhuidsich airson a comhairle fhaighinn. Ach lorg i
am Fitheach ri taobh allt. Bha i a’ ràcadh an fheòir le sìoman; ceangailte ris an t-sìoman bha badan fraoich. Bha am Fitheach ri buidseachd an aghaidh
nan tuathanach.
Gu tric bhiodh daoine a’ faicinn geàrr am measg a’ chruidh. Chaidh coin a chur an tòir oirre. Ach cha deach aig na coin air a’ gheàrr a ghlacadh.
Bhiodh a’ gheàrr a’ faighinn air falbh le bhith a’ ruith a dh’ionnsaigh a’ chlaidh.
Aig amannan bhiodh daoine a’ faicinn na geàrra ann am Camstar – an sgìre gu sear air Baile a’ Chlaidh, thairis air a’ mhonadh. Tha aon chnoc gu deas air
Baile a’ Chlaidh air a bheil “Cnoc na Geàrra” ach chan urrainn dhomh a ràdh co-dhiù chaidh ainmeachadh airson na geàrra seo.
Mhothaich na daoine gum biodh a’ gheàrr an-còmhnaidh a’ ruith anns na frith-rathaidean aig na caoraich. Chuir fear dhiubh ribe ann am frith-rathad.
Airson an ribe a dhìon an aghaidh buidseachd, rinn e an cnagan de dh’fhiodh caorainn. Bidh fios agaibh uile gu bheil a’ chraobh-chaorainn ag obair an
aghaidh buidseachd.
Co-dhiù, chaidh geàrr a ghlacadh anns an ribe. Ach nuair a ràinig an duine i, cha b’ e geàrr a bh’ innte ach boireannach. Am Fitheach. Bhon latha sin
a-mach, bha droch fhortan aig an duine. Beagan mhìosan às dèidh sin, chaidh a bhàthadh ann an Uisge Theòrsa.
Tha crìoch neònach air an stòiridh. Bha dà thursa mhòr nan seasamh faisg air làimh. Chaidh am Fitheach don chiad tursa. Ruith i timcheall air seachd tursan
deiseil, an uair sin seachd tursan tuathail. Rinn i an aon rud aig an tursa eile. Shuidh i air mullach na cloiche is thàinig i sìos. Rinn i sin seachd
tursan. Agus rinn i an dearbh rud air an tursa eile.
Dà latha às dèidh sin, chunnacas i a’ coiseachd a dh’ionnsaigh a’ chinn a deas. Shuidh i greis air àirde a chaidh ainmeachadh Creag an Fhithich às
a dèidh. Agus lean i oirre. Chaidh i tarsainn an Ùird Ghallaich agus cha chuala muinntir Ghallaibh guth oirre tuilleadh.