Na bu tràithe dhen bhliadhna seo bha mi ann an Gleann Nibheis, faisg air a’ Ghearasdan. Tha ceann shuas a’ ghlinne dìreach àlainn. Tha Abhainn
Nibheis a’ sruthadh eadar beanntan mòra tro ghleann is glòm a tha làn chraobhan dùthchasach.
Faisg air ceann an rathaid, tha uamh. Tha i air a comharrachadh air a’ mhapa mar Uamh Shomhairle. Tha eachdraidh inntinneach aice.
’S e Sliochd Shomhairle Ruaidh a chanar ris na Camshronaich a bhuineadh do Ghleann Nibheis. ’S e MacShomhairle ainm a’ chinnidh aca no, ann am
Beurla, MacSorlie. Thathar a’ dèanamh ceangal eadar iad fhèin agus Camshronaich eile. Thathar ag ràdh gun d’ fhuair iad fearann anns a’
ghleann anns an treas linn deug. Tha cuid eile dhen bheachd, ge-tà, gur e Dòmhnallaich a bh’ annta bho thùs, agus gun d’ fhuair an tùsair aca,
Somhairle, fearann anns a’ ghleann bho Iain, Triath nan Eilean, anns a’ chòigeamh linn deug.
Tha cnoc anns a’ ghleann air a bheil Dùn Dìge. Thathar ag ràdh gun robh daingneach aig Clann Shomhairle an sin. Feumaidh gun robh dìg timcheall an
dùin uaireigin.
Bha Clann Shomhairle agus na Catanaich a-mach air a chèile gu dubh. Bha ceann-cinnidh Chlann Shomhairle ag iarraidh gum biodh sìth eatarra. Chuir e
cuireadh do na Catanaich riochdairean a chur a Dhùn Dìge airson deagh chàirdeas a stèidheachadh eatarra.
Chaidh an gnothach gu math. Bha gach taobh a’ faighinn air adhart gu math le chèile. Thàinig an uair airson falbh. Dh’iarr ceann-cinnidh Chlann
Shomhairle air a phìobaire port a ghabhail airson soraidh a leigeil leis na h-aoighean. Ge-tà, tha e coltach nach robh am pìobaire air a dhòigh.
Agus chluich e port gu tur mì-iomchaidh air a bheil Thigibh an seo, a chlann nan con, ’s gheibh sibh feòil. ’S e sin port catha
agus ghabh na Catanaich gu dona e. Dh’fhalbh iad len cuid armachd, is fearg orra. Bha iad air an tàmailteachadh.
Bha fios aig ceann-cinnidh Chlann Shomhairle gun tilleadh na Catanaich airson dìoghaltas a dhèanamh orra. Ach bha e a’ smaoineachadh gun rachadh
iad dhachaigh an toiseach, airson feachd a chur ri chèile.
Chaidh e fhèin ’s a h-uile duine eile innte.
Ach cha robh na Catanaich air a dhol fada.
Stad iad air cnoc beag sa ghleann. Cho-dhùin iad an sin dhol air ais a Dhùn Dìge sa bhad airson dìoghaltas a dhèanamh. ’S e Cnocan na Mì-chomhairle an t-ainm a th’ air a’ chnoc sin chun an latha an-diugh, air sgàth sin.
Thill iad a Dhùn Dìge. Bha a h-uile duine na bhroinn na chadal. Chuireadh an taigh na theine. Chaidh a h-uile duine a theich às a chur gu bàs. Ach
fhuair dithis a-mach lem beatha – searbhant don cheann-chinnidh agus mac òg a’ chinn-chinnidh, a bha na leanabh. Tha cuid ag ainmeachadh an
t-searbhant mar Iain Mac Dhòmhnaill ’ic Raghnaill. Tha cuid eile a’ dèanamh dheth gur e Somhairle a bh’ air. Phaisg e an leanabh ann am plaide, dh’fhalbh e a-mach air uinneig air cùlaibh an taighe, agus chaidh e don
uaimh.
Nuair a bha e sàbhailte, dh’fhalbh an searbhant leis an leanabh. Bha spàin airgid aige a thug e leis bhon taigh. An ceann greis chaidh e gu taigh
piuthar an t-seann chinn-chinnidh. Dh’aithnich ise an spàin agus ghabh i ris an leanabh mar mhac a bràthar. Thogadh an gille an sin agus, aig aois
seachd-deug, rinneadh ceann-cinnidh dheth. Mura b’ e Uamh Shomhairle bha eachdraidh air a bhith gu math eadar-dhealaichte.