FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Faclair Gàidhlig do Lighichean 's do Bhanaltraman

O chionn trì bliadhna neo mar sin, thàinig duine a-steach

Audio is playing in pop-over.

Faclair Gàidhlig do Lighichean 's do Bhanaltraman

O chionn trì bliadhna neo mar sin, thàinig duine a-steach gu clas Gàidhlig a bha mi a’ cumail ann an Inbhir Nis agus thòisich sinn air bruidhinn ri chèile. Bha e ag ionnsachadh na Gàidhlig ach cha robh e fileanta is, mar sin, chuir mi ceistean sìmplidh air. “Cò às a tha sibh?” is “dè cho fada ’s a tha sibh air a bhith a’ fuireach ann an Inbhir Nis?”. Ceistean mar sin.

An uairsin, dh’fhaighnich mi dheth “dè an obair a th’ agaibh?” agus fhreagair e, “tha mi nam phràmhaiche.”

“O, seadh,” arsa mise, “tha sin math. Um, uill, a bheil sibh nur pràmhaiche math?”

“Tha,” fhreagair e, “cha chreid mi nach eil. Neo tha mi ’n dòchas gu bheil co-dhiù!”

“Tha is mise,” thuirt mi, “ach feumaidh mi aideachadh nach eil mi a’ tuigsinn dè th’ ann ann am pràmhaiche.”

“O, tha mi duilich,” ars’ esan, “ach ’s e sin a’ Ghàidhlig air anaesthetist.”

“Uill, ’s math fios a bhith agam air a sin!” thuirt mi le gàire. Chan eil latha a’ dol seachad ’s nach eil mi ag ionnsachadh rudeigin!

Bha an duine seo ag obair ann an ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis, agus nuair a thàinig e don chlas air an t-seachdain as dèidh sin, thug e dhomh leth-bhreac de dhuilleagan a-mach à faclair beag a chaidh a chruthachadh le buidheann ris an canar Comann Gàidhlig Seirbheis na Slàinte. ’S e an t-ainm a th’ air an leabhar bheag Faclair Gàidhlig do Lighichean ’s do Bhanaltraman

Agus lorg mi na faclan air a’ chiad duilleig. Anaesthetic – pràmhan. Anaesthetist – pràmhaiche. Uill, tha na faclan sin a’ dèanamh ciall, ged is iad na faclan Beurla as cumanta a chluinneas tu ann an còmhradh Gàidhlig. Tha pràmh a’ ciallachadh cadal, neo tàmh neo fois. Ma tha thu fo phràmh, tha thu nad chadal. Ma tha thu a’ gabhail pràmh, tha thu a’ gabhail fois neo a’ faighinn cadal airson greis. Tha pràmh cuideachd a’ ciallachadh bròn neo mulad.

Nuair a chluinneas mi am facal pràmh, ’s ann tric a tha mi a’ smaoineachadh air bàrd a bha uaireigin ainmeil air a’ Ghàidhealtachd, Uilleam Mac a’ Ghobhainn, neo Uilleam Ruigh ’n Uidhe, a bha beò anns an ochdamh linn deug. Bha esan às Obair Neithich, làimh ris na beanntan brèagha ris an can sinn am Monadh Ruadh.

Bha Uilleam na shealgair agus chuir e seachad mòran ùine anns na beanntan sin. ’S e an t-àite a b’ fheàrr leis Allt an Lochain Uaine ann an Gleann an Doire agus sgrìobh e dàn mu dheidhinn a bha uaireigin ainmeil air feadh na Gàidhealtachd, ach gu h-àraidh ann am Bàideanach is Srath Spè. Seo a’ chiad rann dheth:

Aig Allt an Lochain Uaine,

Gun robh mi uair a’ tàmh,

’S ged a bha an t-àite fuar,

Bha an fhàrdach fuathasach blàth.

Ged thigeadh gaoth o thuath orm,

Is cathadh luath on àird,

Bhiodh Allt an Lochain Uaine

Le fhuaim gam chur gu pràmh.

Chì sibh gu robh am bàrd gu math measail air nàdar, agus tha e follaiseach gun do ghabh e tlachd mhòr bho bhith a-muigh anns na beanntan, fiù ’s nuair a bha cur is cathadh ann.

Agus dè an dòigh a b’ fheàrr leibh fhèin a bhith air ur cur fo phràmh? Le pràmhaiche proifeasanta ann an ospadal, a chleachdas gasaichean mi-nàdarrach? Neo le fuaim binn nàdarrach Allt an Lochain Uaine anns a’ Mhonadh Ruadh? Uill, chan eil fhios a’m dè ur beachd fhèin, ach feumaidh mi ràdh gur ann a’ taobhadh le Uilleam Ruigh ’n Uidhe a tha mise. Beannachd leibh.

Litir 47 Litir 47 Litir 49 Litir 49

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!