An t-seachdain sa chaidh bha mi ag innse dhuibh na h-ainmean-mara air na h-Eileanan Beaga. B’ e ainm-mara Eige Eilean nam Ban Mòra. The island of the big women. Ach ciamar a fhuair e ainm mar sin?
Uill, a rèir beul-aithris, tha e a’ dol air ais don t-seann aimsir nuair a bha an t-eilean fhathast fo smachd nan Cruithneach. Aig toiseach an
t-seachdamh linn bha na Gàidheil a’ leudachadh crìochan na rìoghachd aca. Chaidh Calum Cille gu ruige Eige agus Canaigh.
Chuir e a h-uile muile-mhàgag agus nathair a-mach às na h-eileanan sin. Ach cha b’ e Calum Cille a dh’iompaich muinntir Eige gu Crìosdachd. ’S e Donnan
a rinn sin.
Thathar ag ràdh gun deach Donnan an toiseach a dh’Eilean Ì. Dh’iarr e air Calum Cille a bhith na anam-charaid dha. B’ e anam-charaid neach a bhiodh a’
toirt taic is stiùireadh spioradail do neach eile. Dhiùlt Calum Cille a bhith na anam-charaid do Dhonnan. Oir chunnaic e aisling. Anns an aisling chan
e a’ mhairtireachd gheal a bha a’ feitheamh ri Donnan, ach a’ mhairtireachd dhearg. Chan fhaigheadh e bàs sìtheil, ach bàs fuilteach.
A dh’aindeoin sin, lean Donnan le a phlanaichean. Chaidh e fhèin is dusan companach a dh’Eige. Chuir iad manachainn air chois far a bheil Cill Donnain
an-diugh. Tha seann làmh-sgrìobhainn Èireannach ag innse dhuinn gun robh leth-cheud manach a’ fuireach ann an ceann greis. Ach, a rèir aithris, cha
robh iad uile-gu-lèir às aonais chleachdaidhean pàganach. ’S dòcha gur e sin an dòigh a bh’ aca airson muinntir an eilein iompachadh. Mar eisimpleir,
bha iad a’ comharrachadh fèill na Bealltainn seach fèill na Càisge.
Aig an àm sin bha Eige fo smachd banrigh Chruithneach. Bha ise a’ fuireach ann am Muideart air tìr-mòr. Agus cha robh i toilichte leis mar a bha
cùisean a’ dol ann an Eige. Bha i dhen bheachd gum biodh na Crìosdaidhean a’ gabhail an eilein thairis. Thuirt i, “Tha buachaillean agam [air a’
bheinn] airson mo chuid sprèidh a chumail fo smachd, chan ann airson ’s gum bi iad fhèin air am buachailleachadh le manach.”
Dh’iarr a’ bhanrigh air na h-eileanaich na manaich a chur gu bàs. Ach cha robh iad deònach. Dhiùlt iad. Ghabh a’ bhanrigh fearg mhòr. Chuir i feachd de
bhana-ghaisgich mhòra a-null don eilean airson an gnothach a dhèanamh.
Nuair a lorg na bana-ghaisgich na manaich, bha iad a’ gabhail aifreann. Dh’iarr Donnan air na boireannaich leigeil leotha crìoch a chur air an
aifreann. An uair sin choisich na manaich a-mach às an eaglais. Fhad ’s a bha iad a’ coiseachd a-mach bha iad air am murt, fear mu seach. Chaidh an
cinn a ghearradh dhiubh. Chaidh an cuirp a chàrnadh agus chaidh teine a chur riutha. Bha an fhàidheadaireachd aig Calum Cille air tighinn gu buil.
Ach chan e sin deireadh na sgeòil. A rèir beul-aithris, aig meadhan-oidhche, chunnacas solais agus chualas guthan taibhseil anns an àite far an robh na
cuirp air a bhith. ’S e tàladh-bàis a bh’ ann. Bha na bana-ghaisgich fo gheasaibh. Lean iad na solais a-steach do loch far an robh cabhsair dìomhair. Thuit
iad, tè mu seach, far a’ chabhsair don uisge dhomhainn. Bha iad uile air am bàthadh.
Chun an latha an-diugh, ’s e Loch nam Ban Mòra an t-ainm air an loch sin. Agus air sgàth na h-eachdraidh, ’s e Eilean nam Ban Mòra an
t-ainm a bhiodh aig muinntir an àite air Eige nuair a bha iad aig muir.