Tha mi fhathast anns na h-Eileanan Beaga an t-seachdain seo. Ach tha mi air gluasad bho Eige gu ruige Canaigh. Bha mi toilichte cluinntinn o chionn
ghoirid gu bheilear a’ dol a dhèanamh rannsachadh air seann làrach eachdraidheil ann an Canaigh. Chan e rannsachadh a th’ ann air eachdraidh an àite –
ach rannsachadh air mar a ghabhas an t-àite sàbhaladh. Mura tèid rudeigin a dhèanamh a dh’aithghearr, tuitidh e às a chèile.
’S e Coroghon Castle an t-ainm air ann am Beurla, ged nach e caisteal àbhaisteach a th’ ann. Ann an Gàidhlig ’s e an Corra-dhùn a th’ air.
Bidh sibh eòlach air an fhacal corra-bheinn, tha mi an dùil. A steep or pointed hill or mountain. Corra-dhùn, ma-thà, steep fort or hill. Gu dearbh, ’s e sin a th’ ann. Ged nach eil e mòr, tha e gu math cas.
Chaidh mi a’ choimhead air a’ Chorra-dhùn an turas mu dheireadh a bha mi ann an Canaigh, agus bha e follaiseach nach maireadh an “caisteal” fada às
aonais obair-càraidh mhòr. ’S e a th’ anns a’ chaisteal togalach beag cloiche faisg air mullach cnuic an cois a’ chladaich. Tha an togalach a’ coimhead
a-mach a dh’ionnsaigh an dà chuid cladach an eilein agus taobh na mara – às an tigeadh cunnart anns an t-seann aimsir.
Tha e a’ coimhead coltach gur e nàdar de dhùn a bh’ ann far am biodh daoine a’ dol airson an dìon fhèin nuair a bha cogadh ann. Bhiodh e furasta gu
leòr a dhìon ’s dòcha. Air an làimh eile, chan eil uisge ann agus cha b’ urrainn mòran bìdh a bhith air a stòradh ann. Tha e dìreach ro bheag. Mar sin,
cha mhaireadh e fada an aghaidh feachd mhòr às aonais taic bhon taobh a-muigh. Ach bha e faisg air baile far an robh sluagh uaireigin. An deach na
daoine ann fhad ’s a bha iad a’ feitheamh ri taic bho Chloinn Raghnaill ann an Uibhist no air tìr-mòr?
Tha sanasan ann an-diugh a tha a’ toirt rabhadh do dhaoine gun a bhith a’ streap air an dùn. Tha e ro chunnartach. ’S e Urras Nàiseanta na h-Alba a
chuir na sanasan ann. Agus chuir iad air na sanasan “Coroghon Castle/Prison”. Saoil an e prìosan a bh’ ann, seach caisteal?
Chaidh agallamh a dhèanamh le seann eileanach, Aonghas Dòmhnallach, leis an neach-cruinneachaidh beul-aithris, Calum MacIlleathain. Rugadh Aonghas ann
an ochd ceud deug, seasgad ’s a trì (1863). Chan e “caisteal” a thuirt esan ach “prìosan”. Agus tha beul-aithris ag innse dhuinn gun robh an togalach
air a chleachdadh mar phrìosan o shean. Cò bh’ air a chumail ann mar phrìosanach? Uill, bha bean fear de na cinn-chinnidh. Bha i uabhasach brèagha agus bha an ceann-cinnidh mì-thoilichte gun robh fir eile ga suirghe.
Ann am beul-aithris b’ e Dòmhnall Dubh na Cuthaig an ceann-cinnidh sin. Bha e na cheann-cinnidh do Chloinn Raghnaill agus chaochail e ann an Canaigh ann an
sia ceud deug, ochdad ’s a sia (1686). Tha cuid a’ dèanamh dheth gun do ghlais e a bhean Mòr ann am Prìosan a’ Chorra-dhùin.
Ma tha sin fìor, tha an togalach a’ dol air ais gu co-dhiù an seachdamh linn deug. Nochd a’ chiad dhealbh dheth ann an clò anns an ochdamh linn deug anns
an leabhar a sgrìobh Tòmas Pennant mu a thuras a dh’Alba ann an seachd ceud deug, seachdad ’s a dhà (1772). ’S fhiach an togalach a shàbhaladh ma ghabhas e
dèanamh. Ach saoilidh mi nach bi sin furasta no saor.