Anns a’ Ghiblean dà mhìle ’s a h-aon (2001) nochd dithis phoileas agus dithis mhaor-siorraim anns an t-Srathan air a’
Pharbh. Bha iad ann airson dèanamh cinnteach gum biodh Robbie Northway a’ gluasad a-mach às a’ bhothan anns an robh e air a bhith a’ fuireach gun chead.
Bha a’ bhean aige mu thràth air a dhol a dh’fhuireach air taobh an ear na Gàidhealtachd. Ach bha Robbie fhathast ann.
Bha Robbie co-obrachail. Thugadh a h-uile ball àirneis a-mach às an taigh. Chaidh an doras a ghlasadh. Agus choisich an còignear thar na
mòintich chun an rathaid.
Nuair a ràinig iad an rathad, chaidh lioft a thabhann do Robbie gu ruige Baile Dhubhthaich far an robh a’ bhean aige a-nise a’ fuireach. Thuirt e ris na
poilis gum biodh e a’ tilleadh an ceann latha no dhà airson an stuth aige a thoirt air falbh. Gheibhear cunntas dhen ùine a chuir na Northways seachad anns
an t-Srathan anns an leabhar “Wilderness Dreams” le Mike Cawthorne. Tha Cawthorne fhèin a’ cur nan ceist – carson nach deach an stoc aig na Northways a
thrusadh? Agus carson nach do chuir an t-òrdugh-cùirte stad orra bho bhith a’ tilleadh ann? A rèir an òrduigh, cha robh cead aca dhol a dh’fhuireach anns
a’ bhothan a-rithist. Ge-tà, cha do chuir e stad air na Northways bho bhith a’ fuireach ann an nàbaidheachd a’ bhothain.
Agus ’s e sin, gu dearbh, na thachair. Bha Robbie deimhinne gun robh e ceart ann a bhith ag àiteachadh na talmhainn anns an t-Srathan, co-dhiù bha am
bothan fosgailte dha gus nach robh. Mar sin, thill e don àite agus thog e bruchlag de phìosan iarainn aig ceann an taighe. Bha i beag is tais agus b’
fheudar do Robbie teine mònach a bhith aige fad an t-siubhail airson a’ mheanbh-chuileag a chumail a-mach.
Le seann chrann air a cheangal ris a’ ghearran aige, rinn Robbie obair treabhaidh. Chuir e todhar is feamainn air an talamh. Thòisich e air pìos talmhainn
a dhèanamh rèidh airson taigh a thogail. Bhuain e mòine. Thog e gàrradh mòr fada. Chuir e buntàta. Bha a h-uile rud sin iongantach oir bha e a’ fulang
droch shlàinte.
Nochd buill Chomann Bothain nam Beann airson obair leasachaidh a dhèanamh air a’ bhothan. Bha iad mì-thoilichte gun robh Robbie fhathast a’ fuireach ri
taobh a’ bhothain. “Bha e,” thuirt fear aca, “mar gun robh duine a dh’fheuch ri mèirle a dhèanamh anns an taigh agad air gluasad an ath dhoras.” Ach fhuair
iad air adhart math gu leòr leis nuair a bha iad ann. Agus, anns an fharsaingeachd, tha e coltach gun robh daoine a’ toirt spèis dha airson na spàirne a
rinn e.
Ach feumaidh nach robh a h-uile duine riaraichte. Chan eil luchd-fianais ann a dhearbhas na thachair, ach tha Robbie a’ cumail a-mach gun do choisich
dithis fhear òg don t-Srathan Didòmhnaich a bha seo anns an Lùnastal dà mhìle ’s a h-aon (2001). Bha iad tapaidh agus bhruidhinn iad Beurla le blas a
bhuineadh do cheann a tuath Shasainn. Rinn iad dochann air Northway agus dh’innis iad dha gun robh an t-àm aige teicheadh.
Agus ’s e sin a rinn e. Thàinig caibideil bheag annasach ann an eachdraidh taobh an iar-thuath na Gàidhealtachd gu crìch le fuadachadh is dochann. Aig a’
cheann thall, ’s dòcha nach robh Robbie Northway cho buileach eadar-dhealaichte bho mhòran de na Gàidheil a bha beò anns na linntean roimhe.