FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Thugam agus Bhuam

Bha mi a’ leughadh leabhar gu math taitneach o chionn

Audio is playing in pop-over.

Thugam agus Bhuam

Bha mi a’ leughadh leabhar gu math taitneach o chionn ghoirid. ’S e an t-ainm a th’ air Thugam agus Bhuam. ’S e cruinneachadh de sgeulachdan is òrain a th’ ann, agus iad uile air an aithris no air an cruthachadh le Pàdruig Moireasdan nach maireann. ’S e Dòmhnall Eàirdsidh Dòmhnallach nach maireann a thagh agus a dheasaich na sgeulachdan. Bha Dòmhnall Eàirdsidh ag obair fad ùine mhòr aig Sgoil Eòlais na h-Alba. Bha esan am measg nan daoine a chlàir Pàdruig Moireasdan, agus e ag aithris sgeulachdan. Thàinig an leabhar a-mach an toiseach o chionn trithead ’s a dhà bliadhna. Ach chuir Comann Coimhearsnachd Ghriomasaigh ann an clò a-rithist e o chionn ghoirid. Mo bheannachd orra.

Rugadh Pàdruig Moireasdan – Pàdruig mac ’illeasb’ ’ic Phàdruig ’ic Iain – ann an Griomasaigh ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a naoi (1889). Mura h-eil sibh eòlach air Griomasaigh, ’s e eilean beag a th’ ann eadar Uibhist a Tuath agus Beinn a’ Bhadhla. Nuair a thogadh Pàdruig ann, bha a’ choimhearsnachd gu math traidiseanta. Bha daoine math gus sgeulachdan innse, agus bha an taigh-ceilidh fhathast a’ dol. ’S iomadh taigh anns am biodh daoine a’ tighinn cruinn còmhla air an oidhche. Agus bhiodh sgeulachdan, naidheachdan is dibhearsain gu leòr a’ dol.

Nuair a bha Pàdruig na dheugaire dh’fhalbh e taobh Abhainn Chluaidh, far an robh e ag obair ann an Guireag is Glaschu. Bha e na sheòladair fad greis. Chuir e seachad Cogadh a’ Cheusair ann an rèisimeid Mhic Shimidh agus thill e an uair sin a Ghriomasaigh. Bha e ri iasgach is obair na croite ann an Griomasaigh. Airson a’ chòrr de a bheatha bha e eadar a’ Ghalltachd, Griomasaigh agus Eilean Heisgeir. Faodaidh sibh eachdraidh a bheatha a leughadh le bhith a’ ceannach an leabhair.

Ach tha mi airson innse dhuibh mu aon de na stòiridhean aig Pàdruig a nochdas anns an leabhar. Chan e sgeulachd a chuala e anns an taigh-chèilidh ach tachartas na bheatha fhèin, nuair a bha e òg. Bha sin ann an naoi ceud deug ’s a h-aon-deug (1911). Bhà Pàdraig an làthair nuair a thachair rudeigin iongantach. ’S e latha mòr a bh’ ann.

’S ann am Beul Feirste a thachair e agus bha Pàdruig ann a chionn ’s gun robh e ag obair air tè de bhàtaichean Ghlaschu aig an àm, a’ toirt bathar eadar Alba is Èirinn. A bheil fios agaibh dè bh’ ann? Bha Pàdraig an làthair nuair a chaidh an Titanic a chur air bhog ann am Beul Feirste.

Air an latha mu dheireadh dhen Chèitean naoi ceud deug ’s a h-aon-deug (1911) bhathar a’ dèanamh deiseil airson an soitheach as motha a chaidh a thogail riamh a chur air bhog. Cha robh i deiseil airson luchd-turais a ghiùlain. Bha tòrr ri dhèanamh oirre fhathast. Ach bha a slige deiseil airson a dhol air bhog.

Chaidh còrr is fichead tonna de gheir a chur air an t-slip airson leigeil leis an t-slige sleamhnadh sìos don abhainn. Bha sgioba de luchd-obrach deiseil airson am fiodh a bha ga cumail na h-àite a thoirt air falbh. Bha a h-uile càil an ìre mhath ceart gu leòr.

Ach dh’fhairich Pàdruig rudeigin neònach air an latha sin. Beagan is bliadhna às dèidh sin, tha mi cinnteach gun do thill na thachair do chuimhne nuair a chaidh an Titanic don aiginn anns a’ chuan mhòr. An ath-sheachdain, leigidh mi le Pàdruig innse dhuibh beagan na fhaclan fhèin air dè dìreach a thachair air an latha ainmeil sin ann am Beul Feirste.

Litir 507 Litir 507 Litir 509 Litir 509

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!