FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An Atlas Maior

An t-seachdain sa chaidh, bha mi a’ toirt sùil air

Audio is playing in pop-over.

An Atlas Maior

An t-seachdain sa chaidh, bha mi a’ toirt sùil air mapaichean na h-Alba aig an Dùitseach Joan Blaeu. Chuir Blaeu an Atlas Maior aige ann an clò anns na seasgadan dhen t-seachdamh linn deug. Ach bha e air atlas na h-Alba fhoillseachadh anns na leth-cheudan. Bha a mhapaichean de dh’Alba gu mòr stèidhichte air an rannsachadh a rinn Timothy Pont leth-cheud bliadhna roimhe. ’S e obair mhòr a rinn an dithis.

Tha sinn cleachdte ri dreach na Beurla a bhith air mòran ainmean-àite aig a bheil tùs Gàidhlig no Lochlannach. Mar sin bha e inntinneach dhomh a bhith a’ coimhead air mapaichean Bhlaeu airson faicinn an robh sin fìor anns an t-seachdamh linn deug. Uill, bha gu ìre. Ach seo ainm no dhà a tha car inntinneach. Far am faic sinn Stornoway is Steòrnabhagh còmhla an-diugh, chithear air map Bhlaeu, Steornava. Agus, ann an Uibhist a Tuath, far am faic sinn Lochmaddy is Loch nam Madadh còmhla an-diugh, tha Loch na Maddy aig Blaeu.

Agus tha e inntinneach gun do roghnaich Blaeu cuid de dh’àiteachan a shealltainn gu dà-chànanach. Tha an roghainn sin stèidhichte air an fhiosrachadh a dh’fhàg Pont aige agus chan eil e soilleir carson a roghnaich Pont fhèin cuid de dh’ainmean a riochdachadh anns an dà chànan. Air mapa Leòdhais chithear Lewes or Lodhus. Ge-tà, air mapa Na Hearadh, tha dìreach Harry ann. Tha ceithir eileanan eile air an riochdachadh gu dà-chànanach – Skye [or] Skianach, Mula or Mul, Diùra or Iiura agus Ila or Il.

Tha notaichean anns an Atlas Mhaoir cuideachd, ag innse beagan mu dhiofar àiteachan. Seo na sgrìobh e mu Na Hearadh: “..tha ionaltradh math ann do chaoraich, gu sònraichte beinn àrd a tha còmhdaichte gu lèir le feur bho a bonn gu a mullach. Tha Dòmhnall Rothach, fear naomh air leth ionnsaichte, ag ràdh nuair a bha e anns na h-eileanan seo, gum fac’ e seann chaoraich air seachran, agus iad gun a bhith le duine sam bith. Tha àireamh nan caorach a’ dol am meud fad na h-ùine a chionn ’s nach eil madaidhean-allaidh, madaidhean-ruadha no nathraichean ann.” Uill, fàgaidh mi agaibh fhèin e tomhas a dhèanamh air an tuairisgeul sin de Na Hearadh!

Agus tha tuairisgeul inntinneach – is annasach – aig Blaeu dhen Tràigh Mhòir ann am Barraigh agus mar a fhuair an tràigh a cuid choilleagan no shrùban: “Air costa tuath Bharraigh tha cnoc ag èiridh, a tha gorm bho a mhullach gu a bhonn, agus fuaran fìor-uisge air a’ mhullach dhith; tha seo a’ dèanamh allt a tha a’ ruith chun na mara, agus e a’ giùlain na uisgeachan an t-uabhas de chreutairean beaga gun chumadh a tha gu math coltach ris na seilcheagan againne. Tha muinntir an àite a’ cur ‘the wide sands’ air a’ phàirt dhen chladach far a bheil an t-allt a’ ruigsinn na mara oir tha tràigh mhòr ghainmhich ann nuair a tha a’ mhuir air tràghadh. An seo bithear a’ cladhach maorach, a thathar a’ dèanamh dheth a dh’fhàs bho na creutairean a chaidh a ghiùlain sìos anns an allt, a thàinig gu ìre anns a’ mhuir.” Uill, sin agaibh e. An robh fios aig na Barraich gun tàinig an cuid shrùban bho fhuaran air mullach an eilein?!

Agus, mus fhalbh mi, air mapa Bhlaeu far a bheil an t-Òban an-diugh, chan eil ann ach Soirbe air cladach òba. Agus ’s e ainm an òba Loch en na Ouillin. Tha mi an dùil gur e sin Lochan na h-Uilinn. Ma tha fiosrachadh sam bith agaibhse mun ainm sin, b’ fhìor thoigh leam cluinntinn bhuaibh. Mar sin leibh an-dràsta.

Litir 526 Litir 526 Litir 528 Litir 528

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!