FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Am Borgh

Tha dealbh air mo bheulaibh an-dràsta de sheann bhaile Gàidhealach

Audio is playing in pop-over.

Am Borgh

Tha dealbh air mo bheulaibh an-dràsta de sheann bhaile Gàidhealach nach eil ann tuilleadh. Tha na taighean a’ coimhead snog. Tha mullaichean tughaidh orra ach tha similear air fear no dhà. Faodar a bhith cinnteach de dh’aon rud – gheibhte beartas mòr de sgeulachdan is òrain Ghàidhlig nam broinn!

Chaidh an dealbh a thogail ann an naoi ceud deug ’s a ceithir (1904) de bhaile beag croitearachd ann am Boraraigh, eilean far costa Uibhist a Tuath. Tha mi a’ tuigsinn gum b’ e ainm a’ bhaile Am Borgh – ged nach eil e air a’ mhap’ agam. Dhèanadh sin ciall oir tha an t-ainm Lochlannach air an eilean a’ ciallachadh Borgh-eilean no Eilean a’ Bhuirgh.

Ma tha ceangal agaibh do dh’Uibhist a Tuath bidh sibh eòlach air an ainm Erskine Beveridge, ’s dòcha. ’S e a thog an dealbh de Bhoraraigh. Bha e measail air Uibhist a Tuath, agus thog e taigh ann aig toiseach an fhicheadamh linn. Bha sin air Bhàlaigh – eilean gainmhich far costa tuath Uibhist. ’S ann le Beveridge a bha Taigh Bhàlaigh aig an àm ud.

Tha an dealbh a thog e de Bhoraraigh ann an cruinneachadh de sheann dealbhan-camara aige a chaidh fhoillseachadh o chionn ghoirid mar leabhar air a bheil Wanderings with a Camera in Scotland. Tha mòran àiteachan eile anns na h-Eileanan an Iar a’ nochdadh anns an leabhar, agus Colla, Tiriodh, Lios Mòr, Loch Abar, Earra-Ghàidheal, Siorrachd Pheairt – agus Fìobh. Bhuineadh e do Fìobh agus tha cuid de na dealbhan aige de na bailtean brèagha iasgaich aig ceann an ear na siorrachd sin air leth math.

’S ann à Dùn Phàrlain a bha Beveridge. Bha athair an sàs ann an gnìomhachas an lìn agus bha an teaghlach beartach. Ghabh Erskine a’ chompanaidh thairis nuair a bha e sean gu leòr agus rinn e gu math, a’ brosnachadh malairt eadar Alba agus na Stàitean Aonaichte. Leis gun robh airgead gu leòr aige, bha cothrom aige a bhith an sàs ann an cur-seachadan anns an robh ùidh aige. Agus, gu sònraichte, bha ùidh aige ann an àrc-eòlas, eachdraidh agus a bhith a’ togail dhealbhan le camara.

Anns na h-ochdadan dhen naoidheamh linn deug, ghabh Beveridge cuairt turas no dhà, le camara na chois, ann an ceann an iar-thuath na Gàidhealtachd, a’ siubhal eadar bailtean ann am bàtaichean-aiseig agus ann an cairt a bh’ air a tarraing le each. Ann an ochd ceud deug, naochad ’s a sia (1896) bha làithean-saora aige ann an Colla is Tiriodh. Rinn e rannsachadh air na seann làraichean arc-eòlach anns an dà eilean agus dh’fhoillsich e leabhar ann an naoi ceud deug ’s a trì (1903) – Coll and Tiree: Their Prehistoric Forts and Ecclesiastical Antiquities.

Dìreach bliadhna às dèidh dha a bhith ann an Tiriodh is Colla, chaidh e a dh’Uibhist a Tuath airson a’ chiad turais. Chòrd an t-àite ris agus thill e gach samhradh. Cheannaich e Bhàlaigh agus pàirt de thìr-mòr Uibhist a Tuath ann an naoi ceud deug ’s a h-aon (1901). Thog e taigh ann am Bhàlaigh agus rinn e tòrr rannsachaidh air làraichean arc-eòlach ann an Uibhist. Rinn e obair cladhaich ann an grunn àiteachan. Ann an naoi ceud deug ’s a h-aon-deug (1911), dh’fhoillsich e an leabhar North Uist: Its Archaeology and Topography.

Agus dè thachair don choimhearsnachd ann am Boraraigh? Uill, a rèir an leabhair, chaidh an t-eilean fhalmhachadh de dhaoine ann an naoi ceud deug, fichead ’s a trì (1923), trì bliadhna às dèidh bàs Erskine Beveridge. Chan e fuadach a bh’ ann, ge-tà. ’S iad na croitearan fhèin a bha ag iarraidh falbh.

Litir 527 Litir 527 Litir 529 Litir 529

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!