FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Loch na Mnà

Ann an Ratharsair tha loch ann an suidheachadh àrd ann

Audio is playing in pop-over.

Loch na Mnà

Ann an Ratharsair tha loch ann an suidheachadh àrd ann am meadhan an eilein air a bheil Loch na Mnà. Tha sin a’ ciallachadh “the loch of the woman” – Loch na Mnà. Cò i a’ bhean a th’ air a h-ainmeachadh anns an loch?

Uill, a rèir beul-aithris, ’s e a bh’ innte boireannach òg a chaidh a mharbhadh le each-uisge. Agus chan e sgeul ùr a tha sin. Chaidh an dearbh stòiridh innse do Bhoswell is Johnson nuair a bha iad ann an Ratharsair ann an seachd ceud deug, seachdad ’s a trì (1773). Chuala Boswell an stòiridh air an dearbh latha ainmeil air an do rinn e fhèin is Johnson dannsa Gàidhealach air mullach Dùn Cana – a’ bheinn as àirde anns an eilean. ’S e am fear a dh’innis an stòiridh dha, bodach a bhuineadh don eilean air an robh Calum MacLeòid. ’S e a bha gan treòrachadh gu mullach na beinne.

Tha an stòiridh a’ dol rudeigin mar seo. Bha uaireigin gobha ann an Ratharsair. Latha a bha seo bha nighean a’ ghobha a-muigh sa mhonadh ri cìobaireachd. Ach, air an oidhche sin, cha do thill i dhachaigh. Air an làrna-mhàireach, chaidh an gobha agus feadhainn eile a-mach a choimhead air a son. Thàinig iad mu dheireadh gu bruach an locha. Chan eil fhios a’m dè an t-ainm a bh’ air an loch anns na làithean ud, oir fhuair e ainm – Loch na Mnà – às dèidh an tachartais seo. Ach tha e coltach gun robh fios aig muinntir an àite gun robh each-uisge a’ fuireach ann.

Air cladach an locha, dè lorg an gobha ach cridhe is sgamhan na h-ìghne. B’ e sin obair each-uisge, gu cinnteach. Cha bhiodh each-uisge uair sam bith ag ithe sgamhan. Agus cha d’ rachadh an sgamhan fodha. Bhiodh e a’ fuireach air uachdar an locha. Bha an gobha troimh-chèile is làn feirg. Bha e ag iarraidh dìoghaltas. Chuir e roimhe dòigh a lorg airson an t-each-uisge a mharbhadh.

Thog an gobha is a mhac ceàrdach ri taobh an locha. Bha doras na ceàrdaich a’ coimhead a-mach air an loch. Chaidh an gobha is a mhac ann oidhche a bha seo. Os cionn an àite-teine, thog iad bior-ròstaidh. Chuir iad molt air a’ bhior-ròstaidh. Chuir iad an teine thuige. Bha iad an dùil gum biodh am fàileadh a’ tarraing an eich-uisge. Mar a dh’innis Calum MacLeòid an sgeul do Bhoswell, ’s e muc a chaidh a chur air a’ bhior-ròstaidh, seach molt.

Anns an teine bha dubhain mhòra, deiseil airson stobadh anns a’ bhèist. An ceann greis, dh’èirich deatach dhearg os cionn an locha. Thàinig creutair a-mach às an loch is a-steach air an doras. Bha coltas eich air – mu bhliadhna a dh’aois, gu math peallagach is grànda.

Stob an gobha is an gille aige dà dhubhan teth anns a’ chreutair. Thòisich an t-each-uisge air sgreuchail. Dh’fheuch e ri faighinn às. Tharraing e an dithis fhear a dh’ionnsaigh an dorais. Ach bha iadsan làidir gu leòr airson a chumail a-staigh. Dh’iarr an gobha air a mhac dhol don teine agus an dubhan mòr a thoirt a-mach às – agus a stobadh a-steach don each-uisge. Rinn an gille sin. Agus chùm iad grèim air an each gus an robh e marbh.

Ach – seo rud iongantach mun stòiridh. Aig a’ cheann thall, nuair a thàinig solas an latha, cha robh closach eich air fhàgail air ùrlar na ceàrdaich. Cha robh ann ach poidhle slaim dhen t-seòrsa a bhiodh na seann daoine ag ràdh a thàinig bho na speuran.

Litir 516 Litir 516 Litir 518 Litir 518

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!