FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Gilleasbaig is Fionnlagh Cook

Tha e inntinneach gun robh a’ Ghàidhlig aig an dithis

Audio is playing in pop-over.

Gilleasbaig is Fionnlagh Cook

Tha e inntinneach gun robh a’ Ghàidhlig aig an dithis bhràithrean, Gilleasbaig is Fionnlagh Cook, eadar-dhealaichte bho chèile. Carson a tha e inntinneach? Uill, thogadh iad còmhla ann an Eilean Arainn ach tha e coltach gun do chùm Gilleasbaig ris an dualchainnt Arainnich, an ìre mhath co-dhiù. Leig Fionnlagh le dualchainntean eile buaidh a thoirt air a’ Ghàidhlig aige.

Tuigidh sibh, ma tha mi a’ bruidhinn air Gàidhlig Arainn nach eil mi a-mach air daoine a tha beò. Chaochail an fheadhainn mu dheireadh aig an robh Gàidhlig Arainneach mu ghinealach air ais. Agus bha na bràithrean Cook beò grunn ghinealach air ais. Bha iad le chèile ainmeil mar shearmonaichean anns a’ chùbaid. Agus mar Arainnich cha robh iad leotha fhèin. Thàinig mòran do chùbaidean Gàidhealach anns an naoidheamh linn deug à Eilean Arainn.

Bha Gilleasbaig, no Archibald, Cook gu sònraichte ainmeil mar shearmonaiche – ann an Gàidhlig agus Beurla. Rugadh e ann an seachd ceud deug, ochdad ’s a naoi (1789). Bha Fionnlagh aon bhliadhn’ deug na bu shine. Bha esan na mhinistear ann an Leòdhas a bharrachd air Gallaibh agus Inbhir Nis. Bha a bhràthair na mhinistear a-mhàin air tìr-mòr.

Sgrìobh aon phears-eaglais, a bhuineadh do Chnapadal ann an Earra-Ghàidheal, gun robh dualchainnt Arainn gu math eadar-dhealaichte eadhon bhon dualchainnt aige fhèin. Mar eisimpleir, bhiodh na h-Arainnich a’ fuaimneachadh na litreach “a” ann an dòigh eadar-dhealaichte bhon a h-uile àite eile. Sgrìobh am fear seo gum biodh an “a” air a ceangal ri fuaimreag eile airson dà-fhoghair, no diphthong, a chruthachadh. Tha Tormod Caimbeul à Leòdhas, a sgrìobh mu bheatha is obair Chook anns an tè as ùire de dh’irisean Chomunn Gàidhlig Inbhir Nis, ag ràdh gu robh e coltach gun canadh muinntir Arainn “mweh” airson math. Tha e coltach cuideachd gun canadh iad “bwètuh” airson bàta agus “bwè” airson bà.

Ach nuair a thathar a’ sgrùdadh nan searmonan Gàidhlig aig Archibald Cook, tha e follaiseach gun do ghabh e grunn fhaclan a-staigh bho dhualchainntean eile. Is beag an t-iongnadh. Bha e fad bhliadhnaichean na mhinistear ann an Gallaibh, baile Inbhir Nis agus ann an Deimhidh faisg air Inbhir Nis. Eadar ochd ceud deug, fichead ’s a trì (1823) agus trithead ’s a seachd (1837), mar eisimpleir, bha e ann am paraiste Latharain ann an Gallaibh far an robh a’ Ghàidhlig fhathast làidir aig an àm, ged a bha i a’ crìonadh. Aig àm a’ chomanachaidh bhiodh Cook a’ searmonachadh ann am Beurla cuideachd, agus bhiodh feadhainn a’ siubhal naoi mìle à Inbhir Ùige airson èisteachd ris.

Nuair a bha e ann an Gallaibh agus ann an Siorrachd Inbhir Nis ’s iongantach mura gabh e a-steach faclan neo-Arainneach a bhuineadh do na dualchainntean sin. Mar eisimpleir, ann an Arainn, b’ e madadh am facal àbhaisteach airson dog. Ach bhiodh Cook cuideachd a’ cleachdadh an fhacail cù. An an searmon turas chleachd e na dhà anns an aon seantans:

Leumaidh iad a-mach à ’n leapaichean , thuirt e, gun ùrnaigh, mar chuilean madaidh agus leumaidh iad a-mach às an eaglais mar chù dhe theadhair.

Bhiodh Cook cuideachd a’ cleachdadh an fhacail nàbaidh, an àite coimhearsnach, airson neighbour. ’S dòcha gun do thog e sin am measg nan Gàidheal ann an Gallaibh. Agus chleachd e faclan mar tìm is meall nach robh air an clàradh ann an Gàidhlig Arainn.

Ach ge bith dè cho coltach no eucoltach ’s a bha an dualchainnt aige ri Gàidhlig a choitheanalan, chan eil teagamh nach robh Cook na shàr-shearmonaiche. Bheir sinn sùil a bharrachd air a’ mhinistear àraidh seo an ath-sheachdain.

Litir 514 Litir 514 Litir 516 Litir 516

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!