FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Ban-tighearna Labhair (2)

An t-seachdain sa chaidh bha mi ag innse dhuibh mu

Audio is playing in pop-over.

Ban-tighearna Labhair (2)

An t-seachdain sa chaidh bha mi ag innse dhuibh mu Bhan-tighearna Labhair, The Lady of Lawers. Bha an dà-shealladh aice. Bha i beò ’s dòcha anns an t-seachdamh linn deug. Chuir i craobh ri taobh na h-eaglaise ann an Labhair agus rinn i fiosachd co-cheangailte rithe. Thuirt i gun tigeadh bàs uabhasach air duine sam bith a leagadh a’ chraobh. Uill, thathar ag ràdh, timcheall air ochd ceud deug is ochdad (1880) gun do leag tuathanach, air an robh Iain Caimbeul, a’ chraobh. Bha fear eile ann a thug taic dha.

Cha chuir e iongnadh sam bith oirbh nach do shoirbhich leis an dithis ro mhath. Chaidh Iain Caimbeul a ghaorradh gu bàs le a tharbh fhèin. Chaill am fear-taice aige a chiall agus chaidh a chur don taigh-chuthaich.

Thuirt a’ Bhan-tighearna iomadh rud co-cheangailte ri sgìre Loch Tatha. Thuirt i gum biodh muileann air gach allt agus crann-treabhaidh aig gach gille. Thuirt i cuideachd gum biodh an dùthaich air a criathrachadh dhen t-sluagh aice agus gum biodh na bailtean-fearainn cho fad air falbh bho chèile ’s nach cluinneadh coileach tuathanaich coileach a nàbaidh. Uill, bha iad seo uile fìor. Dh’èirich an sluagh gu mòr, bha am fearann fo àiteachas gu ìre mhòr agus an uair sin bha fuadaichean ann.

Coltach ri Coinneach Odhar ann an Siorrachd Rois thug a’ Bhan-tighearna beachd air na h-uachdarain anns an sgìre aice agus na bha romhpa, agus tha e coltach gun tàinig mòran dhiubh sin gu buil. Thuirt i gun cailleadh Clann ’ic an Aba – aig an robh fearann aig ceann an iar Loch Tatha – an oighreachd. Bhiodh Caimbeulaich Bhràghad Albainn a’ gabhail fearann nan Abach thairis nuair a thachradh rud car neònach. Bhiodh geug à craobh-ghiuthais a’ tuiteam air craobh-ghiuthais eile agus a’ fàs oirre. Thathar ag ràdh gun do thachair sin anns an dàrna deichead dhen naoidheamh linn deug. An robh i a-mach air gnothach nàdarra no air nòdachadh le mac an duine? Chan eil fhios a’m, ach thàinig an fhiosachd gu buil oir, goirid às dèidh làimh, fhuair Marcais Bhràghad Albainn grèim air fearann nan Abach.

Tha e coltach cuideachd gun tuirt Bàn-tighearna Labhair gum biodh tubaist mhòr air Loch Tatha uaireigin. ’S dòcha nach tàinig sin gu buil fhathast, agus tha mi an dòchas nach tig. Bha bàthadh mòr ann air an loch ri linn na Ban-tighearna agus bha muinntir an àite fo ghruaimean. Ach thuirt a’ Bhan-tighearna gun tigeadh an latha nuair a bhiodh mòran a bharrachd a’ faighinn bàs, agus soitheach a’ dol fodha. Chan e sin a-mhàin ach bhiodh smùid a’ tighinn às an t-soitheach. An robh i a-mach air teine air bòrd an t-soithich no am faca i ro-shealladh de bhàtaichean-smùide?

Agus thuirt i rud eile air am bu chòir dhuinn beachdachadh an-diugh. B’ e Beinn Labhair fear de na ciad àiteachan ann an Alba far am biodh daoine a’ sgitheadh – fada mus robh guth air na goireasan sgithidh a chithear ann an àiteachan mar an Càrn Gorm is an t-Aonach Mòr an-diugh. Thog Club Sgithidh na h-Alba bothan anns a’ Choire Odhar fon Bheinn Ghlais – tè de mhullaichean Beinn Labhair – anns na tritheadan. Ach, anns na deicheadan a dh’fhalbh, chan eil uiread de shneachd air a bhith ann ’s a bh’ ann an uair sin.

Co-dhiù, thuirt a’ Bhan-tighearna gun tigeadh an latha nuair a bha Beinn Labhair cho fuar ’s gum biodh i a’ dèanamh an fhearainn airson seachd mìle mu a timcheall na fhàsach. Ma tha i ceart, ’s dòcha nach e blàthachadh a tha romhainn ann an Alba ach fuarachadh.

Litir 530 Litir 530 Litir 532 Litir 532

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!