Bha Gilleasbaig, no Archibald, Cook na shàr-shearmonaiche. Bha e na mhinistear. An dèidh an sgaraidh san eaglais ann an ochd ceud deug, ceathrad ’s
a trì (1843), bha e anns an Eaglais Shaoir ann an Deimhidh, faisg air Inbhir Nis. Uaireannan bhiodh e a’ cumail sheirbheisean a-muigh làimh ris an
eaglais oir cha robh an togalach mòr gu leòr airson nan ceudan a rachadh a dh’èisteachd ris.
Bhiodh e a’ searmonachadh ann an Gàidhlig agus uaireannan ann am Beurla agus chaidh mòran de na searmonan aige a ghlèidheadh air pàipear. Cha deach
am foillseachadh ann an cruth leabhair fhathast, ge-tà. Airson fiosrachadh orra, tha mi an urra ri Tormod Caimbeul a thug òraid inntinneach seachad
air Cook do Chomunn Gàidhlig Inbhir Nis. Tha an òraid a-nise air nochdadh ann an cruth pàipeir anns an iris as ùire de Transactions a’
Chomuinn.
Bha seasamh car neo-àbhaisteach aig Cook air rud no dhà co-cheangailte ris an eaglais is ris na sgriobtaran. Mar eisimpleir, bha e dhen bheachd gun
robh anam duine a’ tighinn bho a phàrantan; bha a’ chuid mhòr anns an eaglais aige dhen bheachd gun tigeadh an t-anam gu dìreach bho Dhia.
Agus cha robh Cook taiceil don iomairt airson casg a chur air deoch làidir. Bha mòran anns an Eaglais Shaoir air a ràdh gu sòlaimte nach gabhadh
iad deoch làidir sam bith agus nach toireadh iad deoch do dhaoine eile. Tha e coltach gun robh Cook dhen bheachd gur e atharrachadh spioradail a
bha a dhìth air daoine – gum biodh iad a’ tionndadh gu Crìosd, ’s nach robh seachnadh na dibhe mar phàirt dheth sin. “Tha an-diugh dòighean ùr’ aca
air peacaidhean a thrèigsinn,” thuirt e bhon chùbaid. “Gabhaidh iad pledge, ach chan eil sin ach a bhith a’ cur fàinne ann an sròn muice.”
Air an làimh eile, bha e an aghaidh ceòl is dannsadh, a’ smaoineachadh gun robh iad peacach.
Bha Cook gu làidir an aghaidh nam fuadaichean a bha a’ tachairt ann an Deimhidh aig deireadh nan caogadan. Bha nàdar de rup ann airson croitean
fhaighinn air mhàl agus bhiodh cuid nach b’ urrainn uiread a phàigheadh air an cur a-mach às na croitean aca. “Sanntaichidh iad fearann an
nàbaidh,” thuirt e, “agus, ged a chitheadh iad gul nan creutairean a tha iad a’ cur a-mach às an àitean còmhnaidh, cha bhean e riu’ nas mò na
leaghas an t-uisge na clachan.”
Ged a dh’fhàs Cook ainmeil ann an Deimhidh, bha teans ann bliadhnaichean roimhe gum falbhadh e a-null thairis. Bha cuid de Ghàidheil ann an Ceap
Breatainn ann an Canada a’ beachdachadh air Cook a ghairm mar mhinistear dhaibh. Dh’iarr iad air a’ mhinistear ainmeil thall an sin – an t-Urramach
Tormod MacLeòid – sgrìobhadh gu Cook airson faighinn a-mach am biodh ùidh aige ann a bhith a’ dol a-null. Chaidh litrichean eadar an dithis ach
thàinig an gnothach gu ceann nuair a chàin MacLeòid Cook.
Chaochail Cook ann an ochd ceud deug, seasgad ’s a còig (1865), às dèidh dha sreath stròcan fhulang. Ach tha e air a chuimhneachadh fhathast ann an
Deimhidh is Srath Narann.
Bu mhath leam crìoch a chur air a’ chunntas seo le marbhrann do Chook a bh’ air a sgrìobhadh dha, ann an Gàidhlig, le fear Seumas MacBheathain:
B’ e ministear sgìr’ Dheimhidh e ’s chan aithne dhomh ach gann
A riaraicheadh cho somalta, an t-anam a bhiodh fann.
Bha (a) chaitheamh beatha-s’ is eisimpleir ’s a theagaisg anns gach àm
Toirt dearbhadh gun robh an cumantas a chomann ris a’ Cheann.