O chionn ghoirid bha mi ann an Nirribhidh airson sgìtheadh tro na beanntan eadar loidsichean. An turas seo bha mi anns an Rondane, sgìre a chaidh a
dhèanamh na pàirc nàiseanta ann an naoi ceud deug, seasgad ’s a dhà (1962) – a’ chiad phàirc ann an Nirribhidh.
Tha an Rondane cudromach ann an iomadach dòigh. Mar eisimpleir, ’s e fear de na h-àiteachan far a bheil na fèidh mhòra – no fèidh an t-sneachda –
a’ fuireach gun smachd aig mac an duine orra. Bidh fios agaibh gu bheil treudan mòra de dh’fhèidh ann an ceann a tuath nan dùthchannan Lochlannach,
ach tha iad uile fo smachd nan Sàmi. Anns an Rondane, tha na fèidh fhathast a’ falbh am measg nam beann mar a thogras iad fhèin.
Chan fhaca mi gin eileirigean ann oir bha an dùthaich gu lèir còmhdaichte le sneachd. Ach tha e coltach gu bheil a leithid ann, far am biodh daoine
a’ glacadh nam fiadh anns an t-seann aimsir – dìreach mar a bhiodh ar sinnsirean fhèin.
A’ stobadh a-mach às an t-sneachd, ge-tà, bha bothain bheaga. ’S e am facal a thathar a’ cleachdadh ann an Nirribhis san latha an-diugh airson a
leithid – bu. Tha mi an dùil gu bheil sin ceangailte ris na faclan bùth is both ann an Gàidhlig agus, mar sin, ri bothy ann an Beurla – a thàinig bhon Ghàidhlig bothan. Gu tric, ’s e hytte a th’ aig na Nirribhich air togalaichean nas
motha na bu. Tha sin ceangailte ris an fhacal Bheurla hut – ach gu tric tha hytte Nirribheach tòrr nas motha is nas
spaideile na hut.
Co-dhiù, mhothaich mi gun robh mi ann an sgìre a bha ainmeil airson beul-aithris nuair a ràinig mi togalach beag cloiche aig bun nam beann air a
bheil Peer Gynt Hytte. Aig amannan dhen bhliadhna, bidh e fosgailte mar chafaidh do sgìthearan.
Tha e co-cheangailte ri caractar ainmeil ann an dualchas Nirribhidh – Peer Gynt.
B’ e Henrik Ibsen fear de na sgrìobhadairean dhealbhan-chluiche as ainmeile a bh’ ann riamh. Nuair a bha mi ann an Oslo, chaidh innse dhomh gur e
Ibsen an dàrna sgrìobhadair as motha a fhuair a dhealbhan air an àrd-ùrlar air feadh an t-saoghail. ’S e a’ chiad fhear Uilleam Shakespeare.
Co-dhiù, sgrìobh Ibsen an dealbh-chluich Peer Gynt stèidhichte gu ìre air beul-aithris agus caractar a chuireas seachad ùine anns na
beanntan, am measg nan trolls is eile. Chuir Edvard Grieg ceòl ris – ceòl a tha gu math ainmeil an-diugh. Ach dè an ceangal a th’ ann
eadar am bothan cloiche ann am beanntan an Rondane, air a bheil Peer Gynt Hytte, agus an dealbh-chluich? Uill, a rèir choltais, chuir am
fear-cruinneachaidh sgeulachdan, Peter Christian Asbjørnsen, oidhche seachad ann am bothan anns an dearbh àite sin ann an ochd ceud deug, ceathrad ’s a dhà (1842). Chruinnich e sgeulachdan mu shealg nam fiadh mòra agus marcachd air
muin ghobhar
– rudan a bha ann an inntinn Henrik Ibsen nuair a sgrìobh e Peer Gynt.
Às dèidh dhomh an Rondane fhàgail, chaidh mi a-bhàn don ghleann gu baile Otta, far a bheil stèisean-rèile. Agus ann an sin, chuala mi stòiridh a tha a’
ceangal na sgìre sin do dh’Alba. Gu mì-fhortanach, chan e deagh stòiridh a th’ ann oir bha batail ann eadar Albannaich agus Nirribhich.
Tha sinn cleachdte ri bhith a’ cluinntinn mu fheachdan Lochlannach ann an Alba. Ach, an ath-sheachdain, innsidh mi dhuibh mu fheachd Albannach a chaidh
a-steach gu dùthaich Pheer Ghynt, agus mar a dh’fhuiling iad gu dubh.