As t-samhradh seo fhuair mi gu ruige leas a bha mi riamh airson fhaicinn. ’S e leas poblach a th’ ann, le flùraichean brèagha a’ fàs ann, agus daoine
gu leòr a’ tadhal air. Anns an dòigh sin, tha e car coltach ri Leas Inbhir Iù no gàrraidhean dhen t-seòrsa sin air feadh costa siar na Gàidhealtachd.
Ach tha aon diofar ann – chan fhaighear don leas seo ann an carbad-ola. Tha roghainn agad – coiseachd mìle gu leth thar a’ mhonaidh no cuairt a
ghabhail ann am bàta.
Tha mi a’ bruidhinn air Leas Chearachair ann an Asainte air cladach Loch a’ Chàirn Bhàin – loch mara a tha ceangailte ri Bàgh Eadar Dà Chaolas. Tha an
leas air a bhith fosgailte don mhòr-shluagh gach samhradh airson grunn bhliadhnaichean. Agus bidh an luchd-turais a’ dol ann ann am bàta às a’ Chaolas
Chumhang.
Bha mi fortanach faighinn ann oir ’s e seo a’ bhliadhna mu dheireadh a bhios i fosgailte don mhòr-shluagh. Tha an fheadhainn a tha ga ruith – Peter is
Trish Kohn – dhen bheachd gu bheil an t-àm aca sgur dhen obair sin.
Tha an leas an cois a’ chladaich ann an àite brèagha. Tha an sgìre mu a thimcheall brèagha cuideachd, ach ann an dòigh eadar-dhealaichte. Tha i garbh,
làn mòine is monaidh. Air cùl an taighe tha a’ Chuinneag – tè de na beanntan as ainmeile anns an iar-thuath.
Ged a rinn Peter is Trish obair mhòr ann a bhith a’ leasachadh an àite, chan iad na ciad daoine a bha a’ fuireach ann an Cearachar. Bha teaghlaichean
ann romhpa agus, nuair a bha mi ann fhuair mi beagan a-mach mun deidhinn. Agus cheannaich mi an leabhar The Kerracher Man, a tha mu dheidhinn
teaghlach a rinn an dachaigh an sin.
’S e Eric MacLeòid a sgrìobh an leabhar. Rugadh Eric ann an Inbhir Pheofharain ach dh’fhalbh e a dh’obair mar chunntasair ann an dùthchannan eile. Bha
e fhèin is a bhean Rut, a thogadh ann am Fìobh, air a bhith a’ fuireach ann an Lunnainn, Chester, Johannesburg agus Reading. Chan e deagh ullachadh a
bh’ ann airson a bhith a’ fuireach ann an taigh-croite ann an Asainte, gu h-àraidh fear a bha gun rathad! Agus bha dithis nighean òg aca a bharrachd.
Ach thogadh athair Eric ann an Cearachar, agus bha Eric air tadhal air nuair a bha a sheanair, a sheanmhair agus bràthair athar fhathast a’ fuireach
ann. Bha sin nuair a bha Eric òg, ge-tà, agus bha an taigh air a dhol a dholaidh bhon uair sin. Co-dhiù, airson sgeul mòr a dhèanamh na sgeul beag,
cho-dhùin Eric is Rut gluasad a Chearachar agus an seann taigh a dhèanamh na dhachaigh a-rithist. Cha b’ urrainn dhaibh fuireach anns an taigh an
toiseach. Bha an seòmar-suidhe gun ùrlar agus lorg iad closach caorach ann. Anns a’ chiad dol a-mach bhiodh aig an teaghlach ri fuireach ann an carabhan. Ach ciamar a bha iad a’ dol a ghluasad carabhan gu ruige Cearachar?
Uill, dh’fheumadh iad a ghluasad sìos Loch a’ Chàirn Bhàin bhon rathad anns a’ Chaolas Chumhang. Bha dìreach aon bhàta mòr gu leòr anns an sgìre – am
bàt’-aiseig a bha a’ ruith thar a’ Chaolais Chumhaing. B’ e seo naoi ceud deug, seachdad ’s a sia (1976) agus cha robh an drochaid ann. Ge-tà, cha robh a’
Chomhairle ann an Inbhir Nis deònach am bàt’-aiseig a chur gu feum airson sin, eadhon taobh a-muigh a h-uairean obrach. Seo far a bheil caraid Gàidhealach
a’ nochdadh anns an stòiridh – agus innsidh mi dhuibh mu dheidhinn-san an ath-sheachdain.