Tha mi a’ dol a thòiseachadh na Litreach an t-seachdain seo le litir. Tè a tha mòran nas ainmeile na Litir do Luchd-ionnsachaidh, feumaidh mi aideachadh.
Litir a nochdas anns a’ Bhìoball. Seo pàirt dhith.
“Ach tha mi a’ toirt fios dhuibh, a bhràithrean, an soisgeul a shearmonaicheadh leamsa, nach ann a rèir duine a tha e. Oir cha b’ ann o dhuine a fhuair mi
e, ni mò a theagaisgeadh dhomh e, ach tre fhoillseachadh Iosa Criosd.”
A bheil sibh eòlach air an Litir sin? ’S e sin dà earrainn a-mach à Litir an Abstoil Phòil chum nan Galatianach. Tha e anns an Tiomnadh Nuadh. Seo earrann
eile bhon Litir – Caibideil a Trì, Earrann a h-Aon. Tha e a’ sealltainn nach robh Pòl agus na Galatianaich a’ tarraing buileach air an aon ràmh, co-dhiù
nuair a sgrìobh Pòl an litir thuca:
“O a Ghalatianacha amaideach, cò a chuir druidheachd oirbh, ionnas nach bitheadh sibh umhail don fhìrinn, d’ an robh Criosd air a nochdadh
gu soilleir fa chomhair bhur sùl, air a cheusadh nur measg?”
Bha Pòl air a bhith ann an Galatia roimhe, a’ searmonachadh. Tha e ag ràdh ann an Leabhar Ghnìomharan nan Abstol gun deach e “tro thìr Galatia uile... a’
neartachadh nan deisciobal uile.” Agus tha e ag ràdh anns an Litir aige – anns a’ cheathramh is còigeamh Earrann deug dhen cheathramh Chaibideil – gun d’
fhuair e fàilte chridheil chridheil bho mhuinntir an àite aig an àm ud. “Tha mi a’ dèanamh fianais dhuibh,” tha e a’ sgrìobhadh, “nam bu chomasach e, gun
spìonadh sibh a-mach bhur sùilean fhèin agus gun tugadh sibh dhòmhsa iad.”
Ach, anns an eadar-ama, tha cùisean air a dhol an aghaidh teachdaireachd Phòil agus an aghaidh an iompachaidh a rinn e, a rèir na sgrìobhas e. Anns an
Litir aige, tha e ag iarraidh air na Galatianaich tilleadh don teagasg aige fhèin.
Bhiodh e inntinneach faighinn a-mach, nuair a bha Pòl ann an Galatia, dè an cànan a bha e a’ bruidhinn ris an t-sluagh. Bha Galatia ann am meadhan na
dùthcha ris an canadh na Ròmanaich Asia Minor. Ghabh Pòl sgrìob mhòr tron dùthaich sin. An-diugh, tha sinn nas eòlaiche air Asia Minor
mar Anatolia – ’s e sin a’ chuid mhòr dhen Tuirc. B’ e prìomh bhaile nan Galatianach àite ris an canadh iad Ancyra. ’S e sin far a bheil prìomh
bhaile na Tuirc an-diugh – baile mòr air a bheil Ankara.
Carson a tha mi a’ togail ceist mun chànain a bh’ aig na Galatianaich? Tha, a chionn ’s gur e Ceiltich a bh’ annta. Tha an Gal- aig toiseach an
ainm ag innse sin. Bha iad càirdeach do na Gàidheil, is do mhuinntir Ghaul is muinntir Ghalicia – is bha barrachd na aon Ghalicia ann.
’S dòcha gur iad na Galatianaich na Ceiltich a b’ fhaide sear a chaidh a chlàradh ann an eachdraidh. Gu deimhinne, bha iad càirdeach dhuinn fhèin, fad às.
Agus tha e a’ coimhead gu math coltach gun robh iad fhathast a’ bruidhinn cànan Ceilteach nuair a bha an t-Abstol Pòl nam measg. Chaidh aithris anns a’
cheathramh linn AC gun robh cànan aca fhathast a bha co-ionann ris a’ chànan aig treubh eile a bha a’ fuireach ann am meadhan na Roinn Eòrpa – taobh
Abhainn Rhine.
Ach ciamar a dh’èirich suidheachadh far an robh Ceiltich a’ fuireach ann an Asia Minor? Bheir sinn sùil air a’ cheist sin an ath-sheachdain.