FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An Rèisimeid Ghàidhealaich

Ann an Litir ceud, trithead ’s a còig (135) anns

Audio is playing in pop-over.

An Rèisimeid Ghàidhealaich

Ann an Litir ceud, trithead ’s a còig (135) anns an Fhaoilleach dà mhìle ’s a dhà (2002), bha mi ag innse dhuibh mun rèisimeid Ghàidhealaich, na 78th Highlanders, agus mar a bha iad ann an Dùn Èideann greis. Bha sin anns a’ bhliadhna seachd ceud deug, seachdad ’s a h-ochd (1778). Uill, tha ceangal eadar sin agus an Litir an t-seachdain sa chaidh, anns an do dh’innis mi dhuibh mu ainm-àite ann an Dùn Èideann – Piper’s Walk – air Suidhe Artair. Bhuineadh am pìobaire don rèisimeid sin.

Chaidh an rèisimeid a chruthachadh le Iarla Shìophort, ceann-cinnidh Clann ’ic Coinnich. Bha timcheall air mìle duine innte. Bha iad nan Gàidheil, à oighreachd Iarla Shìophort. Chaidh an cur gu ruige Lìte, port Dhùn Èideann, as t-samhradh seachd ceud deug, seachdad ’s a h-ochd (1778). Bha an riaghaltas ag iarraidh orra dhol air bòrd soitheach. Aig a’ cheann thall, ’s ann gu ruige Eileanan Chaolas Shasainn a chaidh iad, agus rinn iad obair ghaisgeil ann a bhith a’ dìon nan eilean sin an aghaidh nam Frangach.

Ach bha na saighdearan fhèin dhen bheachd gu robh e mar phàirt dhen chùmhnant aca nach biodh aca ri dhol a-null thairis. Agus nuair a bha iad ann an Lìte, chaidh fathann timcheall gun robh iad gu bhith a’ falbh chun nan Innseachan. Bha iad gu math feargach. Cha d’ fhuair iad gealltanas bho na h-oifigearan aca nach robh na soithichean aca a’ dol do na h-Innseachan.

Dh’fhalbh mu shia ceud dhiubh. Rinn iad caismeachd, ann an deagh òrdugh, a-mach à port Lìte, agus rinn iad air Suidhe Artair. Bha pìobairean aig an ceann. A rèir aithris, chaidh iad suas air a’ chnoc agus rinn iad gu math soilleir nach tigeadh iad sìos gus am faigheadh iad gealltanas nach biodh iad a’ dol a-null thairis. No gus an toireadh saighdearan eile sìos iad le fòirneart. Bha Dùn Èideann air bhoil.

Tha e coltach gun robh co-fhaireachdainn aig mòran ann an Dùn Èideann do na saighdearan. Thug iad biadh is deoch dhaibh. Cha do rinn na saighdearan cron sam bith air a’ bhaile. Chùm iad smachd glè mhath orra fhèin. Ach bha iad deimhinne nach robh iad a’ dol do na h-Innseachan.

Cha robh iad a’ campachadh air Suidhe Artair ach airson trì latha. Ach anns na trì latha sin, chaidh ainm a thoirt – feumaidh – le muinntir a’ bhaile do shlighe air am biodh pìobaire Gàidhealach a’ coiseachd, agus a’ seinn na pìoba. ’S e sin Piper’s Walk.

Gu fortanach, thàinig an gnothach gu crìch gu sìtheil. Ged a bha ceannardan an airm air saighdearan gu leòr a thoirt a Dhùn Èideann, roghnaich iad gun a bhith a’ sabaid. Chùm iad còmhraidhean leis na Gàidheil, agus thàinig iad gu aonta. Cha bhiodh an rèisimeid a’ dol do na h-Innseachan idir, ach a dh’Eileanan Chaolas Shasainn. Agus cha bhiodh duine air a pheanasachadh airson an “ar-a-mach”.

Beagan làithean às dèidh do na saighdearan Suidhe Artair fhàgail, rinn iad air Lìte a-rithist, le pìobairean aig an ceann. Bha mòran de mhuinntir an àite aig oir an rathaid airson am faicinn. Chaidh iad a dh’Eileanan Chaolas Shasainn agus ann an seachd ceud deug, ochdad ’s a h-aon (1781) dhìon iad Jersey an aghaidh feachd às an Fhraing.

Bha na saighdearan Gàidhealach onarach. Ach dè mu dheidhinn nan ùghdarrasan? Às dèidh dhaibh Jersey a dhìon, chaidh na saighdearan a chur a-null do na h-Innseachan. Chaochail mòran air an t-slighe, agus ’s e glè bheag dhiubh a chunnaic Alba a-rithist.

Litir 505 Litir 505 Litir 507 Litir 507

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!