Seo ceist dhuibh agus chì sinn dè cho eòlach ’s a tha sibh air eileanan na h-Alba. Bidh fios agaibh gu bheil frith-ainmean, no far-ainmean, air na
h-eileanan. Mar eisimpleir, canaidh sinn Eilean a’ Cheò airson an Eilein Sgitheanaich. Canaidh sinn Eilean an Fhraoich
airson Eilein Leòdhais. Ach tha mi a’ dol a thoirt dhuibh ainmean trì eileanan. Chì sibh ma tha sibh eòlach orra.
’S e An t-Eilean Tarsainn ainm a’ chiad eilein. The cross-wise island. An t-Eilean Tarsainn. ’S e ainm an dàrna eilein Rìoghachd na Forraiste Fiadhaich. The kingdom of the wild forest. Rìoghachd na Forraiste Fiadhaich. Abair ainm! Agus ’s e
ainm an treas fir Eilean nam Ban Mòra. The island of the big women. Eilean nam Ban Mòra. Tha amharas agam gum bi gu leòr a
tha ag èisteachd eòlach air an treas fear. Ach ’s dòcha nach bi iad eòlach air na dhà eile.
Mura h-eil sibh cinnteach dè na h-eileanan air a bheil mi a-mach, innsidh mi dhuibh gu bheil iad faisg air a chèile. ’S iad trì de na h-Eileanan Beaga
– Canaigh, Rùm agus Eige.
Chaidh a dhà de na h-ainmean seo a chlàradh le Màrtainn MacIlleMhàrtainn trì cheud bliadhna air ais. Sgrìobh e gur e Tarsainn a chanadh na
daoine airson Chanaigh, agus gur e Eilean nam Ban Mòra a chanadh iad airson Eige. Ceud bliadhna às dèidh sin, anns a’ Chunntas Staitistigeil,
chaidh an t-ainm airson Eilein Rùim – Rìoghachd na Forraiste Fiadhaich – a chur ris an liosta. Agus bha An t-Eilean Tarsainn ann airson Chanaigh, seach dìreach Tarsainn. Ach carson a chleachdadh na daoine ainmean annasach mar
sin?
Uill, ’s e ainmean-mara a bh’ annta. ’S e sin ainmean a bhiodh iasgairean no maraichean a’ cleachdadh nuair a bha iad aig muir. Bha na daoine sin
saobh-chràbhach. Cha bhiodh iad deònach na h-ainmean ceart a chleachdadh oir dh’fhaodadh sin droch fhortan adhbharachadh don bhàta agus a criutha.
Mhair gnothaichean dhen t-seòrsa sin am measg iasgairean na Gàidhealtachd fad ùine mhòr. Mun àm a rugadh mise, bhiodh cuid de dh’iasgairean Gàidhealach
fhathast ain-deònach dhol gu muir nam faiceadh iad boireannach no cat air an rathad chun an eathair.
Bha iad saobh-chràbhach a thaobh aodach cuideachd. Cha chuireadh iad aodach sam bith orra a bh’ air a dhathadh le crotal. Bha iad dhen bheachd gum
biodh an crotal air a tharraing a dh’ionnsaigh nan creagan far an robh e uaireigin a’ fàs.
Agus bha an aon rud fìor mu ainmean-àite. Bidh sibh a’ mothachadh nach do dh’ainmich mi an ceathramh fear de na h-Eileanan Beaga – Eilean nam Muc. Uill,
bha ainm-mara aig muinntir nan Eilean Beaga airson Eilean nam Muc cuideachd. B’ e sin Tìr Chràine. Tha sin a’ ciallachadh land of the sow. Tìr Chràine.
Carson a thagh iad ainmean mar sin? Uill, tha Tìr Chràine follaiseach gu leòr airson Eilean nam Muc. Tha Canaigh na laighe tarsainn na slighe-mara eadar an
Cuan Barrach agus an Cuan Sgìth. Agus bha Rùm math airson sealg nam fiadh. Chan eil forraiste ann an Rìoghachd na Forraiste Fiadhaich a’
ciallachadh coille le craobhan. Tha e a’ ciallachadh frìth – monadh a tha math airson sealg. Agus carson a bha Eilean nam Ban Mòra aca
mar ainm air Eige? Uill, tha stòiridh agam mu dheidhinn sin ach, airson a chluinntinn, feumaidh sibh a bhith san èisteachd an ath-sheachdain!