Tha e inntinneach mar a tha daoine air a bhith a’ dèanamh coimeas o chionn ghoirid eadar dà cheann-cinnidh aig a bheil seann chaisteal anns na h-eileanan –
MacLeòid Dhùn Bheagain agus MacNeìll Bharraigh, neo MacNìll mar a chanas muinntir Bharraigh fhèin. ’S e is coireach airson sin gu bheil iad air dà dhòigh
eadar-dhealaichte a thaghadh airson obair mhòr, obair-chàraidh, a dhèanamh air an caistealan.
Shaoil MacLeòid Dhùn Bheagain gur e an dòigh a b’ fheàrr a bh’ aige airson pàigheadh airson na h-obrach an Cuiltheann, na beanntan brèagha ann an ceann a
deas an Eilein Sgitheanaich, a reic, airson deich millean not. Le airgead mar sin, dh’fhaodadh e obair gu leòr a dhèanamh air Caisteal Dhùn Bheagain.
Ach bha dòigh eile aig MacNèill. Thug e an caisteal aigesan seachad don bhuidhinn nàiseanta Historic Scotland air màl airson ceud bliadhna. Agus
cha bhi aig Historic Scotland ri pàigheadh ach not agus botal uisge-bheatha do MhacNèill gach bliadhna. Tha mi a’ tuigsinn gum faod MacNèill
taghadh a dhèanamh air an uisge-beatha, ge-tà, gus dèanamh cinnteach gur e fear math a th’ ann.
Nise, chan eil fhios a’m co-dhiù tha diofar fheallsanachd ann, neo co-dhiù bha diofar fheallsanachd ann, eadar gach cinneadh sin a thaobh airgead. Ach bha
mi ann am Barraigh o chionn ghoirid agus fhuair i a-mach gu robh uair ann nuair a bha ceann-cinnidh Clann ‘ic Leòid agus ceann-cinnidh Clann ‘ic Nèill
a-mach air a’ chèile gu dubh mu dheidhinn airgead.
Thachair e anns a’ bhliadhna sia ceud deug trì fichead ’s a còig-deug (1675), nuair a bha MacNèill fo fhiachaibh do MhacLeòid. Bha aig MacNèill ri còrr is
leth-cheud punnd Albannach a phàigheadh don fhear eile; bha sin co-ionann ri faisg air còig punnd Sasannach. Agus chuir MacLeòid sgioba a dh’ionnsaigh
Bharraigh airson an t-airgead fhaighinn air ais. Cha b’ e sin a-mhàin, ach bha teachdaire bhon Rìgh còmhla riutha. Bha an Rìgh, Teàrlach II, a’ taobhadh le
MacLeòid.
Nuair a ràinig iad Bagh a’ Chaisteil, dh’fheuch sgioba MhicLeòid ri faighinn a-steach don chaisteal, ach bha an geata glaiste. Agus chan e fàilte a fhuair
iad, ach clachan air an cinn bho gu h-àrd. Cha robh MacNèill a’ dol a phàigheadh sgillinn. Agus nuair a dh’fhalbh na Sgitheanaich, thàinig na Barraich as
an dèidh. B’ fheudar do sgioba MhicLeòid dhol air tìr ann an eilean beag faisg air Barraigh.
Anns an eilean sin, fhuair bràthair aig MacNèill greim air teachdaire an Rìgh. Ghoid e na pàipearan aige, agus thug e rabhadh dha gun a bhith a’ tilleadh a
Bharraigh.
Uill, cha robh e glic a bhith a’ dèiligeadh anns an dòigh sin ri teachdaire bhon Rìgh. Agus, ann an sia ceud deug, trì fichead ’s a naoi-deug (1679), b’
fheudar do MhacNèill, a bhràthair agus feadhainn eile nochdadh anns a’ chùirt ann an Dùn Eideann. Fhuaradh MacNèill neo-chiontach, ach fhuaradh a bhràthair
ciontach agus b’ fheudar dha mìle punnd Albannach a phàigheadh. Tha fhios gur e MacNèill fhèin a phàigh e. Agus chaidh pàirt mhòr dhen airgead, faisg air
seachd ceud punnd, do MhacLeòid Dhùn Bheagain.
Agus seo rud a tha inntinneach mu dheidhinn a’ ghnothaich. Mu fhichead bliadhna as dèidh cùis na cùirte, dh’fhàg MacNèill a chaisteal airson a dhol a
dh’fuireach air tìr-mòr Bharraigh. Bha an caisteal a’ tuiteam as a’ chèile. Cò aige tha fios nach robh an t-airgead a chaill e do MhacLeòid mar phàirt dhen
adhbhar nach b’ urrainn dha pàigheadh airson a chàradh.
Co-dhiù, an-diugh cha leag MacNèill leas càil a phàigheadh airson a chaisteal a chàradh. Nì Historic Scotland e. Ach dè nì MacLeòid mura tèid aige air an
Cuiltheann a reic?