Tha mo cheann goirt. Tha mo shùil goirt. Tha mo bheul goirt. Nise mus tòisich sibh a’ smaoineachadh gu robh mi a’ sabaid an-raoir, feumaidh mi innse dhuibh
gu bheil mi dìreach a’ leughadh abairtean à leabhar. ’S e an t-ainm a th’ air an leabhar Tha mi a’ dol a chur a-mach** agus chaidh a dhèanamh
airson daoine a tha ag obair ann an ospadail far am bi Gaidheil ann mar euslaintich.
Tha an leabhar glè thaitneach. Tha e làn dealbhan dathte agus abairtean feumail. Agus bu mhath leam an fheadhainn a rinn e a mholadh. Is iad còignear
bhoireannach – ceathrar oileanach a tha a’ trèanadh airson a bhith nan nursaichean ann an Steòrnabhagh, agus t’ eile a tha gan teagasg.
Chanainn gu bheil an leabhar seo gu math feumail do luchd-ionnsachadh na Gàidhlig, fiù ’s ma tha iad cho fallain ri breac. Tha cuid de na h-abairtean na
bhroinn cumanta anns an dachaigh, a bharrachd air an ospadal, gu h-àraidh ma tha clann a’ fuireach ann. Rudan mar tha mi ag iarraidh deoch neo tha an t-acras orm neo tha feum agam air an toilet.
Agus tha abairt neo dhà ann a mholainn do phàrantan nuair a thig latha nam màthraichean neo ’s dòcha a h-uile madainn Didòmhnaich. Rudan mar tha mi a’ faireachdainn sgìth agus tha mi ag iarraidh cluasag eile. Agus fear a bhios feumail don chloinn nuair a thig iad a dh’ionnsaigh
leabaidh am pàrant a’ chiad char madainn Didòmhnaich – seo cupa teatha dhuibh. Hmm. Leis an fhìrinn innse, chan eil cuimhn’ a’m cuin’ a fhuair mi
sin mu dheireadh. Nan robh mi ag iarraidh a leithid, agus mi a’ feitheamh ris a’ chloinn èirigh leotha fhèin, dh’fheumainn fuireach nam leabaidh gu meadhan
latha!
Tha dìreach aon abairt anns an leabhar a tha mi ’n dùil nach biodh feumail anns an dachaigh: seall – cnàmhan briste. Uill, tha mi ’n dòchas nach
biodh e feumail anns an dachaigh agaibhse!
’S e am facal a tha anns an leabhar airson nurse – nurs – agus ’s e sin as cumanta an latha an-diugh. Bidh sinn a’ bruidhinn air nurs is
nursaichean. Ach cluinnidh sibh cuideachd facal nas sine na sin: banaltram. O shean, ’s e bean-altraim a bh’ ann, boireannach a bhiodh a’
togail clann aig cuideigin eile. ’S e altramas facal airson nursing. Bean-altraim – banaltram.
Tha dà rud ann a tha inntinneach mu dheidhinn an fhacail sin an latha an-diugh. Ma ’s ann air male nurse a tha sinn a’ bruidhinn, an canamaid
banaltram? ’S dòcha gu bheil e nas fhasa nurs a ràdh ris. Agus dè chanas sinn ma tha barrachd na aon bhanaltram ann? Uill, tha sin air atharrachadh tro
thìde.
’S e am facal iolra, neo plural, air bean – mnathan. Agus anns an t-seann aimsir, chanadh daoine mnathan-altraim. Ach, mar is trice an
latha an-diugh, thathar a’ dèanamh an fhacail iolra le bhith a’ cur – an aig an deireadh. Banaltraman.
Tha aon dealbh anns an leabhar a tha a’ còrdadh rium glan. ’S e dotair a th’ ann agus tha e a’ cur euslainteach gu cadal le bhith a’ slaiceadh air le làimh
mar a bhios iad a’ dèanamh ann an karate. ’S e an t-ainm a th’ air – an Dotair K. Fu. Tha fhios gur e Kung a’ chiad ainm a th’ air!
Tha an Dr. Fu na senior anaesthetist, a rèir an leabhair, agus tha e a’ cur nam chuimhne turas a thachair mi ri fear anns an dreuchd sin a bha ag
ionnsachadh na Gàidhlig. Agus bha facal Gàidhlig aige airson anaesthetist. Facal math, chanainn. Agus an ath sheachdain, innsidh mi dhuibh dè bh’
ann.