Mar a bha mi ag ràdh an t-seachdain sa chaidh, bha mi a’ seòladh o chionn ghoirid ann an gheat far costa siar na h-Alba. Air latha brèagha chaidh
mi seachad air bàgh mòr gu tuath air Asainte air a bheil Eddrachillis Bay. Air a’ chiad shealladh, chan eil e follaiseach dè tha an t-ainm
sin a’ ciallachadh, a bheil? Eddrachillis. Uill, tha e a’ tighinn bhon Ghàidhlig Eadar Dà Chaolas. Eadar Dà Chaolas –
Eadrachaolas – Eddrachillis. Chì sibh mar a dh’atharraichan t-ainm air an t-slighe a-steach don Bheurla.
Ach a’ coimhead air na cairtean-mara a bh’ air bòrd na gheat, cha robh e follaiseach dè dìreach na caolais a thathar a’ ciallachadh anns an ainm.
Dè an dà chaolas a th’ air gach taobh de dh’Eadar Dà Chaolas? A’ coimhead air na mapaichean-tìre aig an t-Suirbhidh Òrdanais anns an taigh, cha
robh e follaiseach nas motha dè an dà chaolas a thathar a’ ciallachadh.
Gu fortanach, tha na seann mhapaichean ag innse dhuinn mar a dh’èirich an t-ainm. Bha mi a’ coimhead o chionn ghoirid air an Atlas Maior a
dh’fhoillsich Joan Blaeu anns an Òlaind ann an sia ceud deug, seasgad ’s a còig (1665). Air mapaichean Bhlaeu, tha pàirt mhòr de cheann an
iar-thuath na h-Alba, timcheall air a’ Pharbh, ainmichte mar Edir-da-cheules. Chan e bàgh a th’ ann, ach sgìre. Tha an sgìre a’ ruith bho
Dhiùrinis anns a’ cheanna tuath gu ruige Loch a’ Chàirn Bhàin anns a’ cheann a deas.
No, a thaobh nan caolas, eadar Caolas Dhiùirinis agus an Caolas Cumhang. ’S iad sin an dà chaolas. B’ e Eadar Dà Chaolas an sgìre eadar Caolas
Dhiùirinis agus an Caolas Cumhang. Tha ainm a’ bhàigh a’ cuimhneachadh seann ainm na sgìre gu tuath air a’ bhàgh.
Tha e inntinneach cho tric agus a nochdas am facal eadar ann an ainmean-àite na Gàidhealtachd. Tha Eadar Dà Fhadhail (Ardroil)
ann an Sgìre Ùige ann an Leòdhas. Anns na Hearadh, gu tuath air an Tairbeart, eadar na beanntan air a bheil Giolabhal Glas agus Giolabhal Dubh, tha
cnoc. ’S e ainm a’ chnuic Cnoc Eadar Dà Bheinn.
Faisg air Gleann Bhreatail san Eilean Sgitheanach, tha bealach eadar Beinn Stac agus Beinn a’ Bhràghad. ’S e ainm a’ bhealaich Bealach Eadar Dà Bheinn. Tha bealach dhen aon ainm ann an Siorrachd Shruighlea. Agus tha Loch Eadar Dà Bheinn anns a’ Chòigich,
air taobh siar Rois. Anns a’ Chuiltheann san Eilean Sgitheanach tha Druim Eadar Dà Choire. Agus ann an Ratharsair, eadar am Baile
Meadhanach agus Baile a’ Chùirn, tha lochair a bheil Loch Eadar Dà Bhaile.
Agus tha sin gam thoirt don fhacal cuinneag. ’S dòcha gu bheil sibh eòlach air a’ bheinn mhòir dhrùidhtich ann an Asainte, dìreach gu deas
air a’ Chaolas Chumhang. Ann an Gàidhlig, ’s e a h-ainm a’ Chuinneag. Ach air mapa Bhlaeu tha i ainmichte mar Ben Quinag. Agus ’s ann mar sin a chithear i sgrìobhte air na mapaichean againn fhathast – Quinag – ged a chanas muinntir an àite Cuinneag rithe eadhon ann am Beurla.
Ann an taobh sear Rois tha dà bheinn ann a tha ainmichte còmhla mar Càrn Chuinneag. Chanainn gur e a’ Chuinneag Mhòr agus a’ Chuinneag Bheag a bh’ orra bhoshean, oir tha allt faisg air tè dhiubh air a bheil Allt na Cuinneige Bige. Carson a tha mi ag ainmeachadh nam beann seo? Uill, nuair a thathar a’ coimhead orra bhon cheann a deas, chithear meall eatarra. Agus ’s e ainm Meall Eadar an Dà Chuinneag.