A bheil fios agaibh dè tha am facal fillte “muir-thìreach” a’ ciallachadh? Muir- thìreach. Tha mi ga chleachdadh an-diugh mar ainmear,
no noun. Ach nochd e anns an Litir dà bhliadhna air ais ann an riochd buadhair, no a djective.
Uill, ma dh’aithnicheas sibh gu bheil e air a dhèanamh dhen dà fhacal muir agus tìr, bidh e furasta gu leòr. Muir-thìreach – something that lives both in the sea and on the land. Nise, nuair a chleachd mi mu
dheireadh e, bha mi a’ dèanamh tuairisgeul air an ròn.
Bha mi a’ dèanamh iomradh air argamaid eadar fear Pròstanach agus fear Caitligeach anns na h-Eileanan an Iar ri linn Mhàrtainn MhicIlleMhàrtainn. Bha
na Caitligich ag ithe feòil an ròin aig àm a’ Charghais, no L ent. Bha am Pròstanach ag ràdh gun robhar a’ briseadh riaghailtean na
h-Eaglaise Caitligich oir chan e ròn iasg. Thuirt an Caitligeach gun robh an ròn ag ithe iasg, gun robh e muir-thìreach agus gun robh e a’ dèanamh
braidhmean – rud nach b’ urrainn iasg a dhèanamh!
Uill, chan urrainn dhomh dearbhadh a bheil sin fìor mu èisg ach co-dhiù, faodar a ràdh gu bheil ròin muir-thìreach. Ge-tà, mar ainmear tha
muir-thìreach a’ ciallachadh
“amphibian”.
Agus, leis a’ chiall sin air an fhacal, chan e ròn muir-thìreach. ’S e ròn mamail.
Thàinig mi tarsainn air an fhacal muir-thìreach air an eadar-lìon an latha eile. Bha mi a’ coimhead air làrach-lìn ùr a chaidh a chruthachadh
le Dualchas Nàdair na h-Alba. Tha mòran eòlach air a’ bhuidhinn fo ainm ann am Beurla – Scottish Natural Heritage no SNH. ’S e an t-ainm a
th’ air an làraich ùir Faclan Nàdair SNH. Gheibhear lorg air aig www.snh.org.uk/gaelic/dictionary.
’S e an rud a tha sònraichte math mu fhaclairean air an eadar-lìon gun gabh rudan a lorg gu luath le bhith a’ cur lorgair an sàs. Chuir mi am facal
Beurla amphibian
don lorgair, bhrùth mi am putan agus fhuair mi muir-thìreach.
Nise, ma tha sibh gu math eòlach air nàdar, ’s dòcha gun can sibh – mmm – ’s e muir-thìreach a th’ anns an losgann ach, gu dearbh, cha bhi losgann sam
bith a’ dol faisg air a’ mhuir. Dhèanadh an salann cron air. Bidh e a’ dol eadar uisge – sin fìor- uisge – agus tìr. Saoil nach e “uisge-thìreach” a bu
chòir a bhith againn air amphibian, seach muir-thìreach?
Uill, dh’fhaodamaid an aon seòrsa gearain a dhèanamh mun fhacal amphibian
ann am Beurla. Tha e a’ tighinn bho fhreumhaichean Greugach a tha a’ ciallachadh
“beatha dhùbailte” no double life. Tha sin ceart gu leòr, ach chan eil e a’ dèanamh iomradh air uisge is tìr.
Chan e faclair SNH an aon fhear ùr a nochd air an eadar-lìon o chionn ghoirid. Nochd an seann fhaclair aig Dwelly mar ghoireas eadar-lìn cuideachd –
agus innsidh mi tuilleadh mu dheidhinn sin an ath-sheachdain. Co-dhiù, chaidh mi do làrach Dwelly, chuir mi am facal amphibious a-steach don
lorgair, agus bhrùth mi am putan. Ach cha do nochd muir-thìreach idir.
Ri linn Dwelly – agus cuimhnichibh gu bheil am faclair sin ceud bliadhna a dh’aois – bhathar a’ cleachdadh airson amphibious am facal fillte dà-bheathach. Dà-bheathach. Double life. Coltach ris a’ Bheurla.
Dè chanamaid, ma-thà, ann an Gàidhlig, airson amphibious vehicle ? Chanainn nach biodh carbad dà-bheathach cho ciallach ri carbad muir-thìreach. Ach dè mu dheidhinn amphibiousness? Muir-thìreachas? Uill, fàgaidh mi sin do latha eile.