Tha mòran a’ dèanamh gàirdeachas gun do cheannaich Urras Nàiseanta na h-Alba Eilean Mhiùghlaigh o chionn ghoirid. Mura h-eil sibh ro eòlach air na
h-eileanan a-muigh, tha Miùghlaigh gu deas air Barraigh. ‘S e Mingulay a th’ air ann am Beurla. ’S ann le buidheann de chroitearan a bha an
t-eilean, agus eileanan eile faisg air, agus chaidh an reic air fad don Urras Nàiseanta.
Uill, tha sin glè mhath gu ìre. Chan eil teagamh nach dean an t-Urras obair mhath ann a bhith a’ glèidheadh nan eun-mara a tha pailt ann, agus ann a bhith
a’ coimhead as dèidh àrainneachd nàdarrach an eilein. Agus ’s dòcha gun dean iad obair air na tobhtaichean cuideachd, mar a rinn iad ann an Hiort. Tuigidh
sibh nach eil duine a’ fuireach ann am Miùghlaigh an-diugh. Dh’fhàg an fheadhainn mu dheireadh ann an naoi ceud deug ’s a dhà-dheug (1912).
Ach tha aon phàirt de dhìleab Mhiùghlaigh nach urrainn don Urras Nàiseanta a bheòthachadh as ùr: an cànan agus an cultar a bha na lùib. Anns an naoidheamh
linn deug, bha Miùghlaigh na àite fìor mhath airson aithris-sgeulachdan. Agus ’s e an duine a b’ fheàrr a bh’ anns an eilean, co-dhiù timcheall meadhan an
linn, fear Ruairidh MacNèill, neo Ruairidh Dhòmhnaill.
Bidh sibh eòlach, tha mi ’n dòchas, air an t-sreath leabhraichean le Iain Og Ile, John Francis Campbell, air a bheil Popular Tales of the West Highlands. Bha fear eile às Ile, Eachann MacIlleathain, am measg an fheadhainn a chruinnich beul-aithris dha, agus
fhuair e grunn sgeulachdan bho Ruairidh MacNèill ann am Miùghlaigh.
Seo beagan de na sgrìobh MacIlleathain mu dheidhinn an sgeulaiche: Bidh e a’ dol timcheall ceannruisgte is casruisgte agus thathar ag ràdh nach do chuir e
brògan air bho chionn leth-cheud bliadhna. Bidh e ag innse a chuid sgeulachdan le brìgh anabarrach… cleachdaidh e dàil is anail is àrdachadh is ìsleachadh
a ghuth’ airson faireachdainn a lìbhrigeadh mar gu robh e air trèanadh fhaighinn bho na h-actairean a b’ fheàrr ri linn…
Chuir Iain Og Ile e fhèin ùine seachad ann an Miùghlaigh cuide ri Alasdair MacIlleMhìcheil, a tha ainmeil airson cruinneachadh eile de bheul-aithris na
Gàidhlig, Carmina Gadelica. Bha iad glaiste anns an eilean le stoirm ann an ochd ceud deug trì fichead ’s a h-aon-deug (1871), agus tha fhios gu
robh cothrom gu leòr aca còmhradh ri Ruairidh MacNèill.
Seo beagan de na sgrìobh MacIlleMhìcheil mu dheidhinn bliadhnaichean as dèidh làimh: Bha MacNèill an uairsin ceithir fichead bliadhna ‘s a dhà-dheug (92).
Cha robh e air a bhith tinn a-riamh, cha robh brògan air a bhith air a chasan a-riamh, agus cha robh e air tì a ghabhail a-riamh… Na òige bha e na eunadair
air leth, a’ gluasad gu sgiobalta air creagan ochd ceud troigh os cionn na mara, far a chuireadh an t-eagal dàil air gobhar neo cat…
Cha do rugadh MacNèill ann am Miùghlaigh, ge-tà. Bhuineadh e do Bharraigh, ach chaidh e fhèin is a theaghlach gu ruige Mhiùghlaigh ann an ochd ceud deug,
’s còig ar fhichead (1825) nuair a chaidh am fuadachadh. Bha e cliùiteach am measg nan eileanach airson cho math ’s a bha e air sgeulachdan aithris. ’S
dòcha, ge-tà, gu robh aon duine anns an eilean nach robh cho measail sin air – an greusaiche!
Ged a bha e a’ fuireach ann an eilean beag iomallach, bhuineadh na sgeulachdan aige do dhualchas farsaing na Gaidhealtachd. Bha aon tè aige air a bheil
feadhainn eòlach an-diugh fhathast – Sgeulachd a’ Ghille Charaich, Mac na Bantraich. Bheireadh i còrr is leth-uair a thìde ri h-aithris air fad. Ach bheir
sinn sùil air criomag aiste an ath sheachdain.