“Na meallar sibh; cha dèanar fanaid air Dia: oir ge b’ e nì a shìol-chuireas duine an nì ceudna buainidh e.” Tha mi cinnteach gum bi sibh
eòlach air an earrainn sin, eadhon mura h-eil sibh mion-eòlach air a’ Bhìoball. Ge b’ e nì a shìol-chuireas duine an nì ceudna buainidh e . No ann am Beurla, “whatsoever a man soweth, that he shall also reap.”
Tha e a’ nochdadh ann an Litir an Abstoil Phòil chum nan Galatianach, Caibideil a Sia, Earrann a Seachd. An t-seachdain sa chaidh, bha sinn a’ toirt sùil
air na Galatianaich agus air an dùthaich aca, Galatia. ’S e Ceiltich a bh’ annta. B’ e Galatia rìoghachd Cheilteach ann an Asia Minor – far a
bheil an Tuirc an-diugh.
Dh’fhalbh na Galatianaich à fianais còrr is mìle bliadhna air ais. Ach nuair a bha Pòl a’ gluasad nam measg, agus a’ searmonachadh dhaibh, bha cànan
Ceilteach aca fhathast. Chan eil sin a’ ciallachadh nach robh cànanan eile gam bruidhinn ann an Galatia a bharrachd. Tha deagh choltas ann gun robh
Phrigianais ga bruidhinn ann, ’s gun robh na Ceiltich a’ riaghladh nam Phrigianach.
Tha cuid ann am prìomh bhaile na Tuirc, Ankara, dhen bheachd gur iad na Galatianaich a chuir an t-ainm air a’ bhaile, ged a tha feadhainn eile ag ràdh gu
bheil an t-ainm nas sine na sin. Mas e na Galatianaich a bu choireach, seo stòiridh mu dheidhinn: bha batail eadar cabhlach nan Galatianach agus cabhlach
nan Èiphiteach. Rinn na Galatianaich a’ chùis. Thug iad dhachaigh na h-acraichean bho na longan Èiphiteach agus chuir iad nan teampaill iad. Ann an
Laideann, ’s e ancora a chanar ri acair. ’S dòcha gun robh e car coltach ann an Galatianais – oir thàinig am facal againne (acair) bhon t-seann
Lochlannais.
Uill, chan eil fhios agam mun stòiridh sin. Ach tha aithrisean ann mu na Galatianaich is cuin a nochd iad an toiseach ann an Asia Minor. Ghluais iad ann
anns na seachdadan dhen treas linn ro Chrìosd – sin na 270s BC. Bha rìgh ann am Bithynia, faisg air far a bheil Istanbul an-diugh. ’S e Nicomedes an t-ainm
a bh’ air. Tha mi cinnteach gur e seann Ghreugais a bh’ aige mar chànan.
Bha Nicomedes an sàs ann an strì le a bhràthair airson ceannas. Thug e cuireadh do na Ceiltich thighinn don dùthaich aige, thar a’ Bhosphorus, airson taic
a thoirt dha. Chaidh fichead mìle duine ann – boireannaich is clann, a bharrachd air saighdearan. Aig a’ cheann thall, fhuair iad fearann gu sear air
Bithynia ann am meadhan Asia Minor. Bhiodh an àrd-chùirt aca a’ tighinn cruinn còmhla faisg air Ankara. Tha e coltach gun robh creideamh draoidheil aca aig
an àm ud. Bha doireachan darach naomh dhaibh.
Bha sin air atharrachadh mun àm a sgrìobh Pòl a litir thuca. Tha e coltach bhon litir aige gun robh cuid ann an Galatia a’ cumail ri nòsan Iùdhach, seach a
bhith a’ leantainn na slighe Crìosdail a mhol Pòl dhaibh. Tha Pòl gu sònraichte a’ dèanamh iomradh air an timcheall-ghearradh a tha a’ dol nam measg.
Cuiridh mi crìoch air an Litir agamsa le earrann eile bhon litir a chuir Pòl do na Galatianaich: “Oir an tì a chuireas da fheòil fhèin, buainidh e on
fheòil truaillidheachd; ach an tì a chuireas don Spiorad, buainidh e on Spiorad a’ bheatha shuthainn.” Beannachd leibh.