Anns a’ cheala-deug a dh’fhalbh, bha sinn ann an Sgìre an Ròid ann an Dùn Èideann, a’ coimhead air na h-ainmean-àite Arthur’s Seat agus Piper’s Walk. An t-seachdain seo, mus fhàg mi an sgìre sin, bu mhath leam sùil a thoirt air ainm Gàidhlig – no an ìre mhath Gàidhlig, co-dhiù. ’S e sin Croft-an-Rìgh. ’S ann mar sin a tha e a’ nochdadh air na soidhnichean. Croft-an-Rìgh. Chan e Croit an Rìgh mar a bhiodh dùil, ach
Croft-an-Rìgh.
Tha an t-àite gu math faisg air Lùchairt an Ròid – dachaigh oifigeil na Banrigh ann an Alba. Nuair a chunnaic mi an soidhne, shaoil mi gur dòcha gur e
seann ainm Gàidhlig a bh’ ann – a bhuineadh don linn, ochd ceud gu mìle bliadhna air ais, nuair a bha a’ Ghàidhlig beò mar chànan coimhearsnachd ann an
Lodainn. Ach, nuair a dh’fhaighnich mi de Ghàidheil ionnsaichte, cha robh iad eòlach air an ainm. Agus bha e neònach dhomh gun robh an
dreach Gàidhlig air a ghleidheadh cho fada ann an àite mar Dhùn Èideann.
Choisich mi sìos an rathad far an robh an soidhne gam stiùireadh. Agus chan fhaca mi croit. Leis an fhìrinn innse, cha robh mi ’n dùil coinneachadh ri
croitear le bòtannan air, agus caoraich is crodh ag ionaltradh taobh a-muigh an taigh aige. ’S e croit Rìgh a bh’ ann! Bhiodh e na bu spaideile na croit
air a’ Ghàidhealtachd!
Ach cha robh eadhon croit rìoghail spaideil ann. Bha seann taigh ann, ge-tà. Agus air a’ bhalla bha an soidhne – Croft-an-Rìgh. Buinidh an taigh don
t-siathamh linn deug. Tha e gu math sean.
Chaidh mi don leabhar le Stiùbhart Harris nach maireann – The Place Names of Edinburgh. Agus tha e coltach nach e ainm Gàidhlig a th’ ann idir.
Anns a’ chiad dol a-mach feumar cuimhneachadh gun tàinig am facal Gàidhlig croit bhon Bheurla croft. Agus anns an ochdamh is naoidheamh
linn deug bha an t-ainm clàraichte mar Croftangry. Tha Harris ag innse dhuinn gur e ainm Beurla a bh’ ann a thàinig bho croft angr. Tha e
a’ ciallachadh pàirc ionaltraidh le feansa mu a timcheall, a tha suidhichte taobh a-staigh fearann a’ bhaile – seach àite ionaltraidh taobh a-muigh a’
bhaile air a’ chùl-cinn.
Ciamar, ma tha, a fhuair e ainm Gàidhlig? Uill, tha Harris ag ràdh, tron naoidheamh linn deug, gun do dh’atharraich an t-ainm bho Croftangry gu Croftanry gu Croft an Rhi le r-h-i, agus mu dheireadh r-i-g-h. Tha e coltach gun deach an ceangal a dhèanamh eadar an t-àite agus Rìgh na h-Alba leis gu bheil e cho faisg air an lùchairt. Ach cha robh lùchairt aig na rìghrean an sin ro dheireadh a’ chòigeamh linn deug. Agus bha a’ Ghàidhlig air a bhith marbh fada ann an Lodainn aig an àm sin.
Chan eil Harris ag ràdh cò a bu choireach ri dreach Gàidhlig an ainm. Ach tha e ag ràdh gur e “Croft an Rye” an dòigh ’s a bheil mòran ga ràdh. Agus chuala mi sin bho neach ann an Dùn Èideann cuideachd. Tha Harris a’ dèanamh dheth gur e as coireach ris an fhuaimneachadh “rye” gun robh feadhainn a’ cur an aghaidh dreach fuadain Gàidhlig a chur air seann ainm a thàinig bhon Bheurla.
Co-dhiù no co-dheth, sin Croft-an-Rìgh. Gu math tric, bidh sinn a’ gearain gun deach dreach Beurla a chur air seann ainmean Gàidhlig. Uill, seo eisimpleir
de dhreach Gàidhlig a’ dol air seann ainm Beurla – rud nach fhaicear cho tric.