Bha mi ann an Dùn Èideann o chionn ghoirid agus aon mhadainn chaidh mi air chuairt ann am Pàirc an Ròid, no Holyrood Park. Tha sin faisg air Taigh
na Pàrlamaid agus Lùchairt an Ròid no Holyrood Palace – dachaigh oifigeil na Banrigh ann an Alba. Bidh mòran a tha ag èisteachd ris an Litir seo
eòlach air a’ phàirc. Bidh na mìltean mòra a’ tadhal oirre gach bliadhna, an dà chuid muinntir Dhùn Èideann agus luchd-turais.
Ann am meadhan na pàirce, tha cnoc ainmeil air a bheil Suidhe Artair. Uill, ’s e sin a’ Ghàidhlig a tha mi a’ dol a chur air. ’S e Arthur’s Seat a th’ air ann am Beurla. Chan eil mi buileach cinnteach dè cho fìor ’s a tha an ceangal a thathar a’ dèanamh eadar an cnoc agus
Artair, seann rìgh nam Breatannach. ’S dòcha gum bi beachd agaibh fhèin air a’ cheist agus, ma tha, bu mhath leam cluinntinn bhuaibh.
Fhuair mi lethbhreac de leabhar le fear a rinn rannsachadh mòr air ainmean-àite Dhùn Èideann. B’ esan Stiùbhart Harris. Thàinig an leabhar aige – The Place Names of Edinburgh – a-mach o chionn trì bliadhn’ deug, dìreach bliadhna mus do chaochail e.
Cha robh Harris buileach cinnteach mun cheangal eadar Arthur’s Seat agus Rìgh Artair. Dh’aidich e gun robh e clàraichte mar sin ann an còig ceud
deug ’s a h-ochd (1508) anns an rann ainmeil The Flyting of Dunbar and Kennedy. Ach, anns na meadhan-aoisean, cha robh sgeul air an ainm sin. ’S e
an t-ainm a bh’ air a’ chnoc aig an àm ud, a rèir choltais, Craggenemarf. ’S e ainm Ceilteach a th’ ann. Tha cuid dhen bheachd gun tàinig e bhon
Ghàidhlig – Creag nam Marbh. Tha cuid eile ag ràdh gur e ainm Breatannach, seach Gàidhlig, a bh’ ann bho thùs. Dh’fhaodadh sin a bhith oir tha a’
Chuimris airson Creag nam Marbh gu math coltach ris a’ Ghàidhlig. Sgrìobh Harris gur dòcha gur e cruthachadh romansach as coireach ri Arthur’s Seat.
Air an làimh eile, thuirt e gu bheil aon àite deug ann an Alba, anns a bheil Artair air ainmeachadh. Dh’ainmich MacBhàtair feadhainn dhiubh anns an leabhar
aige The Celtic Place-names of Scotland. Seo iad: Suidhe Artair ann an Dùn Bhreatainn agus Siorrachd Bhanbh, Beinn Artair aig ceann Loch Long,
Aghaidh Artair anns an aon sgìre, Sruth Artair ann an Earra-Ghàidheal agus Arthur’s Cairn is Arthurseat ann an Siorrachd Obar Dheathain.
Bha MacBhàtair dhen bheachd gun robh e coltach gun robh a’ chuid as motha de na h-ainmean Artaireach co-cheangailte ris an t-seann ghaisgeach Bhreatannach.
Co-dhiù no co-dheth
, tha aon àite ann am Pàirc an Ròid a tha ceangailte ri Gàidheil, ged as e ainm Beurla a th’ ann, seach ainm Gàidhlig. Tha slighe air cliathaich a’ chnuic
air a bheil Piper’s Walk. A rèir beul-aithris, tha an t-ainm a’ dol air ais don ochdamh linn deug nuair a bha còmhlan de Ghàidheil a’ campachadh
air cliathaich Suidhe Artair. Bha pìobaire aca a bha a’ coiseachd air an t-slighe sin, agus a’ seinn na pìoba.
Nise, bha saighdearan Gàidhealach anns an nàbaidheachd sin ann an seachd ceud deug, ceathrad ’s a còig (1745), a’ deisealachadh airson Blàr Sliabh a’
Chlamhain – blàr ainmeil ann am Bliadhna Theàrlaich. Ach a rèir beul-aithris, fhuair Piper’s Walk ainm bliadhnaichean às dèidh sin ann an seachd
ceud deug, seachdad ’s a h-ochd (1778). Cò na saighdearan Gàidhealach a bh’ ann agus carson a bha iad ann an Dùn Èideann? Innsidh mi sin dhuibh an
ath-sheachdain.