FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Comhairle Ghallach

Tha sinn fhathast ann an Gallaibh, a’ toirt sùil air

Audio is playing in pop-over.

Comhairle Ghallach

Tha sinn fhathast ann an Gallaibh, a’ toirt sùil air dualchas Gàidhlig na sgìre sin tro bheul-aithris. O chionn ghoirid lorg mi comhairle Ghallach air a’ bhuaidh a bheir deoch làidir air duine. Tha a’ chomhairle ag innse mun bhuaidh a bheir aon ghlainne, dà ghlainne agus trì glainneachan air neach. Tha mi a’ ciallachadh an sin glainneachan de dh’uisge-beatha.

Mus toir mi a’ chomhairle dhuibh, seo agaibh abairt no dhà: Is miste mi sin – “I’m the worse for that”. Is fheàirrde mi sin – “I’m the better for that”. Cha mhiste mi sin – “I’m not the worse for that”. Agus chan fheàirrde mi sin “I’m not the better for that”.

Seo a’ chomhairle, ma-thà: Aon ghlainne, chan fheàirrde ’s cha mhiste. Dà ghlainne, ’s fheàirrde ’s cha mhiste. Trì glainneachan, ’s miste ’s chan fheàirrde. Tha mi an dòchas gun do thuig sibh sin. Seo e ann am Beurla: One glass, not the better of it and not the worse of it. Two glasses, the better of it and not the worse of it. Three glasses, the worse of it and not the better of it.

Lorg mi riaghailt eile dhen aon seòrsa agus tha seo a’ tighinn à Gallaibh cuideachd. Tha e a-mach air a’ chorp agus air an anam. The body and the soul. Seo a’ chomhairle: Aon ghlainne, chan fheàirrde ’s cha mhiste mo chorp no m’ anam e. Dà ghlainne, ’s fheàirrde mo chorp e, ’s cha mhiste m’ anam e. Trì glainneachan, ’s miste m’ anam e, ’s chan fheàirrde mo chorp e. Seo e a-rithist: Aon ghlainne, chan fheàirrde ’s cha mhiste mo chorp no m’ anam e. Dà ghlainne, ’s fheàirrde mo chorp e, ’s cha mhiste m’ anam e. Trì glainneachan, ’s miste m’ anam e, ’s chan fheàirrde mo chorp e. Tha mi an dùil gu bheil sibh ag aontachadh!

Nuair a bha mi ann an Gallaibh o chionn ghoirid chunnaic mi seann tobar ri taobh an rathaid mhòir eadar An t-Òrd Gallach agus Bearghdal. Tha feansa timcheall air. Agus tha clach ann air a bheil seo snaighte: “The Grey Hen’s Well. Erected by the Duke of Portland 1934”. Uill, bha mi airson faighinn a-mach ciamar a fhuair an tobar ainm. Agus bu mhath leam faighinn a-mach dè an t-ainm ceart air ann an Gàidhlig. Tobar na Circe Glaise, ’s dòcha?

Rinn mi beagan rannsachaidh agus fhuair mi trì diofar stòiridhean. Tha cuid dhen bheachd gu bheil an t-ainm a-mach air cearcan a’ choilich-dhuibh a bhiodh a’ cruinneachadh anns an àite sin. Tha cuid eile ag ràdh gun robh uaireigin banntrach a’ fuireach faisg air an tobar. Bha grunn nighean aice agus bha iad uile air leth tarraingeach. Bhiodh fleasgaich na sgìre a’ dol a shuirghe leotha. Ach nuair a thigeadh ciaradh an fheasgair, bhiodh a’ bhanntrach a’ nochdadh airson iarraidh air a nigheanan a dhol dhachaigh. Bha i coltach ri seann chearc a’ trusadh a h-iseanan.

Ach saoilidh mi gur e an stòiridh mu dheireadh am fear as coltaiche. Bha banntrach a’ fuireach faisg air làimh. Bha an duine aice air a mharbhadh aig Blàr Bhatairliù. B’ e a far-ainm “The Grey Hen” ann an Gàidhlig – a’ Chearc Ghlas, tha mi an dùil. Às dèidh a bàis thuit an taigh aice às a chèile. Ach chaidh stairsneach an taighe a chur gu feum mar leac an tobair, far an cuir neach a ghlùinean fhad ’s a tha e a’ tarraing uisge. Agus mòran bhliadhnaichean às dèidh sin, chuir Diùc Phortland a’ chlach shnaighte ann mar chuimhneachan air a’ bhanntraich.

Litir 546 Litir 546 Litir 548 Litir 548

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!