Tuig thus’ an t-eathar agus tuigidh an t-eathar thu. ’S e seanfhacal glic a tha sin. An cuala sibh riamh e? Tha e a’ ciallachadh understand the boat and the boat will understand you. Tuig thus’ an t-eathar agus tuigidh an t-eathar thu.
Chunnaic mi an seanfhacal sin sgrìobhte air balla o chionn ghoirid. Gu mì-fhortanach, ’s ann air an latha mu dheireadh agam de bhith a’ seòladh ann
an gheat a bha e. Bha e air a bhith na b’ fheàrr mar bhrosnachadh dhomh air a’ chiad latha! Co-dhiù, bha mi a’ feuchainn fad ceala-deug tuigse nas
fheàrr a bhith agam air an eathar gus an tuigeadh ise mise. Ach ’s dòcha gu bheil pìos againn ri dhol fhathast airson an tuigse eadarainn a bhith
cho math ’s a dh’fhaodadh.
Tha an seanfhacal sgrìobhte air balla taobh a-staigh Taigh-òsta Mhishnish ann an Tobar Mhoire ann am Muile. Chuir sinn seachad an oidhche mu
dheireadh de ar cuairt-mhara ann an cala Thobair Mhoire. Agus ghabh sinn biadh ann an Taigh-òsta Mhishnish – a tha ainmeil mar àite far an cluinnear ceòl traidiseanta. Bha an taigh-òsta uaireigin leis an fhear-chiùil ainmeil, Bobby MacLeòid. ’S ann le a
ghille, Raibeart, a tha e a-nise.
Tha tòrr sheanfhaclan sgrìobhte air na ballachan anns an taigh-òsta. ’S e “Caileagan” is “Balaich” a tha sgrìobhte air dorsan nan taighean-beaga,
ged a tha cuideigin air “Ladies” agus “Gents” a sgrìobhadh ann am peansail fo na sanasan Gàidhlig. Agus os cionn aon àite teine, tha an seanfhacal
Clanna nan Gàidheal an guaillibh a chèile! Deagh smuain dha-rìribh! Ach, leis gun robh mi air a bhith air gheat airson cola-deug, ’s e an
seanfhacal mu sheòladh a b’ fheàrr leam – tuig thus’ an t-eathar agus tuigidh an t-eathar thu.
Cha chreid mi gu bheil dòigh nas tarraingiche a bhith a’ coimhead air beanntan taobh an iar na Gàidhealtachd na bhith aig muir. Chuir sinn seachad
latha eadar Ceann Loch Biorbhaidh agus Loch Thùrnaig, faisg air Poll Iù. Agus anns an aon sealladh, chitheamaid na beanntan eadar Foinne Bheinn
anns a’ cheann a tuath agus beanntan Thoirbheartain anns a’ cheann a deas. Mar as trice, nuair a thathar air tìr, chan fhaicear a h-uile gin dhiubh
sin anns an aon sealladh. Ach, aig muir, tha iad uile air an taisbeanadh air do bheulaibh mar gun deach am peantadh air canabhas fada. Air latha
brèagha samhraidh, co dh’iarradh a dhol a sheòladh ann an àite sam bith eile? Nuair a tha a’ ghrian a’ deàrrsadh, cha dèanar beatadh air
Gàidhealtachd na h-Alba airson bòidhchead.
Agus ’s iomadh rud a chithear aig muir cuideachd, a bharrachd air seallaidhean tìre. Chunnaic sinn leumadairean, peileagan agus aon mhuc-mhara
(faisg air Eilean nam Muc). Agus chunnaic sinn eòin-mhara gu leòr cuideachd, ged nach robh iad cho pailt ’s a bhiodh dùil, ’s dòcha. Bha buthaidean ann, agus sùlairean, fulmairean, coltraichean, eòin dubha sgadain, calltagan agus fasgadain. Agus timcheall nan Eilean Beaga, bha fachaich gu leòr ann. Tha iadsan a’ neadachadh ann an Ruma.
Agus chuala sinn aon eun nach tàinig nar sealladh idir. Bha sinn faisg air an Rubha Rèidh, gu tuath air a’ Gheàrr Loch. Bha fuaim eagallach ann mar gun
robh boireannach a’ sgreuchail airson a beatha. B’ e sin an learga mhòr – no red-throated diver. Bhiodh na seann daoine ag ràdh nuair
a bhios an learga a’ seinn nach fhada gum bi an t-uisge ann. Agus air an latha sin, bha iad ceart. Bha smugraich ann an ceann ùine ghoirid.
Nuair a tha thu a’ seòladh chan e a-mhàin tuigse air an eathar a tha feumail.