FaclairDictionary EnglishGàidhlig

B’ àillibh? (2)

Anns an Litir mu dheireadh bha mi a’ beachdachadh air

Audio is playing in pop-over.

B’ àillibh? (2)

Anns an Litir mu dheireadh bha mi a’ beachdachadh air goireas ùr air an eadar-lìon – am faclair aig Eideard Dwelly a tha a-nise ann an riochd eileagtronaigeach. Tha e aig www.dwelly.info agus tha e air leth feumail. An latha eile chuir fear a bha a’ conaltradh rium le puist-dealain fiosrachadh thugam co-cheangailte ris an fhaclair. Fiosrachadh gu math inntinneach.

Bha e a-mach air siorrachd ann an Alba. Thuirt e rium – cuir ainm na siorrachd seo a-steach don fhaclair agus cuiridh e iongnadh ort. Rinn mi sin, agus bha e ceart. Chuir e iongnadh orm agus thug e toileachas dhomh aig an aon àm.

Ann am priobadh na sùla, nochd ceud, fichead ’s a ceithir ceann-fhaclan Gàidhlig. Ann an diog no dhà, rinn mi rannsachadh a bh’ air làithean a chosg, a’ coimhead tron fhaclair air pàipear. Seo ceithir de na ceann-fhaclan, agus innsidh mi dhuibh às dèidh làimh dè an t-siorrachd a bh’ ann: càl-deanntaig - leaves of the common nettle cooked and eaten as cabbage; criarachan – nest of wild birds before it is lined or finished; geir – pain experienced in the wrist of persons manipulating the pruning hook; agus gnudhadh – the slush from drifting snow in the winter.

Uill, chan eil fhios a’m a bheil cuid agaibh eòlach air na faclan sin. Ach buinidh iad uile, a rèir Dwelly, do Ghallaibh – do dhualchainnt na Gàidhlig ann an Gallaibh. Bha iad air an cruinneachadh le fear Dòmhnall MacCoinnich à Killimister, faisg air Inbhir Ùige. Airson an lorg, chuir mi am facal “Caithness” a-steach don lorgair air a’ choimpiutair. Agus bu chòir dhomh a ràdh, ma tha sibh a’ coimhead airson nam faclan a dh’ainmicheas mi, ’s mathaid nach bi iad ann am faclair àbhaisteach Dwelly. Tha cuid dhiubh bhon eàrr-ràdh don fhaclair. Sin an Appendix to Dwelly’s Gaelic-English Dictionary, a chaidh a chur ri chèile às dèidh bàs Dwelly le Dùbhghlas Clyne agus Ruaraidh MacThòmais.

Dìreach airson blasad a bharrachd a thoirt dhuibh de na faclan Gallach a th’ aig Dwelly, seo ceithir eile. Saoil a bheil fios agaibh dè tha iad a’ ciallachadh: marag-geòidh, rùdail, sileadh-sùith agus upaig. Seo iad a-rithist: marag-geòidh, rùdail, sileadh-sùith agus upaig.

Uill, seo na tha iad a’ ciallachadh ann am Beurla, fear mu seach: marag-geòidh – pudding made in the stomach of a goose, consisting of the blood and fat of the goose with seasoning; rùdail – rumbling noise in the bowels; sileadh-sùith – rain percolating through the sooty thatch of a house and falling in large black drops indelibly staining everything it comes in contact with; agus upaig – old and useless person, one regarded as being in the way. Uill, cha tuirt mi gun robh iad PC…

Buinidh am fear a chuir am fiosrachadh thugam mu na faclan Gallach sin do shliochd muinntir Ghallaibh. Bha Gàidhlig aig na sinnsirean aige. Tha esan a’ tuigsinn gun robh, agus gu bheil, àite mòr aig a’ Ghàidhlig ann an dualchas Ghallaibh, gu h-àraidh anns an leth as fhaide sìor is deas dhen t-siorrachd.

Uaireigin bha trì dualchainntean àraidh gam bruidhinn ann an Gallaibh. Dh’fhalbh an Lochlannais o chionn fhada. Chan eil cuimhne aig duine beò air a’ chainnt sin a chluinntinn. Dh’fhalbh a’ Ghàidhlig o chionn ghoirid. Tha cuimhne aig daoine oirre, agus tha fiosrachadh mu a deidhinn clàraichte. Agus tha dualchainnt Ghallach na Beurla Gallta, no Albais, fhathast ann am bith.

Tha dualchas àraidh – agus beartach – aig Gallaibh. Agus tha a’ Ghàidhlig mar phàirt dheth. Feumaidh sinn dèanamh cinnteach nach bi dìleab nan Gàidheal ann an Gallaibh air a dìochuimhneachadh. Cuidichidh Dwelly Air-Loidhne le sin.

Litir 503 Litir 503 Litir 505 Litir 505

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!