An cuala sibh riamh mu Bhlàr Khringen ann an sia ceud deug ’s a dhà-dheug (1612)? Thachair e ann an Nirribhidh. Chaidh sgrios a dhèanamh air feachd
à Alba. Tha am blàr ainmeil ann an Nirribhidh, gu h-àraidh anns an sgìre far an do thachair e. Ann am baile Otta, tha ìomhaighean ann an àiteachan
poblach a tha a’ taisbeanadh eachdraidh a’ bhatail. Ach carson a bha feachd Albannach ann an Nirribhidh? Feumaidh mi beagan eachdraidh Lochlannach
a thoirt dhuibh.
Aig toiseach an t-seachdamh linn deug bha an Danmhairg agus Nirribhidh air an riaghladh còmhla mar aon rìoghachd, fo smachd nan Dànach. Bha smachd
aig an Danmhairg air a’ chaolas a bha a’ ceangal a’ Chuain a Tuath ris a’ Chuan Bhaltach. Bha na Dànaich a’ cur cìs air luingeas a bha a’ falbh
a-mach ’s a-steach. Bhuail sin gu mòr air malairt nan Suaineach.
Lorg na Suainich slighe eile tro cheann a tuath Nirribhidh. Ach cha b’ e slighe mhalairt a-mhàin a bha fa-near dhaibh. Thòisich Rìgh na Suain air
cìsean a thogail ann an Nirribhidh agus ghabh e tiotal ùr air fhèin – Rìgh nan Lappach.
Cha robh na Dànaich no Nirribhich toilichte. Chuir na Dànaich feachd de shia mìle duine a dh’ionnsaigh baile Khalmar anns an t-Suain. Rinn iad
sèist air.
Dh’fhastaich an t-Suain saighdearan à dùthchannan eile airson an cuideachadh. Am measg sin bha feachd à Alba. Cha b’ urrainn dhaibh dhol don
t-Suain seachad air cladach na Danmhairg. Bha aca ri dhol air tìr ann an Nirribhidh agus coiseachd thar nam beann gu ruig’ an t-Suain. Ach bha na
Nirribhich air taobh nan Dànach.
Bha a’ chuid a bu mhotha de na h-Albannaich aig Kringen à Gallaibh.
Bha trì cheud duine no mar sin à Inbhir Ùige. Bha iad fo smachd a’ Mhorair Seòras Mac na Ceàrdaich. Bha buidheann eile ann à ceann a deas na
h-Alba.
Bha an Lieutenant-Còirneal Alexander Ramsay os an cionn-san. Dh’fhalbh na h-Albannaich ann an dà shoitheach – tè à Inbhir Ùige agus tè à Dùn Dèagh.
Ràinig iad cladach Lochlainn anns an Lùnastal sia ceud deug ’s a dhà-dheug (1612).
A rèir beul-aithris ann an Nirribhidh, chaidh cùisean ceàrr bhon toiseach. Bha feachd eile à Normandaidh no Sasainn gu bhith a’ coinneachadh ris na
h-Albannaich ann an Arcaibh. Bhiodh iad a’ falbh a Lochlann còmhla.
Cha do thachair sin. Chaidh na Normanaich (no Sasannaich) gu ruige Trondheim.
Chaidh na h-Albannaich air tìr gu deas air sin.
Bha na Gallaich rud beag eòlach air an sgìre oir bhiodh iad a’ dol ann bho àm gu àm airson fiodh fhaighinn. Agus bha feachd eile de Dhùitsich is
Albannaich air a dhol don t-Suain air an t-slighe sin roimhe. Ach an turas seo, cha robh na Nirribhich a’ dol gan leigeil troimhe gun spàirn.
Thug na h-Albannaich fear-iùil Nirribheach air bòrd. Thug e car asta oir chaidh iad air tìr ann an àite garbh. Lean na h-Albannaich gleann fada air a
bheil Gudbrandsdalen. Ach bha feachd de chòig ceud Nirribheach a’ feitheamh riutha gun fhiosta ann an àite air a bheil Kringen, faisg air Otta.
A rèir beul-aithris anns an sgìre sin, bha fios aig Seòras Mac na Ceàrdaich gun robh latha fuilteach gu bhith ann. Gach madainn bhiodh e a’ cur
pùdar-gunna air an teine anns a’ phàillean aige. Mar bu trice, bhiodh an toit ag èirigh gu dìreach. Ach air a’ mhadainn sin, chaidh an toit dha
ionnsaigh. ’S e manadh a bh’ ann – de dhroch latha do na h-Albannaich, mar a chì sinn an ath-sheachdain.