Bha mi ag innse dhuibh mu Robbie is Anne Northway a bha a’ fuireach ann am bothan anns an t-Srathan air a’ Pharbh. Choisich mi ann as t-fhoghar am-bliadhna
còmhla ri caraid agus, an latha mus do ràinig sinn An Srathan, chuir sinn seachad an oidhche ann am bothan eile, beagan mhìltean air falbh. Tha sin ann an
àite ris an canar Srath Chailleach, ged nach urrainn dhomh innse dhuibh cò na cailleachan a bha a’ fuireach ann, no cuin.
Tha am bothan ann an Srath Chailleach gu math beag, ìosal is dorch, agus tha e ann an àite a tha eadhon nas iomallaiche na an Srathan. Tha mu sheachd mìle
de choiseachd thar mòintich romhad ma tha thu ag iarraidh a dhol ann. Tha e air bruach abhainn – agus chan eil drochaid thar na h-aibhne tuilleadh. Bha latha na b’ fheàrr aig Srath Chailleach.
A dh’aindeoin sin, tha an togalach fhèin ann an deagh òrdugh. ’S e Comann Bothain nam Beann as coireach ri sin. Tha iad a’ dèanamh obair mhath air mòran
seann togalaichean ann an àiteachan iomallach. Tha na bothain aca fosgailte mar àite-fuirich airson oidhche do dhuine sam bith a thèid nan rathad.
“Seo far an robh e – an Seann Mhadadh Ruadh,” thuirt mo charaid nuair a ràinig sinn am bothan.
“Cò bh’ anns a’ Mhadadh Ruadh?” dh’fhaighnich mi, agus dh’innis mo charaid dhomh mun turas a thàinig e don bhothan sin. Bha fear a’ fuireach ann agus cha
robh e laghach idir. “Thalla!” thuirt e, “chan fhaigh thu àite fuirich an seo!” B’ e an duine sin Seumas MacRuairidh Mac a’ Ghobhainn, agus rinn e a
dhachaigh anns a’ bhothan sin airson timcheall air trithead bliadhna.
Bhuineadh Seumas do Dhùn Bhreatainn. Bha e anns an arm anns a’ Ghearmailt an Iar às dèidh a’ chogaidh, ach nuair a thill e a dh’Alba, cha deach cùisean ro
mhath dha. Chaill e a bhean ann an tubaist rathaid. Chaidh a chlann a dh’fhuireach cuide rin seana-phàrantan, agus ghluais Seumas don cheann a tuath. Mu
dheireadh rinn e a dhachaigh anns an t-seann taigh ann an Srath Chailleach, ged a bha aige ri ochd mìle a choiseachd thar talamh garbh airson faighinn don
bhùth. Tha e coltach gun robh e toilichte a bhith a’ fuireach leis fhèin, is fad air falbh bho dhaoine eile.
Airson còig bliadhn’ deug, cha robh gnothach aig Comann nam Bothan ris an àite. An uair sin, ann an naoi ceud deug, ochdad ’s a h-aon (1981), thàinig
stoirm mhòr. Rinn i milleadh air an togalach. Dh’aontaich an Comann obair-càraidh a dhèanamh air, nan cumadh Seumas aon seòmar a-mach às
na trì aige fosgailte do luchd-coiseachd. Dh’aontaich e ri sin ach cha do chùm e ris a’ bhargan. ’S ann tric a bhiodh e a’ ruagadh dhaoine a bha ag
iarraidh fuireach na h-oidhche, mo charaid nam measg.
Aon turas nochd heileacoptair Ameireaganach taobh a-muigh an taighe oir bidh NATO a’ cumail eacarsaichean air a’ Pharbh. Bha Seumas a-staigh a’ còmhradh ri
cìobair. Ach ruith e a-mach le làmhag os a chionn agus theich na h-Ameireaganaich ann an cabhaig!
Dh’fhalbh Seumas – agus chaochail e – anns na naochadan. Ach tha na dealbhan-balla a rinn e fhathast rim faicinn – ma chleachdas tu toirds oir tha am
bothan cho dorch eadhon air latha grianach. Àite brèagha a th’ ann – airson latha no dhà. Ach trithead bliadhna? ’S e ùine mhòr a tha sin.