FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Na Trì Snaidhmeannan

Tha sinn a’ leantainn air ar cuairt tro Chataibh is

Audio is playing in pop-over.

Na Trì Snaidhmeannan

Tha sinn a’ leantainn air ar cuairt tro Chataibh is Gallaibh, stèidhichte air stòiridhean à beul-aithris anns na diofar sgìrean. Tha sinn an-diugh air a dhol thar crìoch Ghallaibh – gu sgìre Dhùn Bheithe. Tha mòran de dhualchas na sgìre seo stèidhichte air dualchas nan Gàidheal oir bha a’ Ghàidhlig ga bruidhinn ann fad ùine mhòr. Agus seo agaibh stòiridh air a bheil Na Trì Snaidhmeannan. Tha snaidhmeannan a’ dol air ais fada ann an dualchas nan Ceilteach. Agus bha an àireamh trì rudeigin naomh do na seann Cheiltich. Tha an stòiridh seo a’ tòiseachadh ann an Liabost – ’s e sin a’ Ghàidhlig air Lybster – baile beag ann an taobh an earra-dheas Ghallaibh.

Thachair e ann am meadhan an naoidheamh linn deug nuair a bhathar ag iasgach an sgadain. Chaidh bàta à Liabost gu ruige Port Mo Cholmaig ann an Siorrachd Rois airson clàran-baraille a cheannach. Bha cùbairean anns gach port a’ dèanamh nam baraillean anns an cuireadh na h-iasgairean an sgadan. Nuair a dh’fhàg na h-iasgairean Liabost, bha an aimsir math agus lean i mar sin fad na slighe gu ruige Port Mo Cholmaig. Nise, nuair a chanas mi gun robh an aimsir math, chan eil mi a’ ciallachadh gun robh i ciùin. ’S ann le bhith a’ seòladh a bha na bàtaichean-iasgaich a’ falbh aig an àm sin, agus bha iad feumach air beagan gaoithe.

An ath latha, chuir iad an cargu air a’ bhàta agus rinn iad deiseil airson falbh air an làrna-mhàireach. Ach thairis air an oidhche, shocraich a’ ghaoth. Anns a’ mhadainn bha fèath nan eun ann. Bha an sgiobair – fear air an robh Seumas mar ainm – mì-thoilichte. Bha e ag iarraidh a bhith air ais aig an taigh, agus a bhith ag iasgach.

Bha Seumas a’ bruidhinn mun chùis ri caraid dha ann am Port Mo Cholmaig. Thuirt a charaid gum bu chòir dha dhol a bhruidhinn ri bana-bhuidseach a bha a’ fuireach faisg air làimh. Dh’fheumadh e leth-chrùn a thoirt dhi. Chaidh Seumas gu taigh na bana-bhuidsich. Bha fios aice mu thràth dè bha a dhìth air.

Thug i dha pìos snàithlein anns an robh trì snaidhmeannan. Agus thug i òrdughan dha air na dh’fheumadh e dhèanamh. “Nuair a tha sibh a’ falbh,” thuirt i, “fuasgail a chiad shnaidhm. Thig beagan gaoithe airson ur cur a dol. Nuair a tha sibh pìos math air falbh aig muir, fuasgail an dàrna snaidhm agus thig barrachd gaoithe airson ur toirt dhachaigh gu luath. Ach na fuasgail – air chor sam bith – an treas snaidhm.”

Bha Seumas gu math toilichte. Dh’fhalbh e don chala agus rinn e deiseil airson falbh dhachaigh a Liabost. Nuair a bha aodach a’ bhàta deiseil, dh’fhuasgail Seumas a’ chiad shnaidhm. Dh’èirich a’ ghaoth beagan bhon iar-dheas agus lìon i na siùil. Sheòl iad gu snog a-mach à cala Phort Mo Cholmaig.

Nuair a bha iad letheach-slighe air an rathad dhachaigh, dh’fhuasgail Seumas an dàrna snaidhm. Dh’fhàs a’ ghaoth na bu làidire agus chaidh am bàta na bu luaithe buileach. Nuair a bha iad faisg air Liabost, dh’iarr gille dhen chriutha air Seumas an treas snaidhm fhuasgladh. A dh’aindeoin na thuirt a’ bhana-bhuidseach, dh’fhuasgail Seumas an treas snaidhm. Cho luath ’s a rinn e sin, thionndaidh a’ ghaoth, dh’èirich i gu ìre gèile agus chaidh am bàta a sguabadh a-mach gu muir. Cha robh roghainn aig Seumas an uair sin ach am bàta a stiùireadh air ais gu Port Mo Cholmaig – am port a dh’fhàg iad deich uairean a thìde roimhe.

Litir 545 Litir 545 Litir 547 Litir 547

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!