FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Ban-tighearna Labhair (1)

Ann am meadhan na h-Alba, ann an seann Ghàidhealtachd Siorrachd

Audio is playing in pop-over.

Ban-tighearna Labhair (1)

Ann am meadhan na h-Alba, ann an seann Ghàidhealtachd Siorrachd Pheairt, tha beinn mhòr bhrèagha air a bheil Beinn Labhair. Tha a’ bheinn, a tha os cionn Loch Tatha, ainmeil an-diugh airson a cuid lusan. Agus b’ àbhaist dhi a bhith ainmeil, am measg nan Gàidheal co-dhiù, airson a’ bheul-aithris a tha co-cheangailte ris an sgìre aig a bonn.

Uaireigin bha clach faisg air mullach na beinne. Sgrìobhte air a’ chloich bha an rann beag a leanas: Caith mar a gheibh, Is gheibh mar a chaitheas, Caomhain ’s cò dha? Cuimhnich am bàs. Nise, chan eil mi cinnteach mun fheallsanachd air cùl na rainn. A bheil sibh fhèin ag aontachadh rithe? A bheil i a’ brosnachadh dhaoine gus an cuid airgid a chosg gun a bhith a’ smaoineachadh air a chaomhnadh? Air an làimh eile tha e fìor nach urrainn do dhuine stòras a thoirt leis às dèidh a bhàis. Seo an rann a-rithist: Caith mar a gheibh, Is gheibh mar a chaitheas, Caomhain ’s cò dha? Cuimhnich am bàs.

Uill, cha deach a chlach fhèin a chaomhnadh. Chaidh a goid agus chan eil fios cà’ bheil i an-diugh. Ach tha cliù an neach a chruthaich an rann a’ leantainn. ’S e boireannach a bh’ ann. Tha i ainmeil gu leòr ann am Bràghad Albainn. Ach chan eil i cho aithnichte ann an sgìrean eile. Tha mi a-mach air Ban-tighearna Labhair no, mar a chanar rithe ann am Beurla, The Lady of Lawers.

Chan aithne dhomh gu bheil ainm-baistidh na Ban-tighearna clàraichte. Bha Gàidheil Bràghad Albainn riamh a’ gabhail “Ban-tighearna Labhair” oirre. Thathar a’ smaoineachadh gum buineadh i don Apainn ann an Earra-Ghàidheal, gur e ban-Stiùbhartach a bh’ innte, agus gun do phòs i fear de dh’uachdarain Labhair no ’s dòcha bràthair uachdarain. Tha cuid dhen bheachd gun robh i beò anns an t-seachdamh linn deug.

Nuair a thàinig i a Labhair bha buidheann de Stiùbhartaich cuide rithe. Cha do thill iad dhachaigh. Dh’fhuirich iad taobh Loch Tatha. ’S e Na Combaichthe companions – a bha muinntir an àite a’ gabhail orra mar fhrìth-ainm. Ach carson a bha Ban-tighearna Labhair ainmeil? Uill, bha, a chionn ’s gur e ban-fhiosaiche a bh’ innte. Bha an dà-shealladh aice. Mar a bha Coinneach Odhar ann an ceann a tuath na Gàidhealtachd, bha Ban-tighearna Labhair anns a’ cheann a deas.

Bhathar a’ togail eaglais ùr ann an Labhair. Cha chreid mi nach eil an tobhta ann fhathast. Nuair a bha an luchd-togail faisg air a bhith deiseil, a rèir beul-aithris, thuirt a’ bhan-tighearna nach biodh na clachan-droma a’ dol air mullach na h-eaglaise a-chaoidh. Bha an luchd-obrach air na clachan fhàgail air cladach Loch Tatha, deiseil airson cur air druim a’ mhullaich an ath latha. Uill, air an oidhche sin fhèin, dh’èirich stoirm eagallach. Chaidh na clachan a sguabadh air falbh gu bonn an locha agus b’ fheudar crìoch a chur air a’ mhullach le stuth air choreigin eile.

Bha fiosachd eile aice co-cheangailte ris an eaglais sin. Chuir i craobh faisg oirre agus thuirt i gun tachradh rudan mòra nuair a ruigeadh a’ chraobh diofar àirdean. Mar eisimpleir, nuair a ruigeadh i àirde stuaghan an togalaich, bhiodh Eaglais na h-Alba air a sgaradh ann an dà leth. Thathar ag ràdh gun do ràinig a’ chraobh an àirde sin ann an ochd ceud deug, ceathrad ’s a trì (1843) – bliadhna Briseadh na h-Eaglaise. Chan eil ùine agam airson a’ chòrr air Ban-tighearna Labhair an t-seachdain sa, ach tillidh mi don chuspair seo an ath-sheachdain.

Litir 529 Litir 529 Litir 531 Litir 531

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!